Slighe Chaluim Chille

Faigh a-mach mu Chalum Chille – An Naomh Calum Cille – am manach à Èirinn a sheòl à Doire ann an 563 gus manachainn a stèidheachadh air Eilean Ì ann an Alba.

Bho Eilean Ì, chaidh Calum Cille agus a luchd-leanmhainn air feadh mòran cheàrnaidhean de dh’Alba agus Èirinn a’ craobh-sgaoileadh an t-soisgeil.

A-riamh on chaochail e ann an 597, thathar air a bhith ag innse sgeulachdan mu Chalum Cille agus a luchd-leanmhainn. Fad linntean, tha taistealaich air a bhith a’ dol chun nan àitean ris an robh ceangal aig an naomh.

Lean Slighe Chaluim Chille gu Èirinn agus Alba gus faighinn a-mach mu bheatha agus na sgeulachdan a tha ann fhathast mun duine inntinneach seo.

Colmcille leaves Ireland in a wee boat. © Rodbod