Doire
Tha cathair-bhaile Dhoire a’ dol air ais chun àm a chaidh manachainn a stèidheachadh ann san t-6mh linn. Bha a’ mhanachainn shuas air cnoc agus tha i an-diugh an teis-mheadhan an earrainn den bhaile a tha air a chuairteachadh le balla. Sna làithean tràtha san robh daoine a’ tuineachadh a’ bhaile seo, bha an cnoc seo air a chuairteachadh air gach taobh le uisge no co-dhiù bogalach (‘bogside’).
Tha baile Dhoire ceangailte gu dlùth ri sgeula Chaluim Chille. B’ ann bho Dhoire a thathar ag ràdh a sheòl Calum Cille gus a mhanachainn ùr a stèidheachadh air Eilean Ì ann an 563 agus, sna linntean an dèidh sin, bha a’ mhanachainn ann an Doire na pàirt chudromach den ‘familia’ no na manachainnean a bha co-cheangailte ri Calum Cille, agus bha manaich a’ seòladh air bàtaichean eadar an dà àite.
Tadhal air Doire gus faighinn a-mach mu mhanachainn Chaluim Chille agus gus faicinn mar a tha beatha Chaluim Chille air a comharrachadh chun là an-diugh sa chathair-bhaile.
B’ e a’ chiad ainm a bha air an làrach seo air bruaichean An Feabhail, Daire Calgaigh. Tha e air ainmeachadh Daire/Doire no ‘Doire Chaluim Chille’ an dèidh an naoimh.
A rèir beul-aithris stèidhich Calum Cille manachainn ann an Doire ann an 545, 17 bliadhna mus deach e a dh’Eilean Ì a stèidheachadh manachainn ann an sin. Thathar ag ràdh gur e seo a’ chiad mhanachainn a stèidhich e agus gur i an tè a b’ ionmhainn leis.
B’ ann aig deireadh an 10mh/no tràth san 11mh linn a chaidh an sgeula seo a chlàradh airson a’ chiad uair. Tha sgrìobhaiche a dh’ullaich ro-ràdh airson dàn-ùrnaigh ann an Laideann, Noli Pater Indulgere, ag ràdh gun deach an Dubh Regles (Dubh Mhanachainn/Black Abbey) a stèidheachadh ann an Doire le Calum Cille.
Chan eil fianais sam bith on àm sin a tha a’ dearbhadh gur e Calum Cille a stèidhich a’ mhanachainn seo – no gur ann ann an 545 a chaidh a stèidheachadh. Dh’fhaodadh gun deach a’ chiad mhanachainn seo a stèidheachadh beagan ùine an dèidh seo le fear a bha càirdeach do Chalum Cille, Fiachra mac Ciaráin a chaochail ann an 620.
A’ faighinn ann…
Tha a’ chuairt a’ tòiseachadh aig Talla na Cathair-bhaile agus a’ leantainn balla na cathair-bhaile. Gabh tarsainn na ceàrnaig agus suas gu mullach a’ bhalla a’ cleachdadh na staidhre.
Mar a dhìreas tu suas an cnoc, tha Sràid a’ Mhagasain shìos fodhad air do làimh chlì. Dh’fhaodadh gur e seo an t-slighe a bha turas-taisteil àrsaidh a gabhail.

