4.1 Ceàrnag Talla a' Baile, Port na Long

Ceàrnag an Talla Ghuild, Port na Long. © Tourism NI

Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Baile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin. Cuideachd, b’ e toiseach slighe taisteil a bh’ ann sna meadhan-aoisean air an tug Mánas Ó Dónaill iomradh ann an 1532, agus sin far a bheil ar slighe san latha an-diugh a’ tòiseachadh cuideachd. Tha Drochaid na Sìthe tarsainn air an Fheabhal gar toirt chun an àite seo. Chithear seallaidhean snog den bhaile air an drochaid agus ’s e dòigh mhath a th’ ann faighinn gu toiseach na slighe taisteil.

Bhon chiad àite-cruinneachaidh seo air bruach an Fheabhail, bhiodh na taistealaich a’ coiseachd suas an cnoc. Gus an t-slighe a leantainn an-diugh, theirigibh tro Gheata na h-Armlainn seachad air Taigh-tasgaidh an Tùir, sa bheil fiosrachadh air tùr bho na meadhan-aoisean a bha os cionn na slighe-taisteil.

Tha an cunntas as sine de bheatha Chaluim Chille, sgrìobhte timcheall air 700, ag innse dhuinn mu mhanaich a bhiodh a’ siubhal eadar Eilean Ì is Doire. San 12mh linn, thug muinntir na h-abaid cunntas sgrìobhte dhuinn air mar a dh’fhàg Calum Cille Doire mar fhògarrach, agus sgiamh nam faoileagan ri chluinntinn.

Tha grunn dhaoine air an turas a thug Calum Cille ann an curach à Doire a ghabhail a-rithist o chionn ghoirid. Sna meadhan-aoisean, bhathar a’ coimhead air an Fheabhal mar aon linne uisge bho Árd Mhic Giollagáin fo Bhinn Fhoibhne gu far a bheil Abhainn na Finne agus An Mughdhorn a’ tighinn còmhla. Cha robhar a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar an loch agus an abhainn.

 

a' faighinn ann

Tha Eaglais Naoimh Agaistín air taobh siar balla a’ chathair-bhaile mar a thig thu suas an cnoc ri taobh Sràid na h-Armlainn .

Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais bhon Chàisg chun Dàmhair, Diluain – Disathairne 10m-4f agus Là na Sàbaid airson seirbheisean.


 
   
  • Guild Hall Derry
     

    4.1 Ceàrnag Talla a' Bhaile, Port na Long.

    Sna meadhan-aoisean sa bhaile, b’ e Port nan Long a bh’ aca air Ceàrnag Talla a' Bhaile a bha air bruach Abhainn an Fheabhail. B’ e sin a’ phrìomh shlighe a-steach don bhaile san linn sin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.2 Eaglais Naomh Agaistín

    Dh’fhaodadh gur e Eaglais Naomh Agaistín làrach manachainn Chaluim Chille ann an Doire a chaidh a stèidheachadh aig deireadh an 6mh linn.

  • Áras Cholmcille
     

    4.3 Áras Cholmcille

    Tha Áras Cholmcille – Ionad Dualchais Chaluim Chille – air fearann Eaglais an Tùir Fhada.

  • Eaglais an Tùir Fhada
     

    4.4 Eaglais an Tùir Fhada

    Chaidh an eaglais Chaitligeach seo a togail faisg air dà làrach Chrìosdail chudromach ann an Doire. Bha tùr cruinn manachainn Dhoire faisg air an làrach seo chun 17mh linn agus is ann bhuaithe a tha ainm Eaglais an Tùir Fhada a’ tighinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.5 Tobar Chaluim Chille

    Is e an tobar coisrigte seo am fòcas airson là sònraichte air 9 Ògmhios – là fèill Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    4.6 Mòr Eaglais Chaluim Chille

    Chaidh cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille a bhuineas do dh’Eaglais na h-Èireann a togail eadar 1628 agus 1633. Ged a tha daoine air a bhith a’ tuineachadh a’ bhaile seo o chionn ùine mhòir is e seo an togalach as sine a tha ann an Doire.