Earra-Ghàidheal

Beautiful Argyll with Jura in the distance. Argyll, the Sound of Jura and Jura.

’S e àite a tha làn de choilltean àrsaidh, lochan-mara fada agus seallaidhean de dh’eileanan a tha ann an costa siar Earra-Ghàidheil An seo ionnsaichidh tu mu chiad sheachdainean Chaluim Chille ann an Alba nuair a bha e a’ sireadh àite san stèidhicheadh e a mhanachainn.

Lean an sgeula mu shlighe Chaluim Chille air bàta à Èirinn gu Dùn Ad daingneach an riaghladair ionadail, Conall mac Comgaill.

Bha sgeulachdan mu shlighe Chaluim Chille tro Earra-Ghàidheal air an innse an toiseach fada an dèidh bàs an naoimh. Dh’fhaodadh gun robh iad air an innse le daoine a bha airson eachdraidh naoimh a thoirt don tìr mun cuairt orra le bhith gan ceangal ri beatha Chaluim Chille.

Dh’fhàg Calum Cille Doire anns an Ògmhios 563 agus sheòl e gu Earra-Ghàidheal. Goirid an dèidh dha ruighinn, thathar ag ràdh gun do thadhail e air an Rìgh Conall, rìgh Dhàl Riata, dh’fhaodadh e bhith, aig a dhaingneach ann an Dùn Ad. Tha e follaiseach gur e duine le inbhe agus le cumhachd phoilitigeach a bha ann an Calum Cille leis gun do choinnich e ri Conall cho luath ’s a ràinig e Alba.

B’ e muinntir Dhail Riata, a bha nan luchd-labhairt na Gàidhlig, an fheadhainn a bha fo riaghladh Chonaill agus bha a rìoghachd a’ gabhail a-steach ceann a tuath na h-Èireann agus taobh siar na h-Alba.

Bha Conall a’ riaghladh ceann a deas Earra-Ghàidheil an là an-diugh, Cenél nGabráin, ged a tha Eilean Ì ann an ceann a tuath Earra-Ghàidheil. Tha e glè choltach gun robh Conall a’ toirt do Chalum Cille fearann a bha taobh a-muigh a smachd fhèin. Dh’fhaodadh gun robh Conall air còir fhaighinn car tamaill air na ceàrnaidhean sin – agus a’ toirt Eilean Ì do Chalum Cille mar dhòigh air a bhith a’ cur an cèill ùghdarras fhèin san àite sin.

Sna bliadhnaichean an dèidh sin, leudaich lìonra mhanachainnean Chaluim Chille air feadh eileanan Innse Gall agus air feadh tìr mòr na h-Alba ann an ceàrnaidhean nan Gàidheal ’s nan Cruithneach.

Lean Calum Cille air a’ faighinn fearann agus taic eile airson eaglaisean agus a mhanachainnean bho rìghrean Dhàl Riata. Às aonais an tacsa seo, cha bhiodh e air a bhith comasach do Chalum Cille an lìonra fharsaing de mhanachainnean a stèidheachadh.

Thar a’ chuain

Aig cridhe na sgeula seo tha na ceanglaichean dlùth a tha eadar Èirinn agus Alba – aig an làrach as fhaisge chan eil an dà eilean ach 13 mìle air falbh bho chèile.

Ma sheasas tu air taobh siar Earra-Ghàidheil, tha e glè fhurasta Èirinn fhaicinn. Tha e a’ cur nar cuimhne an dòigh eadar-dhealaichte san robh daoine ag amharc air an t-saoghal san robh iad beò san là san robh e na b’ fhasa a bhith a’ dol bho àite gu àite air bàta seach a bhith a’ dol thar na tire.

Ann an là Chaluim Chille is ann aig an Dàl Riata – an cinneadh a bha a’ riaghladh agus a bhruidhneadh na Gàidhlig – a bha cumhachd ann an ceann a tuath Èirinn agus air taobh siar na h-Alba. Bha giorrad an turais mara a’ ciallachadh gun robh ceanglaichean cunbhalach eadar an dà bhuidhinn air gach taobh de Shruth na Maoile.

Fiosrachadh Prataigeach

Thoir dhut fhèin 1-2 là gus tadhal air gach làrach air an t-Slighe ann an Earra-Ghàidheal.

Tha an turas a’ tòiseachadh ann an Dùn Ad agus a’ dol chun iar dheas air rathaidean Cnapadail. Tha an làrach mu dheireadh aig fìor cheann a deas Chinn Tìre, An Ceann mu Dheas. No faodaidh tu tòiseachadh sa Cheann mu Dheas agus leantainn ort gu tuath.

An uair a dh’fhàgas tu na prìomh rathaidean, tha mòran dha na rathaidean cumhang le àitean orra airson càraichean a leigeil seachad agus mar sin feumaidh tu barrachd tide a thoirt dhut fhèin airson an turais.

Tha na rathaidean seo, air am feum thu gabhail air do shocair, a’ toirt dhut barrachd chothroman an t-àite a rannsachadh agus gabhail a-steach sàmhchair nan lochan is nan coilltean.

 
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.1 Dùn Ad

    San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

    Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

    Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

    Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.5 Eaglais Chille Mhoire

    Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

    Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

  • Southend. Argyll, Scotland.
     

    6.7 An Ceann a Deas

    A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris.