6.1 Dùn Ad

Dunadd from the air. © RCAHMS

San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

Tha a’ charraig mhòr seo na seasamh gu h-àrd air a’ Mhòine Mhòir is Abhainn Ad a’ snìomh shìos mu bonn.

Thadhail Calum Cille air rìgh Dhàl Riata aig Dùn Ad an uair a thàinig e gu Earra-Ghàidheal an toiseach. ’S dòcha gun do choinnich iad aig Dùn Ad.

Tadhail air a’ charraig far an robh gearastan muinntir Dhàl Riata. Faic lorgan coise a tha air an snaigheadh ann an cloich agus a dh’fhaodadh a bhith mar phàirt de dheas-ghnàth rìoghail a bha aca an uair a bhithte a’ cur rìghrean ùra nan dreuchd.

Dunadd from Mòine Mhòr. © Alan Sproull

Goirid an dèidh dha a thighinn a dh’Earra-Ghàidheal, thathar ag ràdh gun do thadhail Calum Cille air Conall, rìgh Dhàl Riata, aig a phrìomh làrach.

’S iongantach mur e Dùn Ad am prìomh dhaingneach agus àite-cumhachd Chonaill agus tha e glè choltach gur ann an seo a thàinig Calum Cille.

Bha fearann aig an Dàl Riata sa cheàrnaidh ris an canar ceann a tuath Èirinn san là an-diugh agus ann an Earra-Ghàidheal.

Tha e glè choltach gun tug Conall cead do Chalum Cille manachainn a thogail air Eilean Ì agus gun do leig an fheadhainn a thàinig an dèidh Chonaill do Chalum Chille a lìonra a leudachadh gu eileanan eile air feadh Innse Gall.

Bha gearastan mòr Dhùn Ad air a thogail air carraig chreagach ag èirigh 60 meatair os cionn an fhearainn mun cuairt.

Bhon chnoc chithear an caladh aig a’ Chriònan, mu 3 mìle air falbh agus, taobh thall na mara, eileanan Dhiùra agus Sgarba. Tha e furasta faicinn carson a bha an t-àite ro-innleachdail seo air a chleachdadh agus air a leasachadh thar iomadh linn.

Bha an dùn air a leudachadh thar iomadh ghinealach – thòisich e mar dhùn beag anns an 4mh no an 5mh linn agus bhathar fhathast gu leasachadh san 8mh no an 9mh linn. Aig aon àm, bha tiughad de dheich meatairean sa bhalla.

Streap suas an cnoc agus lorgaidh tu dà lorg-choise snaighte sa chreig faisg air mullach a’ chnuic. Bha na lorgan seo air an cleachdadh ann an deas-ghnàthan coisrigidh rìghrean an Dàl Riata.

Tha lorg-coise snaighte ann an creig a tha a’ coimhead dhan àirde tuath. Tha lorg eile ann nach eil slàn. An uair a chuireadh rìgh a chas ann an lorg mar sin bha e mar chomharra gun robh e ga cheangal fhèin ris an fhearann. Aig an àm, bhathar dhan bheachd gun robh e na shamhla air aonadh eadar an rìgh agus ‘a’ bhan-dhia’ a bha a’ riochdachadh an fhearainn agus a thorrachais. An uair a chuireadh e a chas dhan chloich seo, bhiodh e cuideachd a’ coimhead thairis air an fhearann a bha e a’ dol a riaghladh thairis.

Tha ìomhaigh shnaighte de thorc faisg air làimh, nach eil uabhasach furasta fhaicinn a-nis, agus tha sgrìobhadh ann an ogham ann cuideachd - seann aibidil o àm thràth sna meadhan aoisean. Bha na litrichean mar sgrìoban sa chreig. Chan eil e soilleir dè tha na sgrìoban seo a’ ciallachadh ach tha iad a’ sealltainn gur e àite sònraichte a bha sa ghearastan, ’s gun robh e ceangailte ri daoine cumhachdach.

Tha a’ chlach a-nis fon talamh ach chithear mac-samhail dhith gus an tèid an snaigheadh air a’ chloich fhèin a dhìon.

Dunadd, the footprint and River Add © BMPix

’S dòcha gun robh a’ mhias a tha air a snaigheadh dhan chreig air a cleachdadh airson uisge a chumail an uair a bhithte a’ coileanadh seirbheisean coisrigidh.

Bhiodh an Dàl Riata a’ dèanamh sheudan agus obair-shnaighte cloiche eireachdail. Tha cladhadh arceòlasach a tha air an làrach seo air a thoirt am follais gun robh sluagh Dhàl Riata a’ malairt stuth ri daoine bho thìr mòr na Roinn Eòrpa. Lorg arcèolaichean cruinneachadh air leth de chrèadhadaireachd a thàinig dhan dùthaich bho mòr-thìr na h-Eòrpa. B’ e seo an cruinneachadh de chrèadhadaireachd a bu mhotha a chaidh a-riamh a lorg ann an dùthaich Cheilteach air costa an Iar na Roinn Eòrpa.

Bhiodh muinntir Dhàl Riata cuideachd a’ dèanamh an seudaireachd fhèin leithid bràistean agus prìneachan. Tha cladhadh arceòlach air lorg fhaighinn air na molltairean anns am bithte a’ dèanamh nan nithean prìseil seo.

Tha na nithean a bha air an lorg aig Dùn Ad a-nis air an cumail ann an Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn agus ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.’

Tha e gu math coltach gun robh Earra-Ghàidheal air a thighinn fo bhuaidh a’ chreideimh Chrìosdail mus tàinig Calum Cille ann an 563. Tha na carraighean-cuimhne Crìosdail a’ dol air ais chun t-6mh linn.

Tha mòran chlachan snaighte Crìosdail tràth agus làraich co-cheangailte ri adhradh anns an sgìre.

Chithear iad ann an Eaglais Sgìre Chille Mhàrtainn, Eaglais Sgìre Chille Mhìcheil, Eaglais Chille Mhoire agus Eaglais na Cille.

 

A’ faighinn ann

A’ draibheadh gu tuath bho Cheann Loch Gilb air an A816, tha soidhne airson Dùn Ad air an taobh chlì. Tha àite-pàircidh aig bonn a’ chnuic.

Gabh am frith-rathad gu mullach a’ chnuic. Chithear na lorgan-coise faisg air a’ mhullach.

Bi faiceallach an uair a bhios tu a’ coiseachd air a’ chnoc oir chan eil an talamh rèidh agus uaireannan bidh na clachan sleamhainn.


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.1 Dùn Ad

    San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

    Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

    Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

    Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.5 Eaglais Chille Mhoire

    Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

    Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

  • Southend. Argyll, Scotland.
     

    6.7 An Ceann a Deas

    A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris.