6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn. Ach bha àite cudromach aig a’ cheàrnaidh seo ann an dualchas tràth Crìosdail na h-Alba.

B’ ann dìreach 5 mìle deas air seo aig Dùn Ad a bha daingneach a bha aig rìghrean Dhàl Riata. Thathar ag ràdh gun do thadhail Calum Cille air rìgh Dhàl Riata goirid an dèidh dha Doire fhàgail, is dòcha airson cead fhaighinn a mhanachainn a thogail air Eilean Ì.

Ann an cladh Eaglais Chille Mhàrtainn tha cruinneachadh de 79 leacan snaighte tràth Crìosdail is meadhan-aoiseil am broinn a’ chlaidh agus ann an togalach ri taobh na h-eaglaise. Tha dà chrois shnaighte air an cumail am broinn na h-eaglaise.

Kilmartin Church © Simon Kindlen @ kindlen.eu

Tha Kilmartin no Cille Mhàrtainn a’ ciallachadh ‘eaglais an Naomh Màrtainn’ sa Ghàidhlig. Tha Adomnan a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille, a’ clàradh gun robh manaich Chaluim Chille a’ toirt mòran àite don Naomh Màrtainn. Tha e glè choltach gun robh lethbhreac de Bheatha an Naomh Màrtainn on 5mh linn san leabharlann air Eilean Ì.

Tha an leac-uaighe as tràithe ann an seo a’ dol air ais chun 13mh linn ach bha Crìosdaidhean a’ fuireach agus ag adhradh sa cheàrnaidh seo fada ron àm sin.

Tha leacan a chaidh an snaigheadh leis an aon bhuidheann de shaigheadairean air an lorg air feadh taobh siar na Gàidhealtachd is Earra-Ghàidheal. Bha an fheadhainn a bu shine dhiubh air an dèanamh le clachairean a bha stèidhichte air Eilean Ì. Ach cha b’ e iad sin an t-aon bhuidheann de luchd-ciùird is luchd-ealain a bha a’ dèanamh leacan den t-seòrsa seo. Bha feadhainn eile ag obair aig Loch Obha aig deireadh a’ 14mh – deireadh a’ 15mh linn, mu 5 no 6 mìle à seo.

Tha dà Chrois Chille Mhàrtainn air an gleidheadh ann an Eaglais Chille Mhàrtainn. Tha a’ chrois as sine a’ dol air ais gu àm mun 9mh – 10mh linn agus buinidh an tè eile do dheireadh an ama meadhan-aoiseil.

Moine Mòr from Kilmartin Churchyard. © Alan Sproull

Bhithte a’ cur nan leacan-uaighe air an talamh agus bhiodh iad a’ comharrachadh làrach adhlacaidh còrr air aon ghinealach den aon teaghlach. Chan eil ainmean air an clàradh agus mar sin chan eil fhios cò a tha air an adhlacadh fo na leacan sin ach tha e glè choltach gum buineadh iad do theaghlaichean nan riaghladairean ionadail.

Tha cuspairean agus pàtrain sgeadachaidh a’ nochdadh uair is uair air na leacan. Tha cumaidhean laoich is armachd orra gu math tric agus sleaghan is claidhnean. Tha biastan miotasach no ainmhidhean seilge cuideachd air an snaigheadh air na leacan. Chì thu cuideachd pàtrain agus samhlaidhean eadar-fhighte.

Tha na leacan air an cur ann an òrdugh a rèir an ama don buin iad agus tha an tè as sine air do làimh chlì mar a thèid thu a-steach don t-seòmar. Chithear tuilleadh chruinneachaidhean de leacan-uaighe ann an Eaglais na Cille agus ann an Eaglais Chille Mhoire, a tha nas fhaide gu deas.

 
 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.1 Dùn Ad

    San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

    Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

    Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

    Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.5 Eaglais Chille Mhoire

    Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

    Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

  • Southend. Argyll, Scotland.
     

    6.7 An Ceann a Deas

    A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris.