6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

Keills Chapel and replica cross © Ben Colburn

Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

Dìreach mar le Eaglais Chille Mhoire air taobh eile Loch Suain, chan eil dlùth cheangal aig an eaglais seo ri sgeula Chaluim Chille. Ach tha e a’ dearbhadh gun robh Crìosdaidhean a’ fuireach ann an seo sna linntean an dèidh a bhàis.

Chithear san eaglais cruinneachadh mòr de leacan bhon àm tràth meadhan-aoiseil agus bho dheireadh an ama meadhan-aoiseil. Is e an tè as sònraichte Crois na Cille a tha 2 mheatair a dh’àirde.

Bhon eaglais, chithear deagh sheallaidhean den loch mara agus eileanan Ìle is Dhiùra.

Le a cumadh sìmplidh ceart-cheàrnach, tha an eaglais coltach ri mòran eile a chaidh an togail air feadh taobh siar na Gàidhealtachd. Bhiodh na ballachan air an còmhdach le aol air an taobh a-staigh is air an taobh a-muigh agus dh’fhaodadh gum biodh beagan sgeadachaidh air a pheantadh oirre cuideachd.

Tha Crois na Cille a’ dol air ais gu deireadh an 8mh linn no tràth san 9mh linn, a’ sealltainn gun robh luchd-adhraidh Crìosdail air an làrach seo.

Chan eil a’ chrois air a snaigheadh ach air an dàrna taobh. Tha ceithir leòmhainn a’ cuairteachadh cnap cruinn sa mheadhan leis an Naomh Mìcheil air a riochdachadh os cionn sin agus naomh na shuidhe air muin a’ phàirt den chrois a tha gu h-ìosal. Fon sin tha panalan le sgeadachadh eadar-fhighte is rollachain de dhuilleach.

Keills Cross, original. © Ben Colburn

Bha Crois na Cille air tùs suidhichte air a’ bhruthach ri taobh na h-eaglaise. Tha am mac-samhail a tha seo a’ comharrachadh far an robh a’ chrois air taobh iar-thuath na h-eaglaise.

Tha leacan-uaighe agus croisean air an taisbeanadh taobh a-staigh na h-eaglaise. Tha mòran dhiubh air an snaigheadh le pàtrain sgeadachaidh, claidhnean agus samhlan co-cheangailte ris na daoine a tha air an comharrachadh san obair-cloiche.

 

A' faighinn ann

A’ dol gu deas bho Chille Mhàrtainn air an A816 tionndaidh gu do làimh cheart chun B841 aig A’ Chàrn Bhàn. Aig Beulanach tionndaidh gu do làimh chlì chun B8025 agus lean ort gu deas gu Taigh a’ Bhealaich. Lean ort tro Thaigh a’ Bhealaich agus cùm ort gus an ruig thu ceann an rathaid.

Pàirc ri taobh a’ gheata air an taobh eile dhan rathad agus coisich chun eaglais nach eil fada air falbh suas an leathad mu do choinneimh.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.1 Dùn Ad

    San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

    Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

    Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

    Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.5 Eaglais Chille Mhoire

    Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

    Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

  • Southend. Argyll, Scotland.
     

    6.7 An Ceann a Deas

    A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris.