6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

Loch Caolisport Loch Caolisport

Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

Bha e airson coinneachadh ris an rìgh ionadail, Conall mac Comgall, aig an robh daingneach mu 15 mìle às a seo aig Dùn Add. A rèir beul-aithris dh’aontaich Conall aig a’ choinneamh seo leigeil le Calum Cille Eilean Ì a chleachdadh airson a mhanachainn a stèidheachadh ann.

Chan eil an eaglais agus an uamh ach beagan mheatairean bhon loch mara. Tha an eaglais na tobhta agus tha feur a’ fàs na broinn. Cha mhòr gum faicear an uamh air cùl na h-eaglaise. Gabh an ceum tron fheur gu cùl na h-eaglaise agus lorgaidh tu an uamh.

Tha uamh Chaluim Chille 5 meatairean a leud agus 18 meatairean a dhoimhneachd, agus mòr gu leòr airson buidheann dhaoine a ghabhail.

Air an taobh sear tha sgeilp air a bheil altair. Os cionn na h-altarach tha crois air a snaigheadh dhan bhalla. Tha mias, air chumadh uighe air a cruthachadh sa chreig, a bhiodh a’ cumail uisge coisrigte.

’S dòcha gum faic thu gu bheil luchd-turais a bhios a’ tighinn dhan uamh air a bhith a’ fàgail ofrail air an altair. Chan eil luchd-taisteil air a bhith a’ dèanamh seo ann am mòran dha na làraich sa cheàrnaidh seo.

Tuilleadh fiosrachaidh...

Tha arceòlaichean air a bhith a’ lorg nithean san uamh seo a tha a’ dol air ais chun àm Meadhan-Leacach (10,000-4,500BC) – meadhan linn na cloiche. Chaidh ciste-laighe cloiche agus dà uaigh ao-domhainn a lorg an seo cuideachd.

Chì thu cuid de na nithean a chaidh an lorg an seo ann an Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn.

Tha mias chloiche bhon uamh a-nis air a cleachdadh mar amar-baistidh ann an Eaglais Paraiste Chnapadal a Deas a tha faisg air làimh ann an Achadh a’ Chòis.

Tha tobhta Eaglais Chaluim Chille a’ dol air ais chun 13mh linn ach bhathar ag adhradh air an làrach seo airson iomadh bliadhna ron àm sin.

Tha an eaglais paraiste ionadail ann an Achadh a’ Chòis gach bliadhna a’ cur air adhart seirbheis aig an eaglais agus an uamh.

Ellary cave © Alan Sproull
 

A' faighinn ann

Gabh gu deas bho Cheann Loch Gilb air an A83, thèid gu do làimh cheart chun B8024 gu Achadh a’ Chòis. Lean ort tron bhaile, seachad air an eaglais agus cùm ort gu Ellery. Tha soidhne airson na h-eaglaise agus na h-uaimhe air taobh cheart an rathaid.

Dìreach seachad air an eaglais agus an uaimh, tha an rathad a’ dol tro thalamh prìobhaideach. Ma tha thu airson a dhol gu Eaglais Chille Mhoire, feumaidh tu a dhol air ais agus a dhol air a’ B8024 agus a dhol taobh Achadh na Mara air rathad a’ B841 chun Chrìonan.

Tha am fearann mun cuairt na h-eaglaise agus na h-uaimhe glè thric gu math fliuch agus thathar a’ moladh brògan dìonach a bhith ort.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.1 Dùn Ad

    San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

    Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

    Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

    Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.5 Eaglais Chille Mhoire

    Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

    Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

  • Southend. Argyll, Scotland.
     

    6.7 An Ceann a Deas

    A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris.