6.7 An Ceann a Deas

A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris. Thathar ag ràdh gun tàinig e air tìr ann an seo mus deach e gu taobh tuath Earra-Ghàidheal gus coinneachadh ri rìgh Dhàl Riata.

Ireland from Argyle. © Alan Sproull

Air tom beag air taobh siar a’ bhaile chithear dà lorg-coise ann an leac cloiche. A rèir beul-aithris b’ ann an seo a thàinig Calum Cille air tìr an Alba.

Air a’ mhuir, chan eil e ach 13 mìle bho chosta ear-thuath na h-Èireann. Air là math chithear achaidhean agus cnuic Aontroim.

A’ fàgail a’ Chinn a Deas agus a’ dol chun Chille Àrd, lorgaidh tu cladh a tha laimh ri tobhta Eaglais Chaluim Chille a tha a’ dol air ais chun 13mh linn.

Dìreach às dèidh na h-eaglaise, tha frith-rathad a’ dol suas bruthach. Air a’ mhullach chithear dà lorg-coise a tha air an snaigheadh dhan chreig.

Tha aon dha na lorgan uabhasach aosta agus dh’fhaodadh gun robhar ga chleachdadh ann an seirbheisean-coisrigidh rìghrean. Bhiodh an rìgh ùr a’ cur a choise dhan toll mar chomharra gun leanadh e ann an cas-cheuman na chaidh roimhe agus mar chomharra gun robh e air a phòsadh ris an fhearann.

Colmcille's footprint Southend © Dermot McKinnon

Chithear lorgan dhan t-seòrsa seo air feadh na Roinn Eòrpa agus ann an Dùn Add far a bheil lorg-coise eile ann an cloich ’s a tha co-cheangailte ri rìghrean Dhàl Riata.

Chaidh an dàrna lorg-choise a snaigheadh dhan chreig ann am meadhan na 19mh linn.

Is ann don 13mh agus don 14mh linn a bhuineas a’ mhòr-chuid de thobhta Eaglais Chaluim Chille ged a tha e glè choltach gun robh daoine ag adhradh an seo fada ron sin. Tha leacan-uaighe meadhan-aoiseil air làr na h-eaglaise.

Colmcille leaves Ireland in a wee boat. © Rodbod

Carson a dh’fhàg Calum Cille Èirinn?

Chan eil fios le cinnt carson a dh’fhàg Calum Cille Èirinn. A’ sgrìobhadh 100 bliadhna an dèidh a bhàis, thuirt Adomnan a sgrìobh eachdraidh a bheatha,

‘Dà bhliadhna an dèidh blàr Cùl Drebene sheòl an duine diadhaidh à Èirinn gus a bhith na neach-taisteil’

Mar sin is e aon bheachd gun do dh’fhàg e Èirinn gu bhith na shoisgealaiche Crìosdail. Thathar cuideachd ag ràdh gun robh Calum Cille an sàs ann an deasbad mu dhlighe-sgrìobhaidh agus gur e sin an t-adhbhar a dh’fhalbh e. Tha cuid eile dhan bheachd gun robh nàire air gun robh e an sàs ann am blàr Chùl Dreimne (which form should we use – former I think) ann an 561 agus gun robh e air a cho-èigneachadh a chasan a thoirt leis à Èirinn. Tha beul-aithris ag ràdh cuideachd gun robh e airson a mhanachainn a stèidheachadh ann an àite às nach fhaiceadh e Èirinn.

Dìreach deas air baile a’ Chinn a Deas tha maol annasach air a bheil tobha caisteil a dh’fhaodadh a bhith bhon àm meadhan-aoiseil.

B’ ann am Meanbh-eachdraidh Ulaidh a chaidh a chlàradh an toiseach gun robh daingneach ann an seo (link to context page). Tha am Meanbh-eachdraidh ag innse mu shèis anns an robh rìgh Dhàl Riata an sàs ann an 712.

Tha an làrach ainmeil cuideachd airson an t-sèis a thachair ann an 1647 an uair a chaidh 300 neach a mharbhadh.

 

A' faighinn ann

Is e an Ceann a Deas an t-àite as fhaide deas air maol Chinn Tìre is urainnear a ruighinn air an rathad.

Draibh a-steach do Cheann Loch Chille Chiarain air an A83 agus thèid gu do làimh cheart chun B842 agus chì thu soidhne airson a’ Chinn a Deas, 10 mìle air falbh.

Lean ort tron bhaile agus gabh chun iar air rathad a’ chosta. Lorgaidh tu an cladh air do làimh cheart. Tha àite-pàirich ann an seo agus timcheall an oisein ri taobh na tràghad.


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.1 Dùn Ad

    San 6mh linn, b’ e Dùn Ad bunait cumhachd is prìomh ghearastan nan uachdaran ionadail – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.2 Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

    Tha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn air a stèidheachadh ann an seann mhansa Eaglais Chille Mhàrtainn ann am meadhan baile Chille Mhàrtainn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    6.3 Cladh Chille Mhàrtainn

    Tha 350 carragh-cuimhne àrsaidh ann an Gleann Chille Mhàrtainn. Tha na làraich sin – a tha a’ gabhail a-steach 150 carragh-cuimhne ro-eachdraidheil - taobh a-staigh cearcall de shia mile bho bhaile Chille Mhàrtainn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.4 Eaglais agus Cladh na Cille

    Tha Eaglais na Cille shuas air rubha a tha a’ dol a-mach air bruaichean siar Loch Suain. Tha an eaglais a’ dol air ais chun 13mh linn ach thathar dhan bheachd gun do thòisich daoine ag adhradh an seo san 8mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.5 Eaglais Chille Mhoire

    Tha eaglais Naomh Moire ann an Cille Mhoire air taobh sear Loch Suain. Tha Kilmory sa Bheurla a’ ciallachadh Cille Mhoire no Eaglais an Naomh Moire. Tha deagh sheallaidhean bhuaipe a-null gu eileanan Ìle is Dhiùra.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    6.6 Eaglais agus Uamh Chaluim Chille, Ellary

    Thathar ag ràdh mun làrach shàmhchair seo air bruaichean Loch Port a’ Chaolais – ann an traidiseanan mòran nas fhaide an dèidh làimh – gur ann an seo a stad Calum Cille airson beagan làithean air a shlighe gu tuath bho Èirinn ann an 563.

  • Southend. Argyll, Scotland.
     

    6.7 An Ceann a Deas

    A rèir cuid de sgeulachdan b’ ann sa Cheann a Deas a thàinig Calum Cille air tìr ann an Alba. Dh’fhàg e Doire air costa a tuath Èirinn ann an 563 agus 12 chompanach còmhla ris.