Innse Gall

hebrides © Alistair McCallum

Ann an Innse Gall, tha Slighe Chaluim Chille gad thoirt bho chreagan casa ceann a tuath Leòdhais gu tràighean brèagha Eilean Bharraigh.

Mar a bhios tu a’ siubhal gu deas, bidh tu a’ dol tro bhailtean croitearachd, mòinteach fharsaing, tràighean mòra, geala agus cnuic chorrach. Bidh tu a’ dol bho eilean gu eilean air aiseagan agus cabhsairean, ag ionnsachadh mu sheann dòighean-beatha san àite bhòidheach, nàdarrach seo.

Tha làraich a bhuineas do làithean tràtha a’ chreideimh Chrìosdail air feadh costa nan eileanan seo. Tha iad a’ cur nar cuimhne gun robh am muir a-riamh a’ ceangal nan daoine a bha a’ fuireach an seo ris an t-saoghal mhòr – a dh’aindeoin nan gèilltean agus nan stoirmean a bhios aca an seo sa gheamhradh. Air là ciùin, chan eil àite eile cho sìtheil ris a’ cheàrnaidh seo.

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt de bheatha làitheil nan eilean agus tha an cànan agus an ceòl a tha co-cheangailte ris a-riamh air a bhith a’ ceangal nan coimhearsnachdan seo ri chèile. Fad linntean bha ceanglaichean ri Èirinn a’ cheart cho cudromach ris na ceanglaichean a bha aca ri tìr mòr, oir bha obair-malairt, bàrdachd, òrain, poilitigs agus càirdeas a’ ceangal muinntir nan eilean ri chèile.

A’ faighinn ann

Tha Slighe Chaluim Chille a’ tòiseachadh taobh a-muigh baile Steòrnabhaigh air Eilean Leòdhais. Tha seirbheisean aiseig gach là eadar Steòrnabhagh agus Ullapul air tìr mòr (60 mìle/90 mionaid le càr chun iar-thuath bho bhaile Inbhir Nis).

Ma tha thu airson Slighe Chaluim Chille a leantainn bho dheas gu tuath, gabh am bàta-aiseig gu Bàgh a’ Chaisteil air Eilean Bharraigh bhon Òban no gu Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas. Tha aiseagan cuideachd a’ ruith bho Ùig san Eilean Sgitheanach gu Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath no chun Tairbeart anns Na Hearadh.

Air neo faodaidh tu plèana a ghabhail a Steòrnabhagh, Beinn na Fadhla no laighe air an tràigh ainmeil ann am Barraigh agus càr fhastadh.

 
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.