9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

Chapel of Eye © Alan Sproull

B’ e Eaglais Chaluim Chille am prìomh eaglais a bha ann an Leòdhas sna meadhan aoisean. Thogadh i le na Leòdaich agus chaidh a coisrigeadh do Chalum Cille. Is dòcha gun robh i cho cudromach ’s a bha i mar thoradh air an làrach air an robh i aig ceann aoidh chumhang oir glè thric bhithte a’ stèidheachadh tuineachaidhean cudromach ann an àitean mar seo. Tha am facal ‘aoidh’ a’ tighinn bhon fhacal san t-seann chànan Lochlannach - Eið - a tha a’ ciallachadh pìos fearainn cumhang.

Bha cumadh ceart-cheàrnach air an eaglais agus bhiodh cladh air a taobh tuath agus air a taobh deas. Tha crìonadh na mara a’ ciallachadh nach eil air fhàgail an-diugh ach an cladh air an taobh deas.

B’ ann an seo aig Eaglais Chaluim Chille a bhithte ag adhlacadh Clann MhicLeòid Leòdhais. Tha dà leac-uaighe am broinn tobhta na h-eaglaise – aon airson Ruairidh MacLeòid 7mh Ceann-cinnidh Leòdhais a chaochail ann an 1498, agus tè eile airson na h-ìghne aige Màiread NicFhionghain a chaochail ann an 1503. Tha Ruairidh air èideadh mar laoch ann an deise-airm is grèim aige air claidheamh is sleagh.

Tha grunnan ainm air an eaglais – Teampall na h-Aoidh no Ui; Eaglais Chaluim Chille, Aiginis; Seann Eaglais na h-Aoidh agus Eaglais Aiginis.

interior Chapel of Eye © Alan Sproull
 

A’ faighinn ann

A’ tighinn bho Steòrnabhagh le càr, cùm ort gu sear air an A866 sìos dhan Rubha. Tha an eaglais agus pàirc-chàraichean air do làimh chlì an uair a thig thu gu deireadh a’ chabhsair eadar Bràigh na h-Aoidhe agus Aiginis. Pàirc an càr an seo agus coisich an 20 meatair gu tobhta na h-eaglaise.

Chan fhaodar a dhol a-steach dhan eaglais.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.