9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall.

Chapel of Eoropie © Alan Sproull

Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh. Tha dà sheapal bheag air gach taobh den togalach air an taobh tuath agus air an taobh deas, agus mar sin tha cumadh T air an eaglais.

Chan eil càil a dh’fhios cuin a chaidh an teampall a thogail. Tha am plana a tha oirre coltach ris a’ phlana a tha air tobhta na h-eaglaise ann an Gardar sa Ghrionlainn a chaidh a togail san 12mh linn agus a leudachadh san 13mh linn. Tha grunnan eaglaisean ann an Èirinn a chaidh an coisrigeadh do Mholuag agus feadhainn eile air taobh siar na h-Alba a bhuineas don àm seo cuideachd. Tha sgeulachdan bho bheul-aithris ag ràdh gun do thadhail Moluag air an làrach seo san t-6mh linn ach chan eil fianais sam bith clàraichte mun sin. Tha sgeula eile ag ràdh gun deach a’ chiad theampall a thogail ann an seo le mac rìgh à Lochlann.

Chleachd taistealaich a bhith a’ tadhal air an teampall gus leigheas fhaighinn do dhaoine a bha air a dhol às an ciall agus airson lotan. Bhithte a’ toirt uisge bho thobair a bha faisg air làimh agus a bha air a coisrigeadh do Rònan, do dhaoine a bha air a dhol às an ciall agus bhithte an uair sin gan ceangal ris an altair airson oidhche an dòchas gum biodh iad air an leigheas ron mhadainn. Ann an 1630 tha e air a chlàradh gum faodadh daoine a bha a’ sireadh leigheas airson lotan agus nach b’ urrainn tadhal air an teampall iad fhèin mac-samhail fiodha dem ball-cuirp a chuir chun teampall gus a bhith air a shìneadh air an altair.

Sgrìobh Màrtainn Màrtainn san leabhar aige ‘Description of the Western Isles’ aig deireadh an 17mh linn mu chleachdadh ionadail eile a bh’ aca:-

They were in greater veneration in those days than now: it was the constant practice of the natives to kneel at first sight of the Church, though at a great distance from them, and then they said their Paternoster. John Morison of Bragir told me that when he was a boy, and going to the Church of St. Malvay, he observed the natives to kneel and repeat the Paternoster at four miles distance from the church.

The inhabitants of this island had an ancient custom to sacrifice to a sea-god called Shony, at Hallow-tide, in the manner following: The inhabitants round the island came to the Church of St. Malvay, having each man his provision along with him; every family furnished a peck of malt, and this was brewed into ale; one of their number was picked out to wade into the sea up to the middle, and carrying a cup of ale in his hand, standing still in that posture, cried out with a loud voice saying, "Shony, I give you this cup of ale, hoping that you’ll be so kind as to send us plenty of sea-ware for enriching our ground for the ensuing year"; and so threw the cup of ale into the sea. This was performed in the night time. At his return to land they all went to church, where there was a candle burning upon the altar; and then standing silent for a little time, one of them gave a signal, at which the candle was put out, and immediately all of them went to the fields, where they fell a-drinking their ale, and spent the remainder of the night in dancing and singing, &c.

The next morning they all returned home, being well satisfied that they had punctually observed this solemn anniversary, which they believed to be a powerful means to procure a plentiful crop. Mr. Daniel and Mr. Kenneth Morison, ministers in Lewis, told me they spent several years before they could persuade the vulgar natives to abandon this ridiculous piece of superstition; which is quite abolished for these 32 years past.

Tha crois chloiche le ceangal ris an Naomh Rònan ann an taigh-tasgaidh Chomunn Eachdraidh Nis agus tha clach eile ann a thathar ag ràdh a thàinig à Eilean Ì.

Dè eile?

Faigh a-mach tuilleadh mu eachdraidh Nis air làrach-lìn Chomunn Eachdraidh Nis.

 

A’ faighinn ann

Gabh an A857 gu tuath bho Steòrnabhagh gus an ruig thu baile Lìonail. Thèid gu do làimh chlì chun B8013 agus lean ort gu Eòrapaidh. Dìreach mus ruig thu na taighean ann an Eòrapaidh tionndaidh gu do làimh cheart agus an uair sin gu do làimh chlì. Tha an teampall dìreach air cùl nan taighean air do làimh cheart. Tha frith-rathad a’ dol suas ri taobh taighe chun teampall.

Uaireannan bidh an staran seo gu math bog agus mar sin bhiodh e ciallach brògan dìonach a bhith ort.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.