9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

Cùm ort gu siar bho bhaile Bhràgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

Tha tobhta an teampaill am broinn claidh a thathar fhathast a’ cleachdadh san là an-diugh. Bha dà phàirt san togalach – corp na h-eaglaise agus seansail aig a’ cheann an ear. Tha corp na h-eaglaise mu 6 meatairean a dh’fhaid agus an seansail mu 2 mheatair a dh’fhaid. Chan eil ach aon seòmar sa mhòr chuid de theampaill a bhuineas don àm seo. Is iongantach mur deach a togail sa 15mh linn.

Bithear ag ainmeachadh an teampaill seo uaireannan mar Chill Sgàire. Thathar dhan bheachd gur e ainm Lochlannach a th’ ann an Sgàire a bhithear uaireannan a’ cleachdadh sa Bheurla mar Zachariah no Zachary.

St Johns chapel © Alan Sproull
 

A' faighinn ann

Tha an A857 a’ dol tarsainn na mòintich gu taobh siar Eilean Leòdhais. An uair a ruigeas tu Barabhas tionndaidh gu do làimh chlì chun A858 agus lean ort gu Bràgar.

An uair a bhios tu a’ dol tro Bhràgar cùm do shùil a-mach airson soidhne dhonn air a bheil Bràgar bho Dheas is Cladh Bhràgair air an comharrachadh.

Cùm ort gu deireadh an rathaid gus an ruig thu an cladach. Tha tobhta an teampaill agus an cladh air ceann a tuath a’ chladaich.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.