9.4 Sgìre Ùig

Taigh a’ Bheannaich, An Gallan Ùigeach, Àird, Ùig

Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith. Ao-coltach ri gin sam bith de na làraich eile air a’ chuairt seo, tha an teampall seo air a suidheachadh shuas air mullach carraig an àite a bhith faisg air tràigh no furasta faighinn thuice air bàta.

Gallan head © Calum Swanson

Tha tobhta balla fhathast timcheall air Taigh a’ Bheannaich agus chithear làrach de 5 chilltean mhanach faisg air làimh – tha arceòlaichean cuideachd air lorg fhaighinn air fianais gun robh 13 cilltean eile air an làrach seo.

Tha ballachan an teampaill dìreach còrr air 1 meatair a dh’àirde. Tha i 5.5 meatair mu 3.3 meatair a leud.

Tobhta Taigh nan Cailleachan Dubha agus Baile Croitearachd Mhealasta

Tha seann bhaile croitearachd Mhealasta a’ dol air ais chun 17mh linn ged a bha daoine a’ fuireach ann an seo iomadh linn ron sin.

Tha beul-aithris ag ràdh gur e seo làrach taigh-cràbhach ris an canar Taigh nan Cailleachan Dubha - House of the Black Women or House of the Nuns. Tha tobhta eaglais thràth agus cladh faisg air a’ mhuir.

Mealista aerial photograph © RCAHMS

Bha baile croitearachd Mhealasta gu math coltach ri iomadh fear de sheòrsa sna h-eileanan seo air nach tàinig atharrachadh thar linntean. Bha na daoine beò air toradh an fhearainn agus na mara. Bhiodh iad a’ dèanamh teine leis a’ mhòine a bhiodh iad a’ buain as t-samhradh agus a bhiodh air a tiormachadh leis a’ ghaoith. Bhiodh iad a’ cur bàrr air a’ mhachair faisg air an tràigh. Bhiodh iad ag iasgach cuideachd.

Tha an t-ainm Mealasta – agus ainmean eile san sgìre seo – a’ tighinn bhon chànan Lochlannach agus a’ comharrachadh ionnsaighean agus tuineachaidhean nan Lochlannach sa cheàrnaidh seo.

Chuireadh na daoine às an àite ann an 1838 gus tuathanas chaorach a stèidheachadh agus chaidh an gluasad gu sgìre Nis air ceann a tuath Leòdhais no chaidh iad mar eilthirich a Chanada no a dh’Astràilia.

Chì thu fhathast na tha air fhàgail de stèisean ràdair on Dàrna Cogadh a bha ann an seo bho 1941-1946.

beautiful uig bay © Alistair McCallum

Dè eile?

Is fhiach a dhol gu Sgìre Ùig, chan ann a-mhàin gus tadhal air na làraich a tha a’ beantainn ris na h-amannan tràtha ann an eachdraidh a’ chreideimh Chrìosdail ach cuideachd airson tadhal air na tràighean bòidheach ann an Ùig is Mangarstadh.

Fir-tàileisg Leòdhais a chaidh an lorg air tràigh ann an Ùig. Faigh a-mach tuilleadh mu Fhir-tàileisg Leòdhais agus an eachdraidh co-cheangailte ri tràigh Ùig an seo.

Airson tuilleadh mun eachdraidh ionadail, tadhal air làrach-lìn Chomunn Eachdraidh Uig.

 

Getting there

Taigh a’Bheannaich: Lean an A858 gu deas, seachad air Càrlabhagh agus Calanais. Aig Gearraidh na h-Aibhne tionndaidh chun B8011. An uair a ruigeas tu Timsgearraidh tionndaidh gu do làimh cheart gu Àird Ùig. Cùm ort tro bhaile an Àird agus pàirc faisg air Taigh-òsta a’ Ghallain Ùigich ann am meadhan seann champa an RAF. Bheir cuairt 600 meatair air talamh corrach thar an rubha thu chun teampaill.

Maelesta: Bho Àird Ùig till air ais gu Timsgearraidh. Lean an rathad a tha ri oir na mara seachad air Ùig agus Mangarstadh gus an ruig thu far an do chleachd baile Mhealasta a bhith.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.