9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

Loch Erisort © Cat

Tha e glè choltach gun robh an eaglais air an eilean a’ dol air ais chun 12mh linn. Bhiodh eaglais sam bith a bhiodh ann ron sin air a dèanamh de sgrath, mòine no fiodh agus mar sin cha bhiodh càil dhen sin air fhàgail. Tha arceòlaichean air fianais, ro-Chrìosdail, Crìosdail agus Lochlannach a lorg ann an seo.

Chaidh an eaglais a coisrigeadh do Chalum Chille – sin as coireach gu bheil an t-ainm seo air an eilean. Tha sgeulachdan ionadail ag innse mar a bha manachainn agus taigh sagairt air an eilean. Ann an 1549, thadhail an Ridire Dòmhnall Rothach air an eilean agus rinn e dealbh air an ubhal-ghort a chunnaic e ann. An uair a bha Màrtainn Màrtainn ann an Innse Gall aig deireadh an 17mh linn, dh’ainmich e eaglais a bha air Eilean Chaluim Chille.

Bha cumadh ceart-cheàrnach air an eaglais ach dh’fhaodadh gun robh togalaichean eile faisg air làimh. Tha Crois Eilean mar ainm air pàirt dhan eilean agus is dòcha gur e seo crìoch an fhearainn a bha fo chùraim na h-eaglaise.

Bha an cladh air a chleachdadh chun 19mh linn airson Sgìre nan Loch air fad. Bha cunntas mun eilean san leabhar a sgrìobh Iain Sands ann an 1876 ‘Out of the World’ no ‘Life in St Kilda’,

‘Captain M’Donald took me in his gig to see a churchyard situated on an island called St Colm. It is quite close to the water, and is about sixty feet square...Although there seems to be plenty of suitable ground outside, the people persist in interring the dead within the ancient limits. Nay, not interring but piling the coffins one on top of the other, until they have risen to the height of ten feet above the surface. The coffins are not even covered with earth, but are only wrapped in turf.’

Air tìr mòr aig Cro Mòr, bha aon dha na croitean air ainmeachadh mar Lios an Teampaill no Garden of the Chapel. Agus tha beul-aithris ionadail ag ràdh gun robh sagart Naomh Calum a’ fuireach an seo air tìr mòr.

 

A’ faighinn ann

Gheibhear air chois bho Chrò Beag gu Eilean Chaluim Chille leis a’ mhuir-tràigh. Tha an tìde-mhara ag atharrachadh gu math luath agus feumaidh tu comhairle fhaighinn gu h-ionadail mu cuin as fheàrr a dhol tarsainn agus dè cho fada ’s is urrainn dhut fuireach air an eilean. Faighnich aig Rubha an Fhithich ann an Cearsiadar.

Bho Mhealasta till air ais chun B8011 aig Timsgearraidh, agus tionndaidh gu do làimh cheart chun A858 aig Gearraidh na h-Aibhne. Aig an Acha Mor tionndaidh gu do làimh cheart agus goirid an dèidh sin tionndaidh gu do làimh cheart a-rithist agus bidh tu air an A859. Lean ort gus an ruig thu Baile Ailein agus an uair sin tionndaidh gu do làimh chlì air an B8060 agus lean ort gu Cearsiadair.

Lean ort sìos taobh deas Loch Èireasoirt agus tionndaidh gu do làimh chlì às dèidh ceann rathad Chabharstaidh. Lean an rathad gu Crò Mòr, agus tionndaidh gu do làimh chlì gu Crò Beag. Pàirc an càr aig ceann an rathaid agus lean ort sìos am frith-rathad. Aig an taigh, cùm ort gu do làimh cheart chun t-seann chidhe agus bu chòir gum faigheadh tu tarsainn ann an sin. Tha na tobhtaichean air ceann iar-dheas an eilein.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.