9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal. Tha an teampall ann an sàr làrach agus gheibhear thuige thar fearann feurach le bhith a’ coiseach 2.5 km.

Northton chapel © Alan Sproull

Is e teampall a bhuineas do dheireadh an ama meadhan-aoiseil a tha seo a chaidh a thogail air làrach dùin bho Linn an Iarainn (togalach cloiche cruinn) a bha 16.5 meatair trast-thomhais. Is iongantach mur deach an teampall a thogail le clachan on dùn. Tha uinneag anns na ceithir ballachan. Tha dà chùil sa bhalla air an taobh an ear anns am bithte a’ cumail shoithichean a bha ceangailte ri deas-ghnàthan. Tha fianais ann gun robh cladh timcheall air an teampall a tha na thobhta san là an-diugh.

Faisg air làimh, tha arceòlaichean air lorg fhaighinn air an àite-tuineachaidh as sine ann an Innse Gall a tha a’ dol air ais 9,000 bliadhna.

Northton chapel © Alan Sproull

Dè eile?

Is ann san Taobh Tuath a tha ionad Seallam anns a bheil ionad fiosrachaidh sloinntireachd nan Eilean Siar.

 

A’ faighinn ann

Bho Eilean Chaluim Chille sa Phàirc till air ais chun A859 – am prìomh rathad tuath/deas tro Leòdhas agus Na Hearadh.

Cùm ort gu deas sìos tro Na Hearadh air fad gus an ruig thu an costa. Aig ceann rathad An Taobh Tuath thèid gu do làimh chlì sìos tron bhaile. Stad sa phàirc-chàraichean aig an tràigh.

Coisich air ais chun rathad agus air falbh on bhaile gus an ruig thu geata. Lean am frith-rathad gus an tig thu gu tobhta an teampaill. Tha a’ chuairt chun teampall a’ toirt mu leth uair a-thìde. An uair a thilleas tu, faodaidh tu coiseach air trì tràighean gainmhich.

Tha an talamh tric fliuch agus garbh agus mar sin tha e cudromach gum bi brògan làidir is dìonach ort.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.