9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear.

Church of the Holy Trinity © Alan Sproull

Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo. Is iongantach mur robh grunnan thuineachaidhean air an làrach seo mus deach an teampall a thogail tràth san 13mh linn.

Tha Leabhar Chlann Raghnaill ag ràdh gur ann le Beathag, Bana-phrìoir Eilean Ì a bha e. B’ i nighean Shomhairle, an rìgh Lochlannach air Innse Gall – Rìgh Innse Gall - san 12mh linn. Chaidh Leabhar Chlann Raghnaill a sgrìobhadh san 17mh linn le Niall MacMhuirich. Is e aon de na leabhraichean as tràithe a tha ann sa Ghàidhlig agus tha e a’ toirt sùil on taobh a-staigh air cùisean aig an àm.

Thathar dhan bheachd gun deach an làrach a leudachadh aig deireadh an 14mh linn le Amy NicRuairidh (mu 1350-1390) a bha air a bhith pòsta aig Iain, Tighearna nan Eilean.

Tha balla-cloiche a’ cuairteachadh an teampaill agus a’ chlaidh. Tha teampall eile –Teampall Chlann a’ Phiocair – air taobh tuath na prìomh eaglais. Is dòcha gur ann bhon 16mh linn a tha an togalach seo agus gur e taigh-sagairt a bha ann. Bhathar ga chleachdadh an dèidh làimh mar àite-adhlacaidh Chlann a’ Phiocair a bha nan sgoilearan.

A-rèir beul-aithris, b’ e àite oideachaidh a bha san làrach seo bho thràth sna meadhan-aoisean. San 14mh linn chaidh a thoirt do dh’Abaid Innis Aifrinn ann an Siorrachd Pheairt ach mun 16mh linn bha e fo ùghdarras Ab Eilean Ì.

Church of the Holy Trinity © Alan Sproull

Ann an 1601, chaidh blàr a chur ann an Càirinis eadar na Dòmhnallaich agus Clann Ic Leòid na Hearadh. Nuair a bhios tu a’ coiseachd gu làrach na h-eaglaise, thèid thu seachad air clais ris an canar Fèith na Fala - Ditch of Blood. Fhad ’s a bha am blàr a’ dol dh’fhaodadh gun robhar a’ cleachdadh na h-eaglaise agus am fearann mun cuairt mar dhìdean do na h-ainmhidhean agus nithean eile.

 

A’ faighinn ann

Bhon t-Òb faigh an t-aiseag thar Caolas na Hearadh gu Eilean Bheàrnaraigh. Faic www.calmac.co.uk airson uairean an aiseig.

Thèid tarsainn air a’ chabhsair gu Uibhist a Tuath air an B893. Tionndaidh gu do làimh chlì gu Loch nam Madadh air an A865. Dìreach mus ruig thu Loch nam Madadh tionndaidh gu do làimh cheart chun A867 a’ dol gu deas. Thèid air ais chun A865 aig Clachan na Lùib a’ tionndadh gu do làimh chlì gu Eilean Bheinn na Fadhla.

Mar a bhios tu a’ tighinn gu cladach a deas Uibhist a Tuath air an A865, thèid thu tro bhaile Chàirinis. Chì thu soidhne airson an làraich agus a’ phàirc-chàraichean air do làimh cheart. Coisich suas an staran agus am frith-rathad, tro gheata gus an ruig thu làrach Teampall na Trianaid.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.