9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

Am measg nan taighean dubha ann an Tobha Mòr lorgar tobha teampaill agus ceithir caibeil. A’ sgrìobhadh ann an 1703 na leabhar ‘A Description of the Western Isles of Scotland’, tha Màrtainn Màrtainn ag ràdh gun robh aon dha na teampaill sin air a choisrigeadh do Chalum Cille agus fear eile do Mhoire. Chaidh leac le crois air a shnaigheadh oirre a lorg air an làrach seo, a’ comharrachadh gur dòcha gun robh adhradh Crìosdail air a chuairteachadh ann an seo san 9mh linn.

An-diugh is e balla an ear an Teampaill Mhòir a chaidh a thogail sna 1200an mar eaglais paraiste– an tobhta as motha a tha air fhàgail. Tha dà uinneig sa bhalla a bha san eaglais a bha ann bho thùs. A’ coimhead chun iar chì thu far an robh an eaglais air a suidheachadh – bha i mu 20 meatair a dh’fhaid.

Air cùl balla an Teampaill Mhòir tha cladh a tha air a chuairteachadh le balla-cloiche a chaidh a thogail san 19mh linn. Am broinn a’ bhalla tha tobhta teampaill eile – Caibeal Dhiarmaid. Dh’fhaodadh gun robh e mu 5.7 meatair a leud agus 17 meatair a dh’fhaid.

Air ceann thall a’ chlaidh tha Caibeal Chlann 'ic Ailein – a tha a’ dol air ais gu 1574. Tha Clach Chlann Raghnaill a bha a’ comharrachadh Iain Mùideirt – Ceann-cinnidh Chlann Raghnaill aig deireadh an 16mh linn – agus a bha uair na seasamh sa chaibeal – a-nis ann an Taigh-tasgaidh Chille Donnain tuath air Dalabrog air an A865 mus gabh thu an rathad gu Loch Baghasdail.

Howmore © Alan Sproull

Air taobh deas an Teampaill Mhòir tha tobhta Caibeal Dùbhghaill.

Coltach ri mòran dha na h-àitean a tha an cois na mara air a’ phàirt seo de Shlighe Chaluim Chille, tha an sealladh-tìre air atharrachadh gu mòr thar tìm. An uair a chaidh a thogail, dh’fhaodadh e bhith gun robh an Teampall Mhòr air a chuairteachadh le boglach agus gun robh e mar gum biodh e air eilean.

Sgrìobh Màrtainn Màrtainn ann an 1703, mun chainnt a bha aig na daoine ann an seo:-

‘The Natives speak the Irish tongue (Gaelic) more perfectly here than in most of the other Islands; partly because of the remoteness, and the small number of them that speak English, and partly because some of ‘em are Scholars and vers’d in the Irish language’

Dè eile?

Tha aon de na taighean dubha ann an Tobha Mòr a-nis na ostal-òigridh.

 
 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 Eaglais Chaluim Chille, An Rubha, Eilean Leòdhais

    Chaidh an eaglais seo - a tha a’ dol air ais gu deireadh a’ 14mh linn a h-ainmeachadh an dèidh Chaluim Chille agus chaidh a leudachadh an dèidh seo sa 15mh agus san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 Teampull Mholuaidh, Eòropaidh, Eilean Leòdhais

    Tha baile Eòropaidh air fìor cheann iar-thuath Eilean Leòdhais. Is e am baile as fhaide gu tuath ann an Innse Gall. Tha an teampall ath-leasaichte seo air a coisrigeadh do Mholuag no Moluaidh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 Teampall Eòin, Bràgar, Leòdhas

    Cùm ort gu siar bho bhaile Bhàgair gus an ruig thu Teampall Eòin – Eòin Baiste – air rubha beag a tha ri taobh a’ chladaich.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Sgìre Ùig

    Ann am Beurla, tha ainm an teampaill seo a’ ciallachadh ‘House of the Blessed or the Benediction’. Tha an làrach seo annasach oir chan eil e a’ comharrachadh naomh sònraichte sam bith.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille, Loch Èireasoirt, Eilean Leòdhais

    Is iongantach mun robh Eilean beag Chaluim Chille ceangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail on 7mh linn. Tha e air fìor cheann an ear Loch Èireasoirt mar a tha e a’ fosgladh a-mach dhan Chuan Sgìth.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 An Teampall, An Taobh Tuath, Ceann a Deas na Hearadh

    Tha Teampall an Taoibh Tuath a’ coimhead gu deas thar Chaolas na Hearadh gu Uibhist. Tha an teampall air rubha beag – Rubha an Teampaill – aig bonn Beinn Cheapabhal.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 Tùr Mòr Chliamainn, Roghadal, Na Hearadh

    Is e seo an eaglais meadhan-aoiseil as sine ann an Innse Gall. Chan eil eaglais eile nas motha na seo sna h-eileanan ach an tè a tha air Eilean Ì. Chaidh a togail san 16mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Teampall na Trianaid, Uibhist a Tuath

    Tha Teampall na Trianaid na suidhe air cnoc faisg air baile Chàirinis. A-mach gu siar, chithear seallaidhean den eilean ìosal, am Baile Sear. Tha tobhta Teampall na Trianaid a’ còmhdach an làraich seo.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Cladh Mhoire agus Teampall Mhoire, Baile nan Cailleach, Beinn na Fadhla

    Tha tobhta teampall meadhan-aoiseil anns a’ chladh a thathar a’ cleachdadh chun là an-diugh. Bha an teampall ceart-cheàrnach agus bhiodh mullach biorach air. Bhiodh na ballachan mòran na b’ àirde – chì thu bàrr an dorais sa bhalla an iar.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Tobha Mòr, Uibhist a Deas

    Tha baile Thobha Mòr na laighe eadar am prìomh rathad a tha a’ ruith tuath-deas tro Uibhist a Deas agus an tràigh a tha a’ dèanamh suas a’ mhòr chuid de thaobh siar an eilein.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Cill Bharra , Barraigh

    Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo.