9.11 Cill Bharra , Barraigh

Is e Cill Bharra na tha air fhàgail de dh’eaglais bhon 12mh linn a bha coisrigte don Naomh Barr. Thathar dhan bheachd gun robh an làrach seo air a cleachdadh airson adhradh Crìosdail o na 600an agus teampall air a suidheachadh ann an seo air a choisirigeadh don Naomh Barr – dh’fhaodadh e bhith gur e seo an t-aon naomh ris an Naomh Fionnbarr à Corcaigh.

Tha pàirtean de bhallachan tuath agus deas de Chill Bharra nan seasamh fhathast. Chì thu na tha air fhàgail den doras sa bhalla a tuath. Faisg air làimh tha tobhta balla teampaill eile a tha a’ dol air ais gu na 1400an.

Kilbar church Barra © Alan Sproull

Dh’fhaodadh gun deach an Teampall a Tuath a thogail san 16mh linn agus is e an t-aon thogalach air an làrach air a bheil mullach. Na bhroinn tha mac-samhail de Chlach Chill Bharra a tha a’ dol air ais gu àm eadar 900 agus 1100.

Air aon taobh tha crois Chrìosdail. Air a chùlaibh tha rùn-sgrìobhaidh Lochlannach ann an trì loidhnichean a tha a’ dol bhon mhullach chun bhonn. Thathar air na rùin ath-sgrìobhadh mar:-

...(t)ir·þ:ur·kirþu:s(t)in(a)r ...r·is·kurs:sia(:)rstr ...(k)a

a’ toirt dhuinn :-

...eftir Þorgerðu Steinar's dóttur es kors sjá reistr

agus gabhaidh seo a mhìneachadh mar:-

'Mar chuimhneachan air Þorgerðr Steinarsdóttir tha a’ chrois seo air a togail' no ‘Chaidh a’ chrois seo a togail mar chuimhneachan air Thorgerth, nighean Steinar’.

Bha rùin, ogham agus Laideann air an cleachdadh ann an sgrìobhadh aig an àm seo. B’ ann à Lochlann a thàinig na rùin. Bha ogham air a chleachdadh leis na h-Èireannaich, na Cruithnich agus na h-Albannaich – chithear sgrìobhadh ogham aig Dùn Ad, an dùn Cruithneach. B’ e Laideann an cànan a bha an lùib a’ chreideimh Chrìosdail agus leudaich e mar a bha an creideamh a’ sgaoileadh. Ach cha robh a’ mhòr chuid de dhaoine comasach leughadh no sgrìobhadh.

Tha a’ chrois air a snaigheadh bho chlach a gheibhear gu h-ionadail agus tha i 1.36 m a dh’àirde. Tha a’ chlach annasach leis gu bheil i a’ cleachdadh samhlan Crìosdail agus Lochlannach. Chaidh Clach Chill Bharra a lorg ann an seo ach tha an fhìor chlach fhèin a-nis ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Tha cuideachd ceithir leacan-uaghach san Teampall a Tuath a bhuineas do chinn-cinnidh Chlann MhicNèill. Chaidh na leacan sin an snaigheadh le daoine bho Eilean Ì agus Orasaigh agus tha iad san aon stoidhle ri feadhainn a gheibhear air feadh taobh siar na h-Alba.

A’ sgrìobhadh ann an 1703 san leabhar aige ‘Description of the Western Isles’ tha Màrtainn Màrtainn ag ràdh,

‘The natives have St. Barr’s wooden image standing on the altar, covered with linen in form of a shirt; all their greatest asseverations are by this saint. I came very early in the morning with an intention to see this image, but was disappointed; for the natives prevented me by carrying it away, lest I might take occasion to ridicule their superstition, as some Protestants have done formerly; and when I was gone it was again exposed on the altar.

Tha beul-aithris ag innse gun robh an Naomh Barr na neach-leanmhainn aig Calum Cille agus thàinig e a Bharraigh gus muinntir an eilein iompachadh. Bha miseanaraidh a bha air a thighinn ann ron sin air a bhith air a losgadh gu bàs agus air ithe ach bha an naomh Barr soirbheachail ann a bhith a’ toirt a’ chreideimh Chrìosdail gu Barraigh. An uair a thàinig an t-àm dha Barraigh fhàgail, rinn e ùrnaigh airson muinntir an eilein agus an uair a dh’fhalbh e, chaidh ìomhaigh a dhèanamh dheth. Ann an 1625, thug an t-Athair Cornelius Ward cunntas gum faca e ìomhaigh an Naoimh Barr ann an Cill Bharra. Bha muinntir an eilein a’ comharrachadh là an naoimh le là saor on obair, rèiseadh each agus cluich iomain gu meadhan an 19mh linn. Suas gu meadhan an 20mh linn, bhiodh muinntir an àite aig an robh càirdean no caraidean air an adhlacadh aig Cill Bharra a’ comharrachadh là an naoimh le bhith a’ cumail là fois.

 

A’ faighinn ann

Gheibh thug gu Eilean Bharraigh air an aiseag bhon Choilleag ann an Èirisgeigh.

Bho Tobha Mòr till air ais chun A865. Aig Dalabrog gabh an rathad a tha a’ dol gu do làimh cheart chun B888 agus lean na soidhnichean gu Èirisgeigh.

Lean ort chun Lùdaig agus cùm ort thar a’ chabhsair gu Èirisgeigh. Tha aiseagan a’ fàgail bhon Choilleag. Bheir an turas mu 40 mionaid. Gus clàr-ama an aiseig agus fios mu àite a ghleidheadh tadhal air www.calmac.co.uk.

An uair a ruigeas tu Barraigh, cùm gu do làimh cheart a’ dol chun phort-adhair (An t-aon raon-laighe san Roinn Eòrpa a tha air tràigh). Lean ort seachad air a’ phort-adhair is e air do làimh cheart, thèid seachad air Eòlaigearraidh agus timcheall air an rubha. Tha Cille Bharra air do làimh chlì. Faodaidh tu pàirceadh air beulaibh na h-eaglaise.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.1 St Columba's Church

    This late 14th century church - named after St Columba - was later extended in the 15th and 16th century.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.2 St Moluag's Chapel

    This restored chapel is dedicated to St Moluag or Moluoc. The building is flanked by two small side chapels to the north and south, creating a T-shaped outline.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.3 St. John's Chapel

    Head west from the crofting township of Bragar to find the medieval chapel of Teampull Eoin - St John The Baptist - on a small headland next to the beach.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.4 Uig Peninsula

    It is worth heading to the Uig Peninsula not only for the sites relating to early Christianity but also for the stunning beaches of Uig and Mangarstadh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.5 Teampall Chaluim Chille, Eilean Chaluim Chille

    The small island of Eilean Chaluim Chille has probably been connected with Christianity since the 7th century. It sits on the eastern extremity of Loch Erisort as it leads out to the Minch.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.6 Northton Chapel

    Northton Chapel faces south across the Sound of Harris looking towards the Uists. It sits on a small headland - Rubh’ an Teampull - at the foot of Ceapabhal hill.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.7 St Clements

    This is the largest medieval church in the Outer Hebrides. Of all the churches in the islands, only Iona is larger. It was built in the 16th century but there is some suggestion that there may have been an older monastery on the site.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.8 Church of the Holy Trinity

    Teampull na Trianaid sits on a mound beside the village of Carinish. There are views west towards the low-lying island of Baleshare. The remains of the Teampull na Trianaid dominate the site.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.9 Chapel of the Virgin Mary

    The ruined medieval chapel sits in a graveyard which is still in use. The chapel was rectangular and would have had a pitched roof. The walls would have been much higher - you can see the top part of the door in the west wall.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.10 Howmore

    The township of Tobha Mor - or Howmore - lies between the main north-south road on South Uist and the beach which forms much of the island’s west side.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    9.11 Kilbar Church, Barra

    Cill Bharra is the remains of a 12th century church dedicated to St Barr. The site is thought to have been used for Christian worship since the 600s when there was a chapel here dedicated to St Barr - probably the same saint as St Finbarr of Cork.