Gartan, Dùn nan Gall.

Lough Gartan, Co. Donegal. © Gerard McAteer

Tha trì lochan ann an meadhan Chontaidh Dhùn nan Gall –Loch na Caillí, Loch Mhic Ciabáin agus Loch Ghartáin. A rèir beul-aithris, rugadh Calum Cille agus chaidh àrach agus oideachadh faisg air Loch Ghartáin.

Tha sinn a’ faighinn a-mach mu na ceanglaichean eadar Gartan agus Calum Cille gu ìre mhòr bhon leabhar aig Mànas Ò Dòmhnaill mu bheatha Chaluim Chille a chaidh a chrìochnachadh ann an 1532, cha mhòr 1,000 bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

Bha slighe taisteil meadhan-aoiseil a bha a’ ceangal grunnan làrach ann an sgìre Ghartain a bha co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.  Tha mòran dha na h-àitean a tha air an comharrachadh air Slighe Chaluim Chille san sgìre seo co-cheangailte ris an t-slighe taisteil sin.

Colmcille was born in Gartan. © Alan Sproull

Thug an leabhar de 100,000 facal a sgrìobh Mànas Ò Dòmhnaill ann an Gaeilge na h-Èireann ri chèile ann an aon àite na traidiseanan agus na sgeulachdan a bha ann mu Chalum Chille. Tha e a’ toirt dhuinn nan cunntasan as mionaidich a tha againn mu bhreith is beatha-thràth Chaluim Chille ach chan eil mòran fianais eachdraidheil airson a’ mhòr chuid den fhiosrachadh seo.

Chan eil Adhamhnan am fear a sgrìobh eachdraidh-beatha Chaluim Chille, 100 bliadhna an dèidh bàs Chaluim Chille, ag ràdh ach glè bheag mu a bheatha thràth:-

‘rugadh an naomh Calum Cille do phàrantan uasal
agus b’ e athair Fedelmith, mac Fhearghais,
agus b’ e ainm a mhàthar, Eithne, nighean fear
a bu dòcha a bha air a shloinneadh ann an Laideann, “mac luinge”,
no ann an Gaeilge Mac-naue’.

A’ faighinn ann

Tha sgìre Ghartain air taobh siar Leitir Ceanainn air an R250 taobh Baile an Mhuilinn. Tha e furasta faighinn ann air an rathad bho bhaile Dhoire.

 
  • Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartan, Donegal,Ireland.
     

    3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Ghartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Ráth Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

  • Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland.
     

    3.4 Creag agus Tobar an Dúin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    3.5 Cill Mhic Réanáin

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan.

  • Temple Douglas, Donegal, Ireland.
     

    3.6 Tulach Dhúghlaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.