3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Gartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin. Thathar a’ taisbeanadh fiosrachaidh mu eachdraidh thràth a’ chreideimh Chrìosdail ann an Èirinn is an Alba, agus a’ toirt mion-chunntas air saoghal nam manach agus nan diadhairean aig an àm sin.

Tha mac-samhail ann de Chlag Chaluim Chille on 6mh -8mh linn a bha air a cumail ann an sgìre Ghartáin ’s a bha air a cur sìos bho ghinealach gu ginealach den aon teaghlach. Bha e air a ràdh gun leigheiseadh deoch a dheigheadh òl às a’ chlag tinneas sam bith.

Tha an t-Ionad fosgailte bhon chiad Didòmhnaich sa Chèitean chun Didòmhnaich mu dheireadh san Dàmhair Diluain-Disathairne 10.30-17.00 agus Didòmhnaich 13.30-17.00.

 

A' faighinn ann

Bho Leitir Ceanainn gabh an R250 gu Baile an Mhuilinn. Aig Droim an Uchta thèid gu do làimh cheart air an R251 gu Tulach Chuilinn. Lean ort seachad air Tulach Chuilinn agus tro bhaile Mhín an Lábáin.

Tha an soidhne a tha treòrachadh gu Lárionad Oidhreachta Cholm Cille air do làimh chlì.

tuilleadh fiosrachaidh


 
   
  • Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartan, Donegal,Ireland.
     

    3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Ghartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Ráth Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

  • Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland.
     

    3.4 Creag agus Tobar an Dúin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    3.5 Cill Mhic Réanáin

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan.

  • Temple Douglas, Donegal, Ireland.
     

    3.6 Tulach Dhúghlaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.