3.2 Leac na Cumha

Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

Tha an leac seo luma-làn ‘làraich cupa’ beaga. Chan eil fiosrachadh sam bith ri lorg mu eachdraidh thràth na lice ach dh’fhaodadh gu bheil i a’ dol air ais gu Linn an Umha.

Sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad tha luchd-tadhail air a bhith a’ cur bhuinn ruadha air a’ chloich agus tha seo air làraich mheirgeach fhàgail oirre.   

Bha na làraich seo air slighe taisteil meadhan-aoiseil a bha a’ ceangal grunnan làrach ann an sgìre Ghartain a bha co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.

Gartan birth stone © Alan Sproull

A rèir a’ chunntais a thug Mànas Ò Dòmhnaill san leabhar a sgrìobh e mu bheatha Chaluim Chille, chunnaic Eithne sealladh de dhuine òg an oidhche mus do rugadh Calum Cille.   Thuirt an duine òg ri Eithne gun robh leac ann an Loch Mhic Ciabáin a bu chòir a bhith air a toirt gu Rath Cnó far am biodh an naomh air a bhreith.  Chaidh an leac a lorg le teaghlach Eithne agus a toirt chun àite seo.   An uair a rugadh Calum Cille, dh’fhosgail làrach ann an cumadh croise air an leac.   Tha e coltach gun d’ fhuair i clach eile le dath na fala oirre - a’ chlach ruadh - a bha air a cumail ann an Gartán agus bha cumhachdan leigheis aice.

'Rugadh Calum Cille air an t-seachdamh là den Dùbhlachd ann an Gartán ann an Cineal Chonaill, ann an àite ris an canar Rath Cnó an Gartán. Agus bha an leac a chaidh ainmeachadh roimhe fodha an uair a chaidh a bhreith. Bha an naoidhean na laighe tarsainn oirre agus dh’fhosgail an leac gus rùm a dhèanamh dha, agus chun là an-diugh chithear cumadh croise oirre. Tha an leac air a bhith san àite sin on uair sin a’ dèanamh mhìorbhailean agus iongantasan.'

                          Teacsa Mànas Ò Dòmhnaill, td32

Crèadh gheal a chaidh a lorg ann an làrach dìomhair ann an Gartán - ris an canar crèadh Ghartain - agus thathar ag ràdh gu bheil cumhachdan dìon làidir aice. Tha Mànas Ò Dòmhnaill a’ ceangal na crèadha ri breith Chaluim Chille,

Nuair a thàinig àm a h-aiseig chaidh Eithne gu gleann beag iomallach ri taobh sruthan beag. Shuidh i sìos ann an àite sònraichte agus ann an sin dh’fhàg i beagan dhan fhuil a bhios a’ tighinn ron leanabh.  Chan eil min-fhlùir nas gile no nas mìne na a’ chrèadh a gheibhear ann an sin agus duine sam bith a dh’itheas e no a bheir leis e, cha tèid a losgadh no a bhàthadh a chaoidh, agus cha bhàsaich e às aonais sagart. Agus a h-uile boireannach a dh’itheadh e is iad ri saothair chloinne, bhiodh iad a’ faighinn faochadh. Agus duine sam bith a chuireas a theanga air, a’ chiad là a bhios e le fiabhras, leanaidh blas geur na bheul fhad ’s a bhios am fiabhras air. Agus tha e na nàdar a bhith a’ leigheis gach tinneas. Ach ’s e aon de na daoine a bhuineas do Ghartan a dh’fheumas a’ chrèadh a chladhadh airson a roinn air daoine.”

Teacsa Mànas Ò Dòmhnaill.

birthstone close © Sean O'Brien

San 19mh linn, dh’fhàg na mìltean de dhaoine Dùn nan Gall gus a dhol a dh’fhuireach ann an Aimearaga, Canada, Astràilia agus Sealan Nuadh. An dèidh a bhith air an cur às an fhearann le bochdainn, gort agus uachdarain gun iochd, choisich iad 40 mìle no còrr gu Doire gus tòiseachadh air an turas thar a’ Chuain Shiair. An uair a dh’fhàg iad Dùn nan Gall, bha fhios aca nach tilleadh iad a chaoidh. 

Dh’fhàs e gu bhith na fhasan aig an fheadhainn a bha a’ falbh thar an t-sàil an oidhche mu dheireadh an seo a chur seachad air Leac na Cumha - the Stone of Sorrows. Seach gun robh Calum Cille air a thighinn chun cho-dhunadh gun deigheadh e a dh’Alba, bha iad dhan bheachd nan caidleadh iad an seo - far an deach a bhreith - gum biodh am bròn na b’ fhasa a ghiùlain.

Suas gu na 1950an, bhiodh caraidean agus càirdean a’ cruinneachadh an seo còmhla ris an fheadhainn a bha a’ falbh airson ‘caithris Aimearaganach’ a chumail mus coisicheadh iad beagan mhìltean còmhla riutha air an t-slighe. 

Tha an cunntas a thug Mànas Ò Dòmhnaill san leabhar a sgrìobh e mu bheatha Chaluim Chille ag innse dhuinn mu thoiseach na sgeòil agus an t-ainm:-

Aon uair bha e ann an àite sònraichte ris an canar Gort na Lice  [‘Field of the Flagstone’]  ann an Gartan, siar air Rath Cnò far an do rugadh e.   Thàinig fear a bhuineadh dhan àite thuige oir bha mòran dha charaidean ’s dha chàirdean air bàsachadh agus bha e na èiginn gan caoidh. Bha meud a bhròin cho mòr ’s gum b’ fheàrr leis bàsachadh na bhith beò às an dèidh. Agus an uair a chunnaic Calum Cille e, ghabh e truas ris agus bheannaich e leac a bha ri thaobh agus thug e deoch dha bhon leac a bha sin ri òl agus dh’èirich a bhròn air falbh.... Dh’fhàg Calum Cille mar ghràs air a’ chloich sin, duine sam bith a dh’òladh deoch bhon leac, gum fàgadh am bròn iad ..... Canar ‘Leac na Cumha’  [‘‘Flagstone of the Sorrows/Loneliness’]  ris an leac seo an-diugh, mar chuimhneachan air a’ mhìorbhail mhòir sin.

earrann bho Mànas Ò Dòmhnaill td61.

Chaidh a’ chrois a cur suas le Cornelia Adair ann an 1911.

B’ e cèile Cornelia an t-uachdaran ionadail Iain Adair. Mus do phòs iad, bha droch ainm aig Adair airson Fuadaichean eagallach Dhoire Bheatha a thachair ann an 1861 an uair a bha e mar mheadhan air 250 neach-màil a bhith air an cur a-mach às an fhearann gu brùideil is gu h-ainneartach gus oighreachd mhòr a chruthachadh mar thaca-chaorach.   Cha robh taghadh eile aig mòran dhiubh ach a imrich a dhèanamh thar sàil.

Tha dachaigh nan Adair faisg air làimh - Caisteal Ghlinn Bheatha. Tha Cornelia ainmeil airson na h-obrach a rinn i gus an caisteal a leudachadh agus gus na gàrraidhean mòra a stèidheachadh. Tha an caisteal a-nis mar phàirt de Phàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha.

Air cùl Leac na Cumha tha tom air a bheil clachan air an cur sìos ann an cumadh U. Chan eil fiosrachadh sam bith aig duine mu adhbhar agus deit an tuim seo.

cross Gartan © Alan Sproull
 

A' faighinn ann

Bho Ionad Dualchais Chaluim Chille till air ais suas an rathad agus tionndaidh gu do làimh chlì. Lean ort dìreach gu Drochaid Ghartain agus thèid gu do làimh chlì aig an rathad mhòr agus lean ort air an rathad gu Lag na Cumha.

Thèid timcheall ceann Loch Ghartain, tionndaidh gu do làimh cheart aig a’ chiad rathad agus an uair sin gu do làimh chlì suas an leathad.

Tha soidhnichean a’ treòrachadh dhaoine chun làraich agus tha pàirc-chàraichean bheag air an taobh chlì. 


 
   
  • Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartan, Donegal,Ireland.
     

    3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Ghartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Ráth Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

  • Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland.
     

    3.4 Creag agus Tobar an Dúin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    3.5 Cill Mhic Réanáin

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan.

  • Temple Douglas, Donegal, Ireland.
     

    3.6 Tulach Dhúghlaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.