3.3 Rath Cnó

Churchtown Graveyard, Donegal, Ireland. © David Neumeyer

Thathar ag ràdh gur ann an Rath Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

Tha an làrach air a cleachdadh mar thuras fhathast le luchd-taisteil a bhios a’ coiseach air an casan liormach eadar na còig stèiseanan comharraichte. Bidh creidmhich a’ dèanamh an turais eadar co-là-breith Chaluim Chille air 9mh Ògmhios agus deireadh seusan an turais air 15mh Lùnastal, a’ coileanadh sreath de dh’ùrnaighean agus ghnìomhan aig gach stad.

Bha Rath Cnó na aon àite stad air slighe taisteil meadhan-aoiseil a bha na b’ fhaide ’s a bha a’ ceangal grunnan làrach ann an sgìre Ghartain co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.

Thathar ag ràdh gun deach an abaid seo a togail le Mànas Ò Dòmhnaill san t-16mh linn.

Chaidh 'Beatha An Naomh Chaluim Chille' le Ò Dòmhnaill a chrìochnachadh ann an 1532 agus is e prìomh thùs fiosrachaidh airson nan ceanglaichean eadar Calum Cille agus sgìre Ghartain.

Thathar ag ràdh gun robh stèidh manachainn ann am meadhan a’ chlaidh.

Stone Cross Churchtown Graveyard, Donegal, Ireland. © Lucy Harland

Is e seo aon den dà chrois a tha air fhàgail fhathast air an làrach seo. Bhiodh ceithir croisean air a bhith ann o thùs a’ comharrachadh crìochan na manachainn a bha an seo.

Bha an làrach a bha air a comharrachadh le na croisean na chomraich do dhaoine a bha fo chasaid eucoir – dh’fhaodadh iad a bhith air an coimhead às an dèidh gu teàrainte gus am biodh iad a’ nochdadh aig cùirt. Mar sin bha a’ mhanachainn na comraich bho pheanasachadh neo-riaghailteach.

Tha muinntir an àite ag ràdh gu bheil cumhachdan leigheis aig an tobar seo, gu sònraichte airson duilgheadasan le sùilean.

 

A’ faighinn ann...

Bho Leac na Cumha till air ais sìos an leathad chun t-snaidhm rathaid T far an gabh thu gud làimh chlì. Tha làrach Baile an Teampaill pìos beag sìos an rathad seo air do làimh chlì.


 
   
  • Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartan, Donegal,Ireland.
     

    3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Ghartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Ráth Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

  • Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland.
     

    3.4 Creag agus Tobar an Dúin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    3.5 Cill Mhic Réanáin

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan.

  • Temple Douglas, Donegal, Ireland.
     

    3.6 Tulach Dhúghlaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.