3.4 Creag agus Tobair an Dùin

Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd. Bhiodh dà sheirbheis aca – aon sheirbheis shìobhalta an seo agus deas-ghnàth cràbhach a bhiodh a’ gabhail àite aig Cill Mhic Rèanain.

Tha e gu math coltach gur e seo làrach dùn a bha aig na h-Ò Dòmhnaill.

B’ e Mànas Ò Dòmhnaill a sgrìobh cunntas mu bheatha Chaluim Chille a chaidh a chrìochnachadh ann an 1532. Tha an leabhar seo a’ ceangal Chaluim Chille gu soilleir ris a’ cheàrnaidh seo, ged a chaidh a sgrìobhadh faisg air 1,000 bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

Thathar ag ràdh gum biodh an dà chuid daoine cràbhach is daoine saoghalta an làthair aig an t-seirbheis seo – ball de theaghlach Ò Firghil a bhiodh os cionn an cur an dreuchd, Easbaig Dhoire, fo-cheannardan chinnidhean eile agus luchd-eaglais. Bhiodh na tachartasan sin gan cumail an seo eadar 1200 agus 1603.

Bhon chreig, chithear deagh sheallaidhean den mhonadh mun cuairt.

Thathar ag ràdh gun deach tobair naomh an Dùin a beannachadh an toiseach le manach a bhuineadh do Chalum Chille. Thathar ag ràdh gun robh uisge bhon tobair seo co-cheangailte ri grunnan leigheas mìorbhaileach.

Bidh daoine fhathast a’ tadhal air an làrach seo gus a bhith a’ faighinn uisge naomh agus gus ùrnaigh a dhèanamh airson leigheis. Dìreach mar a bhios a’ tachairt aig làraich naomha eile, bidh na daoine a bhios ag ùrnaigh aig an tobair seo ga dhèanamh is iad air an casan liormach.

Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland. © Lucy Harland

Bidh daoine a tha ag ùrnaigh airson leigheis a’ fàgail paidearan, croisean agus cuimhneachain eile ann an craoibh ri taobh na tobrach.

 

A’ faighinn ann…

Aig Baile an Teampaill tionndaidh gu do làimh chlì agus gabh sìos an rathad ri taobh an loch. Aig an t-snaidhm T tionndaidh gu do làimh cheart gus an tig thu gu soidhne airson Cill Mhic Rèanain agus gabh gu do làimh chlì.

An uair sin chì thu soidhne airson Tobair an Dùin air do làimh cheart mus ruig thu Cill Mhic Rèanain.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartan, Donegal,Ireland.
     

    3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Ghartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Ráth Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

  • Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland.
     

    3.4 Creag agus Tobar an Dúin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    3.5 Cill Mhic Réanáin

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan.

  • Temple Douglas, Donegal, Ireland.
     

    3.6 Tulach Dhúghlaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.