3.5 Cill Mhic Rèanain

Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan. Tha an làrach seo na dà phàirt – tha an taobh chlì co-cheangailte ri Calum Cille agus air an taobh cheart tha làrach eaglais on 19mh linn a bhuineadh do dh’Eaglais na h-Èireann.

Bha an làrach seo mar phàirt de shlighe taisteil meadhan-aoiseil a bha a’ ceangal nan làraich sin a bha ann an sgìre Ghartain is a bha co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.

Bha e cumanta do mhic à teaghlaichean cudromach a bhith nan daltan ann an teaghlaichean eile far am biodh iad air an altram is air an oideachadh. B’ e sagart a bha ann an Cruithneachán agus bhiodh e an urra ri foghlam cràbhach Chaluim Chille cho math ri bhith ag ionnsachadh dha sgilean nan uaislean leithid sgilean gunna, marcachd agus snàmh.

"Gu luath an dèidh a bhreith, bhaist an sagart uasal Cruithneachán mac Ceallachán e agus thug e dha an t-ainm Crimthann. Bha e na dhalta aig Cruithneachán an dèidh sin agus dh’oidich is stiùir e e a rèir is mar a dh’iarr ainglean Dhè air. Tha Crimthann no ‘criomhan’ sa Ghàidhlig leis an aon bhrìgh ’s a tha aig ‘sionnach’ no ‘cealgaire’ ann an Laideann. Cha robh an t-ainm seo iomchaidh no freagarrach ann an sùilean an Dè Uile-Chumhachdaich airson càileachd no deagh-bheusan a’ bhalaich naoimh, agus mar sin chuir E ann an cridheachan agus inntinnean na cloinne agus nam balach a bha a’ cluiche agus a’ spòrs maille ris a bhith a’ gabhail Calum Cille air. No an e na h-ainglean Aige Fhèin a bha air an cur thuca a chantainn riutha sin a ghabhail air…

An uair a bha an t-òganach naomh a’ faighinn a chuid oideachaidh sa mhanachainn a bha faisg air làimh, ris an canar Doire Eithne, agus air a bheil an t-ainm Cill Mhic Rèanain san là an-diugh, bhiodh a’ chlann a bha a’ cluich maille ris ga ainmeachadh mar Calum Cille. Sin mar a fhuair e an t-ainm Calum Cille."

                               Mànas Ò Dòmhnaill d33
Kilmacrenan Abbey © Alan Sproull

Tha beul-aithris ag ràdh gun do thill Calum Cille chun làraich seo gus manachainn a stèidheachadh ann mus do dh’fhàg e Doire gus a dhol a dh’Alba ann an 563. Thathar ag ràdh gun do mhair an stèidheachadh seo gu 1129 an uair a chaidh a chreachadh agus a losgadh gu làr.

An dèidh làimh bha mainistir bhràithrean Proinsiasach air an làrach seo a chaidh a stèidheachadh le Mànas Ò Dòmhnaill ann an 1537. B’ e Mànas Ò Dòmhnaill a sgrìobh ‘Beatha Chaluim Chille’ a chaidh a chrìochnachadh ann an 1532. Tha an cunntas fada seo mu bheatha an naoimh a’ toirt fiosrachadh seachad mu mhòran cheanglaichean eadar Calum Cille agus an ceàrnaidh seo.

Thathar ag ràdh gum bithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd air an làrach seo. Bhiodh dà sheirbheis aca – deas-ghnàth cràbhach an seo aig Cill Mhic Rèanain agus an t-seirbheis shìobhalta aig Creag an Dùin.

Kilmacrenan Abbey © Monica McGettigan
 

A’ faighinn ann…

Bho Thobair an Dùin till air ais chun rathaid agus tionndaidh gu do làimh cheart a dh’ionnsaigh Cill Mhic Rèanain. Ann am meadhan Cill Mhic Rèanain, tionndaidh gu do làimh chlì air an R249 gu Gort na Sgeach.

Tha an làrach dìreach taobh a-muigh a’ bhaile air do làimh cheart.

Chan eil àite-pàircidh ann agus mar sin feumaidh tu a bhith faiceallach càite am pàirc thu agus cuimhnich air daoine eile a bhios a’ cleachdadh an rathaid. Tha an làrach air cnoc beag air cùlaibh thaighean.


 
   
  • Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartan, Donegal,Ireland.
     

    3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Ghartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Ráth Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

  • Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland.
     

    3.4 Creag agus Tobar an Dúin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    3.5 Cill Mhic Réanáin

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan.

  • Temple Douglas, Donegal, Ireland.
     

    3.6 Tulach Dhúghlaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.