3.6 Tulach Dubhglaise

Tulach Dhúghlaise, Gartan, Ireland. © David Neumeyer

B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.

Thathar ag ràdh gun robh Calum Cille air a bhaisteadh ann an seo mar Chrìosdaidh ann an 521 le oide, Cruithneachán mac Ceallachán.

Bha e cumanta do mhic à teaghlaichean nan uaislean a bhith air an cur gu teaghlaichean eile mar dhaltan. Bhathar a’ sùileachadh gum biodh na h-oidean ag ionnsachadh dha na daltan sgilean marcachd, sgilean gunna, snàmh agus mar a chluicheadh iad geamannan-bùird.

Thuirt Adhamhnán, am fear a bha na Ab an Eilean Ì an dèidh Chaluim Chille agus a sgrìobh eachdraidh a bheatha,

Aon oidhche bha oide An Naomh Chaluim Chille, sagart aig an robh beatha ionmholta, ris an canar Cruithneachán, a’ tilleadh dhachaigh an dèidh a bhith a’ coileanadh a dhleastanais, an uair a mhothaich e gun robh an taigh air fad a’ deàlradh gu soilleir, agus bha bàla de sholas deàlrach os cionn aodann an leanaibh a bha na shuain chadail. Chaidh e air chrith, agus chrom e aghaidh chun an làir oir dh’aithnich e gur e gràs an Spioraid Naoimh a bha a’ dòrtadh sìos bho neàmh air oide, agus sheas e an sin le uabhas.

                        Adhamhnán - Sgeul Cruithnechan, d206

Ged a tha an sgeula mu Chalum Chille a bhith air a bhaisteadh ann an seo air a h-aithris gu bitheanta mar an tul fhìrinn, chan eil fianais sgrìobhte sam bith ann airson a’ cheangail eadar Tulach Dhúghlaise agus an naomh. Tha e cumanta do thraidiseanan a bhith ann a tha a’ ceangal naoimh ri làraich shònraichte, eadhoin ged nach eil fianais cinnteach ann air son sin. Glè thric tha carraighean àrsaidh air na làraich sin a tha fada nas sine na àm beatha an naoimh.

Graveyard, Tulach Dhúghlaise, Gartan, Ireland © Lucy Harland

Thathar ag ràdh gun deach an eaglais a tha air an làrach seo a togail às ùr san 16mh linn le Mànas Ò Dòmhnaill air làrach eaglais a bha ann ron sin. Ann an cunntas Ò Dòmhnaill mu bheatha Chaluim Chille tha mòran dha na sgeulachdan a tha a’ ceangal Chalum Chille ri sgìre Ghartain.

Bha an làrach seo mar phàirt de shlighe taisteil meadhan-aoiseil a bha a’ ceangal nan làraich a bha ann an sgìre Ghartain is a bha co-cheangailte ri beatha thràth Chaluim Chille.

Tha tobhta Taigh an Aba air cùl a’ chlaidh agus tha e nas sine na an eaglais.

 

A’ faighinn ann...

Thèid tarsainn an N56 agus gabh chun iar dheas a dh’ionnsaigh Mín an Lábáin. An dèidh Drumcavany cùm gu do làimh chlì agus tionndaidh gu do làimh cheart aig an ath shnaidhm T. Tha làrach Thulach Dhúghlaise air do làimh cheart. Tha pàirc chàraichean ri taobh a’ chlaidh.

Faodaidh tu tilleadh air ais gu Ionad Dualchais Chaluim Chille le bhith a’ tionndadh gu do làimh cheart aig an ath shnaidhm T an uair a thèid thu air ais chun R251.


 
   
  • Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartan, Donegal,Ireland.
     

    3.1 Ionad Dualchais Chaluim Chille

    Tha Ionad Dualchais Chaluim Chille air bruaich Loch Ghartáin air oir Pàirc Nàiseanta Ghlinn Bheatha. Tha foillseachaidhean san ionad ag innse sgeula beatha thràth Chaluim Chille ann an sgìre Ghartáin.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.2 Leac na Cumha

    Tha an leac seo aig Lag na Cumha far a bheilear ag ràdh a rugadh Calum Cille do a mhàthair Eithne. 

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    3.3 Rath Cnó

    Thathar ag ràdh gur ann an Ráth Cnó a bha teaghlach Chaluim Chille a’ fuireach. A rèir beul-aithris thug iad seachad am fearann an dèidh làimh gus an deigheadh manachainn a stèidheachadh ann.

  • Clootie Tree, Gartan, Donegal, Ireland.
     

    3.4 Creag agus Tobar an Dúin

    Suas chun 16mh linn, b’ ann aig Creag an Dúin a bhithte a’ cur cinn-cinnidh Ò Dòmhnaill an dreuchd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    3.5 Cill Mhic Réanáin

    Seo far an robhar ag ràdh a bha Calum Cille a’ fuireach còmhla ri oide Cruithneachan.

  • Temple Douglas, Donegal, Ireland.
     

    3.6 Tulach Dhúghlaise

    B’ e fìor sheann làrach manachainn a bha ann an Tulach Dhúghlaise a bha ri taobh an t-seann rathaid a-mach à Leitir Ceanainn agus mar sin bha e air a’ phrìomh shlighe a bhiodh luchd-siubhail a’ gabhail an uair a bhiodh iad a’ dol tron cheàrnaidh seo.