1.1 Straid Court Tomb

Straid Court Tomb, Glencolmkille, Donegal, Ireland. © Alan Sproull

1. Straid Court Tomb

Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille. Tha e ro-Chrìosdail ach tha e air a bhith air a thoirt a-steach do Thuras Chaluim Chille a tha a’ dol tron ghleann.

Thathar a-nis a’ cleachdadh an tuama mar àite-tòiseachaidh an turais. Gu traidiseanta dh’fhaodadh an turas tòiseachadh ann an àite sam bith sa ghleann ach bhathar an còmhnaidh a’ leantainn an t-aon òrdugh. Thòisicheadh na daoine a bha a’ fuireach sa ghleann aig an làrach a b’ fhaisg air an dachaigh fhèin. Bhithte a’ toirt aoigheachd do na taistealaich a bhiodh air an turas anns na dachaighean ionadail agus bhithte a’ toirt dhaibh cuireadh am brògan fhàgail annta fhad ’s a bhiodh iad a’ dol air an turas air an casan liormach.

Aig an stad seo, bhiodh na taistealaich a’ cuairteachadh an tuama a’ dol deiseil is ag ùrnaigh.

 
 
   
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.1 Straid Court Tomb

    Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.2 Colbh Croise

    Tha a’ chrois seo mu 2 mheatair a dh’àird agus sgeadaichte le dealbhaidhean snaighte air an dà thaobh. Is e carragh-cuimhne Crìosdail a tha ann a chaidh a dhèanamh is dòcha mu 700-800AD.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.3 Àite nan Glùn

    Àite nan Glùn - is e càrn a tha seo. Air aon taobh dheth tha leac chòmhnard le cloich chruinn air a muin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.4 Colbh Croise Bíofán

    Mullach na Croise - *Height of the Cross* – is e colbh cloiche a tha seo air a bheil cumadh croise air a snaigheadh gu fann. Tha i na seasamh ann an teis-meadhan càrn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.5 Seipeal Chaluim Chille, Bíofán

    A rèir beul-aithris ionadail, b’ e seo làrach seipeal Chaluim Chille ann an Gleann Chaluim Chille far an robh an naomh ag ùrnaigh agus ag obair air làmh-sgrìobhainnean maisichte le dathan.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.6 Cathair Chaluim Chille

    A rèir beul-aithris b’ ann an seo a bhiodh Caluim Cille a’ leigeil anail, is bhiodh e ag amharc air a’ ghleann a bha sìos fodha. Tha cuid a’ cumail a-mach gun tig rùn a thèid a dhèanamh ann an seo gu teachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.7 Tobar Chaluim Chille

    Tha Tobar Chaluim Chille – air a chuairteachadh le càrn mòr de chlachan. Bidh na taistealaich a bhios a’ dìreadh suas chun tobair a’ togail trì clachan nas fhaide shìos an cnoc.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.8 Gàrradh Chaluim Chille

    Canar cuideachd Gàrradh Chaluim Chille ri Gàrradh an Turais/Garraí an Turais. Ann an seo chithear trì clachan nan seasamh air an ceann, le crois shìmplidh air a snaigheadh air dhà dhiubh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.9 Cloch an Aonaigh

    Tha Clach an Aonaigh – an ìre mhath 2 mheatair a dh’àird agus mu choinneamh nan taistealaich an uair a thig iad tarsainn air ìochdar a’ ghlinne.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.10 An Fhothair

    Is e càrn a tha anns an stèisean turais seo le leac air a ceann na seasamh sa mheadhan. Tha an càrn ann am meadhan achadh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.11 An Droim Rua

    Is e leac a tha na seasamh ann am meadhan càirn a tha ann an Stèisean 11 den Turas. Tha na stèiseanan san earrainn seo den turas faisg air a chèile air gach taobh den rathad.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.12 Baile nan Deamhan

    Tha a’ chlach seo sgeadaichte air a dà thaobh le pàtrain a tha co-naisgte. Is ann ann am Baile nan Deamhan - village of the demons – a thug deamhain ionnsaigh air Calum Cille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.13 An Gaineamh

    Tha an leac seo na seasamh dìreach ri taobh an rathaid. Chaidh an tè a bha ann ò thùs a mhilleadh agus chaidh mac-samhail dhi a dhèanamh bho na pìosan a bha air am fàgail. Tha i air a snaigheadh air aon taobh agus na seasamh a’ coimhead sear/siar.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.14 An Caiseal

    Is e carragh àrd a tha seo snaighte le dà phàtran cearcallach. Coltach ri mòran dha na leacan croise seo ann an Gleann Chaluim Chille, dh’fhaodadh gu bheil i seo a’ dol air ais gu deireadh an 7mh gu an 9mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.15 An t-Sràid

    Tha an leac croise seo a-nis na dà phàirt agus tha am pàirt mullaich na shuidhe air an talamh ri taobh a’ phàirt as ìsle. Tha snaigheadh oirre de thrì pàtrain co-naisgte iomadh-fhillte, ceangailte le loidhne dhìrich.