1.5 Seipeal Chaluim Chille, Bíofán

5. Seipeal Chaluim Chille, Bíofán

A rèir beul-aithris ionadail, b’ e seo làrach seipeal Chaluim Chille ann an Gleann Chaluim Chille far an robh an naomh ag ùrnaigh agus ag obair air làmh-sgrìobhainnean maisichte le dathan. Tha cuideachd trì leacan cloiche ann le snaigheadh Crìosdail.

Thathar ag ràdh gun tàinig Calum Cille gu Gleann Chaluim Chille an dèidh blàr Chúl Dreimne ann an 561 gus peanas a dhèanamh. Tha an sgeula ag aithris gun do dh’fhan e an seo airson 2 bhliadhna e mus do dh’fhàg e Èirinn gus a mhanachainn a stèidheachadh air Eilean I far costa siar na h-Alba.

Turas Stad 5 © Julia Gillen
Colmcille's Bed, Turas Stad 5, Glencolmcille, Donegal, Ireland. © Julia Gillen

Canar Leabaidh Chaluim Chille ris an leac cloiche a tha air an talamh am broinn tobhta an togalaich.

Bhithear ag iarraidh air na taistealaich a tha a’ leantainn turas Gleann Chaluim Chille laighe air an leabaidh seo agus tionndadh trì turais. Thathar ag ràdh gun dìon rud beag creàdh a dheigheadh a thoirt fon leabaidh seo seòltairean bho bhith air am bàthadh agus taighean bho dhol nan teine.

Tha cùil sa bhalla agus mar as trice tha trì clachan innte. Bidh na taistealaich gam beannachadh fhèin le aon de na clachan sin agus an uair sin gan cur timcheall am bodhaig trì tursan. Thathar ag ràdh gun leigheis na clachan tinneas sùla agus mìgrèin.

Mus tèid iad a-steach, bidh na taistealaich, a’ dol timcheall air an t-seipeal 3 turais, a’ dol air an glùinean no a’ lùbadh an glùinean gach turas a bhios iad a’ dol seachad air an doras. Bidh iad a’ dèanamh ùrnaigh agus an uair sin a’ dol a-steach dhan tobhta.

Bidh gach taistealach a bhios a’ dol air turas Ghleann Chaluim Chille a’ coisrigeadh an slighe taisteil do chùis sònraichte air choreigin. Ann an seo, bidh na taistealaich a’ seasamh air Leac nam Bonn no Leac na h-Achanaidh - Flagstone of the Request – a’ coimhead a-mach gu siar agus ag innse rùn no fòcas an slighe taisteil.

 
 
   
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.1 Straid Court Tomb

    Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.2 Colbh Croise

    Tha a’ chrois seo mu 2 mheatair a dh’àird agus sgeadaichte le dealbhaidhean snaighte air an dà thaobh. Is e carragh-cuimhne Crìosdail a tha ann a chaidh a dhèanamh is dòcha mu 700-800AD.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.3 Àite nan Glùn

    Àite nan Glùn - is e càrn a tha seo. Air aon taobh dheth tha leac chòmhnard le cloich chruinn air a muin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.4 Colbh Croise Bíofán

    Mullach na Croise - *Height of the Cross* – is e colbh cloiche a tha seo air a bheil cumadh croise air a snaigheadh gu fann. Tha i na seasamh ann an teis-meadhan càrn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.5 Seipeal Chaluim Chille, Bíofán

    A rèir beul-aithris ionadail, b’ e seo làrach seipeal Chaluim Chille ann an Gleann Chaluim Chille far an robh an naomh ag ùrnaigh agus ag obair air làmh-sgrìobhainnean maisichte le dathan.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.6 Cathair Chaluim Chille

    A rèir beul-aithris b’ ann an seo a bhiodh Caluim Cille a’ leigeil anail, is bhiodh e ag amharc air a’ ghleann a bha sìos fodha. Tha cuid a’ cumail a-mach gun tig rùn a thèid a dhèanamh ann an seo gu teachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.7 Tobar Chaluim Chille

    Tha Tobar Chaluim Chille – air a chuairteachadh le càrn mòr de chlachan. Bidh na taistealaich a bhios a’ dìreadh suas chun tobair a’ togail trì clachan nas fhaide shìos an cnoc.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.8 Gàrradh Chaluim Chille

    Canar cuideachd Gàrradh Chaluim Chille ri Gàrradh an Turais/Garraí an Turais. Ann an seo chithear trì clachan nan seasamh air an ceann, le crois shìmplidh air a snaigheadh air dhà dhiubh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.9 Cloch an Aonaigh

    Tha Clach an Aonaigh – an ìre mhath 2 mheatair a dh’àird agus mu choinneamh nan taistealaich an uair a thig iad tarsainn air ìochdar a’ ghlinne.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.10 An Fhothair

    Is e càrn a tha anns an stèisean turais seo le leac air a ceann na seasamh sa mheadhan. Tha an càrn ann am meadhan achadh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.11 An Droim Rua

    Is e leac a tha na seasamh ann am meadhan càirn a tha ann an Stèisean 11 den Turas. Tha na stèiseanan san earrainn seo den turas faisg air a chèile air gach taobh den rathad.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.12 Baile nan Deamhan

    Tha a’ chlach seo sgeadaichte air a dà thaobh le pàtrain a tha co-naisgte. Is ann ann am Baile nan Deamhan - village of the demons – a thug deamhain ionnsaigh air Calum Cille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.13 An Gaineamh

    Tha an leac seo na seasamh dìreach ri taobh an rathaid. Chaidh an tè a bha ann ò thùs a mhilleadh agus chaidh mac-samhail dhi a dhèanamh bho na pìosan a bha air am fàgail. Tha i air a snaigheadh air aon taobh agus na seasamh a’ coimhead sear/siar.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.14 An Caiseal

    Is e carragh àrd a tha seo snaighte le dà phàtran cearcallach. Coltach ri mòran dha na leacan croise seo ann an Gleann Chaluim Chille, dh’fhaodadh gu bheil i seo a’ dol air ais gu deireadh an 7mh gu an 9mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.15 An t-Sràid

    Tha an leac croise seo a-nis na dà phàirt agus tha am pàirt mullaich na shuidhe air an talamh ri taobh a’ phàirt as ìsle. Tha snaigheadh oirre de thrì pàtrain co-naisgte iomadh-fhillte, ceangailte le loidhne dhìrich.