1.7 Tobair Chaluim Chille

7. Tobair Chaluim Chille

Tha Tobair Chaluim Chille - Colmcille’s Well – air a chuairteachadh le càrn mòr de chlachan. Bidh na taistealaich a bhios a’ dìreadh suas chun tobair a’ togail trì clachan nas fhaide shìos an cnoc. A h-uile turas a bhios iad a’ dol timcheall a’ chàirn bidh iad a’ tilgeil clach air. Bidh na taistealaich cuideachd ag òl às an tobair agus gu math tric a’ toirt uisge air falbh leotha.

Tha beachdan làidir aig mòran dhaoine mu chomas leigheis uisge coisrigte agus bidh luchd-tadhail gu tric a’ fàgail ofrail aig an tobair.

An dèidh tadhal air an tobair, bidh na taistealaich a’ dol sìos taobh tuath a’ ghlinne. Canar Mullach na Cainte - the Slope of Conversation ri seo. Seo an t-aon earrann den turas far am faod daoine bruidhinn.

Tha na ceanglaichean a bha ann a rèir beul-aithris eadar Calum Cille agus Gleann Chaluim Chille air am mìneachadh ann am 'Beatha Chaluim Chille' a sgrìobh Mànas Ò Dòmhnaill ann an 1532.

Tha an leabhar ag innse mar a bha beatha agus naomhachd Chaluim Chille air an ro-innse leis an laoch Fionn mac Cumhaill a bha ainmeil ann am beul-aithris:

Rinn Fionn mac Cumhaill ro-innse mu dheidhinn [Calum Cille] an uair a leig e air falbh a chù ainmeil Bran às dèidh fiadh aig abhainn an t-Seann Ghleann/ Senglenn [‘Old glen’] ann an tìr Cenél Conaill ris an canar san là an-diugh Gleann Chaluim Chille. Ach, cha deigheadh an cù às dèidh an fhèidh thar na h-aibhne dhan ghleann. Chuir seo iongnadh air a h-uile duine oir cha robh an cù a-riamh roimhe air beathach air an robh e an tòir a leigeil às. An uair sin, is Fionn air a lìonadh le gliocas, agus a’ bruidhinn tro spiorad fàisneachd ged nach b’ e duine creidmheach a bha ann dheth, thuirt e: ‘Bidh balach air a bhreith san tìr mu thuath agus bidh Calum Cille mar ainm air. Bidh e san deicheamh ginealach an dèidh Chormac an t-ogha aig Conn agus bidh e air a lìonadh le na gràsan agus fo dhìon an Dè a tha na Aon is na Thrì – a tha, a bha is a bhitheas. Bidh mòran mhanachainnean agus eaglaisean aige ann an Èirinn is an Alba, agus beannaichidh e an tìr bhon t-sruthan seo agus bidh e na chomraich dhan h-uile duine a thadhlas ann on seo a-mach is gu bràth. B’ ann mar urrram air a shon a rinn Bran tròcair air an fhiadh agus a dhiùlt e a dhol air a thòir thar na h-aibhne.’

Turas 7 © Mindie Burgoyne
 
 
   
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.1 Straid Court Tomb

    Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.2 Colbh Croise

    Tha a’ chrois seo mu 2 mheatair a dh’àird agus sgeadaichte le dealbhaidhean snaighte air an dà thaobh. Is e carragh-cuimhne Crìosdail a tha ann a chaidh a dhèanamh is dòcha mu 700-800AD.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.3 Àite nan Glùn

    Àite nan Glùn - is e càrn a tha seo. Air aon taobh dheth tha leac chòmhnard le cloich chruinn air a muin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.4 Colbh Croise Bíofán

    Mullach na Croise - *Height of the Cross* – is e colbh cloiche a tha seo air a bheil cumadh croise air a snaigheadh gu fann. Tha i na seasamh ann an teis-meadhan càrn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.5 Seipeal Chaluim Chille, Bíofán

    A rèir beul-aithris ionadail, b’ e seo làrach seipeal Chaluim Chille ann an Gleann Chaluim Chille far an robh an naomh ag ùrnaigh agus ag obair air làmh-sgrìobhainnean maisichte le dathan.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.6 Cathair Chaluim Chille

    A rèir beul-aithris b’ ann an seo a bhiodh Caluim Cille a’ leigeil anail, is bhiodh e ag amharc air a’ ghleann a bha sìos fodha. Tha cuid a’ cumail a-mach gun tig rùn a thèid a dhèanamh ann an seo gu teachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.7 Tobar Chaluim Chille

    Tha Tobar Chaluim Chille – air a chuairteachadh le càrn mòr de chlachan. Bidh na taistealaich a bhios a’ dìreadh suas chun tobair a’ togail trì clachan nas fhaide shìos an cnoc.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.8 Gàrradh Chaluim Chille

    Canar cuideachd Gàrradh Chaluim Chille ri Gàrradh an Turais/Garraí an Turais. Ann an seo chithear trì clachan nan seasamh air an ceann, le crois shìmplidh air a snaigheadh air dhà dhiubh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.9 Cloch an Aonaigh

    Tha Clach an Aonaigh – an ìre mhath 2 mheatair a dh’àird agus mu choinneamh nan taistealaich an uair a thig iad tarsainn air ìochdar a’ ghlinne.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.10 An Fhothair

    Is e càrn a tha anns an stèisean turais seo le leac air a ceann na seasamh sa mheadhan. Tha an càrn ann am meadhan achadh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.11 An Droim Rua

    Is e leac a tha na seasamh ann am meadhan càirn a tha ann an Stèisean 11 den Turas. Tha na stèiseanan san earrainn seo den turas faisg air a chèile air gach taobh den rathad.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.12 Baile nan Deamhan

    Tha a’ chlach seo sgeadaichte air a dà thaobh le pàtrain a tha co-naisgte. Is ann ann am Baile nan Deamhan - village of the demons – a thug deamhain ionnsaigh air Calum Cille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.13 An Gaineamh

    Tha an leac seo na seasamh dìreach ri taobh an rathaid. Chaidh an tè a bha ann ò thùs a mhilleadh agus chaidh mac-samhail dhi a dhèanamh bho na pìosan a bha air am fàgail. Tha i air a snaigheadh air aon taobh agus na seasamh a’ coimhead sear/siar.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.14 An Caiseal

    Is e carragh àrd a tha seo snaighte le dà phàtran cearcallach. Coltach ri mòran dha na leacan croise seo ann an Gleann Chaluim Chille, dh’fhaodadh gu bheil i seo a’ dol air ais gu deireadh an 7mh gu an 9mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.15 An t-Sràid

    Tha an leac croise seo a-nis na dà phàirt agus tha am pàirt mullaich na shuidhe air an talamh ri taobh a’ phàirt as ìsle. Tha snaigheadh oirre de thrì pàtrain co-naisgte iomadh-fhillte, ceangailte le loidhne dhìrich.