1.9 Clach na h-Aonaidh

Clach na h-Aonaidh, Glencolmcille, Ireland. © Julia Gillen

9. Clach na h-Aonaidh

Tha Clach na h-Aonaidh -The Stone of the Gathering – an ìre mhath 2 mheatair a dh’àird agus mu choinneamh nan taistealaich an uair a thig iad tarsainn air ìochdar a’ ghlinne. Tha snaigheadh de chearcaill agus loidhnichean air dà thaobh na cloiche.

An dèidh na cloiche a chuairteachadh trì turais, bidh na taistealaich a’ seasamh is an druim ris a’ chloich agus a’ cur an cùl ris an t-saoghal, an fheòil agus an Diabhal.

Thathar ag ràdh gum faic daoine a sheallas tron chloich nèamh.

Tha sgeula ann an Gleann Chaluim Chille gum biodh càraidean òga a’ toirt gealladh-pòsaidh seachad ann an seo – is iad nan seasamh air gach taobh den chloich agus a’ cur an corragan an lùib a chèile tron toll a bha faisg air mullach na cloiche.

 

A’ faighinn ann

Chan eil slighe chomharraichte bho stèisean turas 8 agus tha an talamh eadar na làraich sin glè thric fliuch agus làn poll.

Ma thig thu air an rathad bhon bhaile, tha a’ chlach air an taobh chlì faisg air grunnan chraobhan.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.1 Straid Court Tomb

    Is e seo tobhta tuama a tha dol air ais gu mu 3,000 BC. Bha e air a thogail is air a chleachdadh le tuathanaich a bha a’ fuireach ann an Gleann Chaluim Chille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.2 Colbh Croise

    Tha a’ chrois seo mu 2 mheatair a dh’àird agus sgeadaichte le dealbhaidhean snaighte air an dà thaobh. Is e carragh-cuimhne Crìosdail a tha ann a chaidh a dhèanamh is dòcha mu 700-800AD.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.3 Àite nan Glùn

    Àite nan Glùn - is e càrn a tha seo. Air aon taobh dheth tha leac chòmhnard le cloich chruinn air a muin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.4 Colbh Croise Bíofán

    Mullach na Croise - *Height of the Cross* – is e colbh cloiche a tha seo air a bheil cumadh croise air a snaigheadh gu fann. Tha i na seasamh ann an teis-meadhan càrn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.5 Seipeal Chaluim Chille, Bíofán

    A rèir beul-aithris ionadail, b’ e seo làrach seipeal Chaluim Chille ann an Gleann Chaluim Chille far an robh an naomh ag ùrnaigh agus ag obair air làmh-sgrìobhainnean maisichte le dathan.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.6 Cathair Chaluim Chille

    A rèir beul-aithris b’ ann an seo a bhiodh Caluim Cille a’ leigeil anail, is bhiodh e ag amharc air a’ ghleann a bha sìos fodha. Tha cuid a’ cumail a-mach gun tig rùn a thèid a dhèanamh ann an seo gu teachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.7 Tobar Chaluim Chille

    Tha Tobar Chaluim Chille – air a chuairteachadh le càrn mòr de chlachan. Bidh na taistealaich a bhios a’ dìreadh suas chun tobair a’ togail trì clachan nas fhaide shìos an cnoc.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.8 Gàrradh Chaluim Chille

    Canar cuideachd Gàrradh Chaluim Chille ri Gàrradh an Turais/Garraí an Turais. Ann an seo chithear trì clachan nan seasamh air an ceann, le crois shìmplidh air a snaigheadh air dhà dhiubh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.9 Cloch an Aonaigh

    Tha Clach an Aonaigh – an ìre mhath 2 mheatair a dh’àird agus mu choinneamh nan taistealaich an uair a thig iad tarsainn air ìochdar a’ ghlinne.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.10 An Fhothair

    Is e càrn a tha anns an stèisean turais seo le leac air a ceann na seasamh sa mheadhan. Tha an càrn ann am meadhan achadh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.11 An Droim Rua

    Is e leac a tha na seasamh ann am meadhan càirn a tha ann an Stèisean 11 den Turas. Tha na stèiseanan san earrainn seo den turas faisg air a chèile air gach taobh den rathad.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.12 Baile nan Deamhan

    Tha a’ chlach seo sgeadaichte air a dà thaobh le pàtrain a tha co-naisgte. Is ann ann am Baile nan Deamhan - village of the demons – a thug deamhain ionnsaigh air Calum Cille.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.13 An Gaineamh

    Tha an leac seo na seasamh dìreach ri taobh an rathaid. Chaidh an tè a bha ann ò thùs a mhilleadh agus chaidh mac-samhail dhi a dhèanamh bho na pìosan a bha air am fàgail. Tha i air a snaigheadh air aon taobh agus na seasamh a’ coimhead sear/siar.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.14 An Caiseal

    Is e carragh àrd a tha seo snaighte le dà phàtran cearcallach. Coltach ri mòran dha na leacan croise seo ann an Gleann Chaluim Chille, dh’fhaodadh gu bheil i seo a’ dol air ais gu deireadh an 7mh gu an 9mh linn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    1.15 An t-Sràid

    Tha an leac croise seo a-nis na dà phàirt agus tha am pàirt mullaich na shuidhe air an talamh ri taobh a’ phàirt as ìsle. Tha snaigheadh oirre de thrì pàtrain co-naisgte iomadh-fhillte, ceangailte le loidhne dhìrich.