7.2 Abaid, Clabhstair agus Eileach

Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain. Tha an talamh a tha seo a tha nas àirde na am fearann mun cuairt 335 meatair a dh’fhaid agus 152 meatair a leud. Tha ‘Vallum’ a’ tighinn bhon fhacal Laideann airson daingneach a tha timcheall air campa ach cha b’ e balla dìon a bha seo idir.

Am broinn an eileich bha bothain a bha air an dèanamh de fhiodh agus sgrath (cuid le bun-stèidh cloiche); eaglais bheag; àite-cadail airson nam manach; àite airson biadh agus taigh-aoigheachd. Air cùl an eileich, bha achannan aig na manaich, togalaichean tuatha agus bùthan-obrach.

Chan eil fianais air fhàgail den chiad mhanachainn ann an seo – dh’fhaodadh gun robh e air làrach eaglais na h-Abaid – a bha cuideachd air a h-ainmeachadh mar Chathair-eaglais Naomh Moire. Bha dìlseachd làidir aig muinntir Eilean Ì do Mhoire – sgrìobh Cù Chuimhne bho Eilean Ì an laoidh as tràithe don Òigh a chaidh a dhèanamh le Gàidheal agus tha ìomhaighean de Mhoire a’ nochdadh air clachan air feadh an eilein.

Tha Meanbh Eachdraidh Ulaidh ag innse gun deach ionnsaigh a thoirt air a’ mhanachainn air Eilean Ì ann an 794. Às dèidh grunnan ionnsaigh thairis air na bliadhnaichean an dèidh sin, dh’fhàg a’ mhòr-chuid de na manaich an eilean agus ghluais màthair-eaglais manachainn Chaluim Chille gu Ceanannas ann an Èirinn.

Dh’fhaodadh gun deach Leabhar Cheanannais a thòiseachadh air Eilean Ì agus gun deach a chrìochnachadh ann an Ceanannas agus gu bheil e na theisteanas do ealain agus sgilean nam manach à Eilean Ì a bha ag obair air. Bha corp Chaluim Chille a bha air a ghleidheadh air Eilean Ì air a roinn ann an 849 – chaidh pàirt a thoirt gu Ceanannas agus pàirt gu cathair-eaglais Dhùn Chailleinn ann an Siorrachd Pheairt.

Ged a chaidh ionnsaigh bhrùideil a thoirt orra leis na Lochlannaich, dh’fhan cuid de na manaich air Eilean Ì. Mu dheireadh an 9mh linn bhathar a’ baisteadh prionnsan Lochlannach agus bha Eilean Ì aon uair eile na àite cudromach do luchd-leanmhainn Chaluim Chille.

Chaidh Eaglais na h-Abaid Bheinidicteach a chithear san là an-diugh a stèidheachadh ann an 1203 le Raghnall Dmac Shomhairle, a bha na stèidhiche air sliochd Gall-Ghàidhealach a bha aithnichte mar Triathan nan Eilean. Bha an Abaid soirbheachail airson còrr air 300 bliadhna agus bha ceangal làidir eadar i agus Calum Cille agus an ceangal cumhachdach a bha aige ris an eaglais thràth meadhan-aoiseil. Thàinig crìonadh ann an seasamh na h-Abaid ro àm an Ath-leasachaidh agus bha an togalach ann an droch staid mus deach a dhèanamh an àirde ann eadar 1903-05 augs 1909-10. Chan eil mòran air fhàgail dhan togalach a bha ann o thùs san 13mh linn.

A' stobadh a-mach bhon bhall dìreach tuath air prìomh dhoras na h-Abaid, tha seipeal beag fon ainm Cobhan Chaluim Chille. Tha fianais ann gun robh an làrach air a chleachdadh airson adhlacaidhean sna h-amannan meadhan-aoiseil – agus is dòcha gur ann an seo a bha Calum Cille air adhlacadh an toiseach.

 

A’ faighinn ann

Ceannaich do thiocaid airson faighinn a-steach bho bhùth Alba Aosmhor aig a' gheata. Tha iùl-claistneachd ann an Gàidhlig agus Beurla ri fhaotainn cuideachd. Gabh romhad a-steach don Abaid gus sgrùdadh a dheanamh air an togalach bhon 13mh linn agus an clabstar a chaidh an dèanamh suas às ùr. Agus tadhail air an Taigh-tasgaidh a tha ann an togalach air leth aig ceann a tuath na h-Abaid, airson eiseimpleirean mìorbhaileach de chloich shnaighte bho àm an Tràth-Chrìosdaidheachd fhaicinn, còmhla ri leacan-uaighe nan ceann-cinnidh Ghàidhealach bho na meadhan-aoisean.

A-nis, lean ort a-mach a-rithist agus coisich astar goirid sìos an rathad gu tuath, seachad air an inntrigeadh gu Ionad MhicLeòid, gus sealladh fhaotainn air an Eileach - uchdan de dh’ùir a bha a’ comharrachadh crìochan na h-abaid o chionn fhada.


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.1 Na Croisean Mòra agus an Abaid

    Ràinig Calum Cille Eilean Ì ann am 563 an dèidh dha Doire (4.5) ann an Èirinn fhàgail. A rèir beul-aithris, bha Calum Cille a’ coimhead airson àite san togadh e a mhanachainn far nach biodh e comasach dha a sheann dùthaich fhaicinn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.2 Abaid, Clabhstar agus Eileach

    Bha am ‘Vallum’ no an t-Eileach a’ comharrachadh crìoch fearann manachainn Chaluim Chille air Eilean Ì. Chaidh a chruthachadh le dà bhruaich air gach taobh de chlais dhomhain.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.3 Teampall agus Rèilig Òdhrain

    Coisich sìos ‘Sràid nam Mairbh’ bhon Abaid gu Teampall agus Cladh Òdhrain. Bhithte a’ cleachdadh an t-slighe taisteil meadhan-aoiseil airson tòrraidhean air an t-slighe chun chladh.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.4 An Eaglais Dhubh

    Chaidh an Eaglais Dhubh a togail mun aon àm ris an Abaid Bheinidicteach – san 13mh linn – le Raghnall mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean. B’ e a phiuthar Beathag a’ chiad bhana-phrìoir.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.5 Port nam Mairtear

    Tha Port nam Mairtear dìreach deas air meadhan a’ bhaile, seachad air Bàgh Rònain. Tha e air ainmeachadh às dèidh nan 68 manach a chaidh am marbhadh leis na Lochlannaich a thug ionnsaigh air an eilean ann an 806.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.6 Cnoc nan Aingeal

    A rèir Adhamhnan, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille is e seo far am facas e a’ coinneachadh ris na h-ainglean.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.7 Bàgh Chaluim Chille

    Thàinig Calum Cille gu Eilean Ì bho Earra-Ghàidheal ann an 563 far an robh e air a bhith a’ sireadh cead manachainn a thogail air fearann a bhuineadh don chinneadh a bha a’ riaghladh an sin – an Dàl Riata.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    7.8 An Cobhan Cùilteach

    Chan eil air fhàgail san là an-diugh den Chobhan Chùilteach ach stèidh chlach nach eil snaighte airson bothan a bha ann an cumadh uighe agus a bhiodh air a thogail le fiodh no sgrathan. Tha an doras dhan àird an iar-dheas gus solas an là a ghlacadh.