Mun Phròiseact

Slighe Cholmcille

Tá Slighe a’ ciallachadh ‘rathad no dòigh’, agus tha Slighe Chaluim Chille a’ dèanamh rannsachadh air cànan is dualchas na h-Èireann agus na h-Alba tro bheatha Naomh Calum Cille. ’S e triall a th’ ann eadar Èirinn agus Alba agus eadar mòran làraich le ceangal ris an naomh agus a luchd-leantainn; tha e a’ ceangal choimhearsnachdan Gàidhlig anns an dà dhùthaich.

Tha Slighe Chaluim Chille ann mar thoradh air ceanglaichean a chaidh a dhèanamh thar mòran bhliadhnaichean agus tro chuideachadh bho iomadh phàrtaidh. Thathar an dòchas gum fàs na ceanglaichean sin agus gun soirbhich leotha sna bliadhnaichean ri teachd.

Tha a’ phròiseact air a leasachadh le Colmcille (www.colmcille.net), iomairt air ainmeachadh às dèidh an naoimh. Chaidh a stèidheachadh ann an 1997 gus ceanglaichean eadar Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann adhartachadh, bliadhna a chunnaic seirbheisean cuimhneachaidh air an 1400mh cheann-bliadhna de bhàs an Naoimh Colm Cille. Tha e a-nis mar chom-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge, a bhios ag adhartachadh na Gaeilge ann an eilean na h-Èireann, agus Bòrd na Gàidhlig a bhios ag adhartachadh Gàidhlig na h-Alba ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

Tha Slighe Chaluim Chille air a mhaoineachadh le Maoin Crannchur an Dualchais agus cuideachd le Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig.

Stiùireadh Pròiseact

Tha taing sònraichte ri dhol gu com-pàirteachas Phròiseact nan Ealan ann an Steòrnabhagh, dealbhaichean lìn Design is Central agus manaidsear na pròiseict, Lucy Harland bho Lucidity Media, a tha air an triall a shiubhal agus a chomharrachadh ann am fad is leud, airson an làrach-lìn a leasachadh agus a’ phròiseact a thoirt gun ìre seo.

Comhairlichean Eachdraidh

Tha Brian Lacey air a bhith air leth cuideachail a thaobh taic agus comhairle mun phròiseact thar grunn bhliadhnaichean. Tha prìomh àite air a bhith aige anns na molaidhean bho thùs agus tha e air a bhith na cho-chomhairliche don làrach-lìn agus don triall ann an Èirinn. Stèidhich Brian seirbheisean Taigh-tasgaidh Comhairle Baile Dhoire. Bho 1998 tha e air a bhith mar Stiùiriche air a’ Phrògram Lorg, buidheann rannsachaidh arc-eòlais air feadh na h-Èireann stèidhichte ann am Baile Átha Cliath. Tha e air foillseachadh gu farsaing air arc-eòlas iar-thuath Èirinn agus beatha is dìleab Cholm Cille. Am measg nam foillseachaidhean aige, tha Cenél Conaill and the Donegal kingdoms: AD 500-800 (2006), agus Colum Cille and the Columban tradition (1997). Tha e na neach-deasachaidh agus na phrìomh ùghdar air Archaeological Survey of Donegal (1983).

Buidheachas

Tha làn bhuidheachas ri thoirt do Risteard Mac Gabhann agus Bòrd-stiùiridh Iomairt Cholmcille a bh’ ann, agus do chearcall nas farsainge oir gun an taic ’s an cuideachadh cha bhiodh a’ phròiseact idir ann:

Èirinn

Liam Ó Cuinneagáin, Oideas Gael; Aodán Mac Póilín, Róise Ní Bhaoill agus Iontaobhas ULTACH; Stella McDermot Ciste Oidhreachta an Chrannchuir Náisiúnta; Cathal Mac Suibhne, iar-Bhainisteoir Réigiúnach Údarás na Gaeltachta i nDún na nGall, agus a fhoireann; Ciarán & Rita Ó Duibhín; Bríd Nic Gairbhith agus Comharchumann Thoraí; Maureen Mackin; Maureen Murray; An Dr Jonathan Bell; An Dr Aidan Walsh; An Dr Cormac Bourke, Músaem Uladh; An Dr Ian Adamson; Gráinne McCafferty agus Áras Colmcille; Martin Egan, Ionad Oidhreachta Ghartáin; Cumann Gaelach na hEaglaise; Margaret Edwards, Paul Ó Frighil agus Bernadette Walsh, Comhairle Chathair Dhoire; Déaglán Ó Doibhlin agus Liam Ó Flanagáin, Comhairle Bhuirg Léim an Mhadaidh; Mark Strong, Gemma Reid agus Ian Hamilton, Comhairle Bhuirg Chúil Raithin; Comhairle Chontae Dhún na nGall.

Alba

Richard Langhorne a b’ àbhaist a bhith na Fhear-glèidhidh air Museum nan Eilean; Anna NicSuain, Comunn Eachdraidh Nis; Tony Watson agus Ionad Lorg an Tairbeirt, Port Mo Chalmaig; Bill Lawson agus Ionad Tadhal Seallam, Na Hearadh; Donaidh Moireasdan, Comunn Eachdraidh na Pàirce; Calum Iain Macleòid, Comunn na Gàidhlig; Paddy MacNeacail, Comunn Eachdraidh Lios Mòr; Caidreachas nan Comunn Eachdraidh; An Dr Ùisdean Cheape, Sabhal Mòr Ostaig; Chrisella Ross, Pròiseact na Sgeulachd; Sharon Webb, Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn; Doreen Groves, Alba Aosmhor; Màiri NicArtair; Roy Pedersen; Iain Campbell; Christine Nic an t-Saoir; Tristan ap Rheinallt; Kathanna Latimer; Gillies MacKenzie; Kerry Corbett nach maireann, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid; Joe Mac a’ Phì agus Alasdair Macleòid, Comhairle nan Eilean Siar.

Tha buidheachas ri thoirt cuideachd do Penguin Books Ltd airson cead bloighean à Vitae Columbae le Naomh Adhamhnán Eilean Ìdhe air a eadartheangachadh aig Richard Sharpe (Penguin Classics, 1995). Copyright © Richard Sharpe, 1995. Reproduced by permission of Penguin Books Ltd.

Feuch anseo