Ceanglaichean Cholmcille

21 April 2015
Dr Brian Lacey Moira NíGhallchóir MNG and Patti Holly Aras Cholmcille

Ceanglaichean Cholmcille

Tha dlùth cheangal aig an Naomh iomraiteach Calum Cille ri Eilean Ì, an t-àite far an do chuir e seachad a bheatha às dèidh dha tighinn ann na fhògarrach à Èirinn, ach a rèir an arc-eòlaiche is an eachdraiche, Brian Lacey, ’s e Doire is Dùn nan Gall ‘Tìr Chaluim Chille’. Agus thathar gu bhith comharrachadh sin ann an Ceanglaichean Cholmcille turas ùr is sònraichte do luchd-turais ann an 2015. Tha Moira Ní Ghallchóir bhon phròiseact turasachd coimhearsnachd MNG ag obair gu dlùth còmhla ris an Dr Brian Lacey gus luchd-turais a thoirt air turas air leth inntinneach gu taobh iar-thuath na h-Èireann bho Ghleann Cholm Cille gu Doire Cholmcille, agus gu na cnuic os cionn Loch Feabhail. Bheir Brian Lacey an sealladh sònraichte aige fhèin do dhaoine air sgeulachdan is arc-eòlas na sgìre. Bidh MNG a’ tabhann taghadh air leth de nithean ùidheil is tlachdmhor do luchd-turais, a’ gabhail a-steach seinneadairean is sgeulaichean bho Ghàidhealtachd Dhùn nan Gall, àiteachan-fuirich agus biadh fìor mhath.

A’ bruidhinn air na turasan, thuirt an sgrìobhadair is eachdraiche an Dr Lacey: “Tha mi air a bhith rannsachadh eachdraidh, arc-eòlas agus beul-aithris co-cheangailte ris an Naomh Calum Cille airson nan 40 bliadhna a dh’fhalbh. Tha mi air iomadh turas-latha a stiùireadh ach cha do thachair agus cho do rinn mi turas mar seo riamh.”

Crois Raithe

Mar phàirt den turas bidh cothrom air biadh agus ceòl air Slighe Cuan Caochlaideach an Iar agus cothrom sùil shònraichte a thoirt air beul-aithris co-cheangailte ri Calum Cille ann an Doire is Dùn nan Gall. Bidh Moira agus Brian ag obair còmhla ri Áras Cholmcille, an t-àite ùr ann an Doire airson luchd-turais. Thàinig an turas seo mar thoradh air co-labhairt a chaidh a chumail ann an Dùn nan Gall ann an 2014 air Slighe Chaluim Chille, slighe eadar Èirinn is Alba. Bha ùidh mhòr aig MNG sna beachdan aig Brian air arc-eòlas co-cheangailte ri Calum Cille ann an Doire is Dùn nan Gall, agus ’s e aon de na beachdan a th’ aige gum faodadh gur e a’ Chrois Àrd aig Ráith ar an Fhál Charrach, aon de na croisean àrda le cearcall as àirde agus as sine ann an Èirinn, agus gu bheil dlùth cheangal aice ri croisean ann an Eilean Ì.

Thuirt Moira Ní Ghallachóir, a stèidhich MNG: “Bha am fiosrachadh sin cho inntinneach, agus bha ùidh mhòr agam san làrach far a bheil a’ chrois, agus na sgeulachdan co-cheangailte ri Calum Cille, agus chuir sinn an turas seo air dòigh gus am faigh daoine cothrom ceangal a dhèanamh ris na rudan iongantach seo agus gun tuig iad cho cudromach agus a tha bha iad. Dìreach smaoinich air an ùidh a bhiodh aig daoine ann nam biodh a’ chrois seo ann an Ciarraí.”

Thèid Ceanglaichean Cholmcille a chumail eadar 7-13 Ògmhios agus 9-15 Lùnastal.
Dh’fhaodadh gum bi deitichean eile ann cuideachd.
Airson tuilleadh fiosrachaidh faicibh: www.mng.ie no fònaibh +353 83 123 0529.