7 Dùbhlachd - Latha Breith Chaluim Chille

12 December 2018

Thathar a’ comharrachadh 7 Dùbhlachd mar latha breith an Naoimh Calum Cille. Chan eil fhios againn dè cho fad ’s a thathar air a bhith a’ comharrachadh an latha sin mar latha breith an naoimh – cha robh teisteanasan breith ann an Èirinn san 6mh linn! Ach san leabhar iomraiteach aig Manus Ó Domhnaill ann an Gaeilge mun naomh a chrìochnaich e ann an 1532, tha e ag ràdh: Air an t-seachdamh latha den Dùbhlachd rugadh Calum Cille ... Agus b’ ann freagarrach a bha an ràith san do rugadh e, thoradh b’ ann dùbhlaidh a bha a bheatha fhèin aig amannan a thaobh fuachd is dorchadas, cràdh is peanas, agus a thaobh a’ chruadail is na mì-chofhurtachd a bha e fhèin deònach fhulang na bhodhaig.

Leac na Cumha

Nuair a rugadh e cha bhiodh adhbhar ann do dhaoine smaoineachadh gun robh beatha shònraichte gu bhith aige, agus mar sin cha bhiodh adhbhar ann latha a bhreith a chlàradh. Air an làimh eile, tha barrachd fianais dhearbhte ann mun latha a thathar ag ràdh air an do chaochail e, 9 Ògmhios, às dèidh dha beatha a chur seachad san do thachair tòrr agus san do choilean e tòrr. Chan eil mòran chlàran eachdraidheil idir againn airson na linne tràithe seo agus chan eil an fheadhainn a th’ ann a’ toirt dhuinn dealbh ro shoilleir; gu dearbh, chan eil na tùsan fiosrachaidh fiù ’s ag aontachadh air a’ bhliadhna san do rugadh an naomh. Tha na diofar chlàran-eachdraidh (cunntasan bliadhnail) tràtha – anns nach gabh cus earbsa a chur idir mar chlàran fìrinneach de na thachair san linn thràth seo – a’ clàradh diofar bhliadhnaichean leithid: 518, 519, 521 agus 523. B’ àbhaist co-aonta a bhith ann gun do rugadh e ann an 521, ge-tà, ann an rannsachadh mòr ath-sgrùdachail, tha an Dr Daniel MacCárthaigh bho Cholaiste na Trianaid ann am Baile Àtha Cliath a’ cumail a-mach gur e as coltaiche gun do rugadh e ann an 520. Mar sin tha e coltach gur e 7 Dùbhlachd 2018 am 1,498mh ceann-bliadhna aig Calum Cille (no am 1,497mh ceann-bliadhna aige mas fheàrr leat a’ bhliadhna as aithnichte). A rèir chunntasan nas anmoiche, bhathar a’ cumail a-mach gun do rugadh an naomh air Diardaoin, ach b’ e Disathairne a bh’ anns an 7 Dùbhlachd 520, ged a b’ e Diardaoin a bh’ anns an 7 Dùbhlachd ann an 519. Tha na diofar atharraichean a rinneadh air a’ mhìosachan bhon 6mh linn, a’ gabhail a-steach gur ann air 25 Màrt (chan e 1 Faoilleach) a thòisicheadh a’ bhliadhna ùr sna Meadhan-Aoisean, a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ faighinn dealbh gu math troimh-a-chèile bho na clàran-ùine a chaidh a chlàradh sna Meadhan-Aoisean. Thathar a’ dèanamh ceangal eadar Calum Cille is Diardaoin gu mòr ann am beul-aithris, gu h-àraidh ann an Innse Gall far a bheil an dualchas co-cheangailte ris math dh’fhaodte air a dhol an lùib an dualchais co-cheangailte ris an dia Lochlannach, Thor, air a bheil Thursday ann am Beurla ainmichte. Thuinich Lochlannaich anns na h-eileanan sin agus ri ùine chaidh an iompachadh le clèirich gu bhith nan Crìosdaidhean, agus bhiodh na clèirich sin air an oideachadh san dualchas eaglaise a bhuineadh ri Calum Cille. Ge-tà, tha na ceanglaichean eadar Calum Cille agus Diardaoin cuideachd rin lorg ann an Dùn nan Gall, mar a chithear san rann gu h-ìosal air a bheil Manus Ó Domhnaill a’ toirt iomradh mun àite san do rugadh an naomh, Gartán, rann sa bheil an Naomh Pàdraig a’ dèanamh fàidheadaireachd don Naomh Brìghde: Dardaín breith Coluim Cille A nGartan uasal ainglidhe, Dár indis Pádraig na fledh Do Brighid re ndul ar nem.

Rugadh Calum Cille Diardaoin Ann an Gartán, uasal is naomh Mar a dh’innis Pàdraig còir do Bhrìghde Dlùth ri àm a bhàis.