Sliabh Speirín a Tuath agus A’ Bhanna

Sperrins view © Alan Sproull

Air taobh sear cathair-bhaile Dhoire tha cnuic ghorma, tràighean brèagha, geala agus Sliabh Speirín.

Tha ceanglaichean làidir eadar a’ cheàrnaidh seo agus beatha agus sgeulachdan mu Chalum Cille, mar a chaidh an clàradh air tùs le Adomnán a bha na Ab an Eilean Ì, eadar 679-704. Sgrìobh Adhamhnán 'Beatha an Naomh Calum Cille' – an cunntas as tràithe a tha againn de bheatha an naoimh.

Chan eil Adhamhnán ag ainmeachadh mòran ainmean-àite ann an Èirinn air an do thadhail Calum Cille, ach tha e ag ainmeachadh trì sa cheàrnaidh seo.

Tha Adhamhnán ag innse gun do thill Calum Cille a dh’Èirinn airson Co-chruinneachadh Drum Ceat a ghabh àite is dòcha sna 570an far a bheil Léim an Mhadaidh san là an-diugh. Rè an turais seo thadhail an naomh air Camus, deas air Cúil Raithin far an do rinn e fàisneachd mu Bhlàr Dhún Ceithirn. Thadhail e cuideachd air Cúil Raithin, far an do choinnich e ris an easbaig ionadail agus far an tug muinntir na sgìre dha tiodhlacan.

A’ faighinn ann...

Tha Léim an Mhadaidh 30 mionaid sa char air taobh sear Dhoire air an A2. Tha a’ chiad làrach air an turas dìreach deas air a’ bhaile.

 
  • Drum Ceat, Limavady, Ireland.
     

    5.1 Droim Ceat, Léim an Mhadaidh

    A rèir sgeula nach eil buileach cho sean, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn thathar ag ràdh gun do bhòidich e nach cuireadh e cas air fearann na h-Èireann a chaoidh tuilleadh.

  • Giant's Sconce, Sperrins, Ireland.
     

    5.2 Dún Ceithirn (Giant's Sconce)

    Bho mhullach Dhún Ceithirn, tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire.

  • St Patrick’s CofI, Coleraine, Sperrins, Ireland.
     

    5.3 Eaglais Naomh Pádraig, Eaglais na hÉireann, Cúil Raithin

    Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adhamhnán. Bha Adhamhnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

  • Camus, Sperrins, Ireland.
     

    5.4 Camas

    Tha pìos beag den chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Banna gu deas air Cúil Raithin.

  • Ballintemple, Sperrins, Ireland.
     

    5.5 Baile an Teampaill

    Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adomnán (c.628-704), a bha na Aba air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar 'Beatha Chaluim Chille'.