5.1 Drum Ceat, Léim an Mhadaidh

A rèir sgeula nach eil buileach cho sean, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn thathar ag ràdh gun do bhòidich e nach cuireadh e cas air fearann na h-Èireann a chaoidh tuilleadh. Ach tha e coltach gun do thill e co-dhiù aon turas – airson Co-chruinneachadh Dhroim Ceat is dòcha sna 570an, a bha ann an seo, dìreach deas air Léim an Mhadaidh.

Sperrins drum © Alan Sproull

Tha an tachartas seo air a chlàradh le Adhamhnán a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille agus tha e sna cunntasan a chaidh an sgrìobhadh aig an àm sin fhèin.

Bha fiosrachadh mun chruinneachadh – le mòran air a chur ris – agus a bha na uirsgeul – cuideachd air an clàradh ann an litreachas a chaidh a sgrìobhadh an dèidh làimh, ga dhèanamh mar aon de na cruinneachaidhean a bu chudromaich ann an eachdraidh thràth na h-Èireann.

Chaidh an cruinneachadh a chumail ann an àite a bha dìreach deas air baile Léim an Mhadaidh air tom le mullach còmhnard agus le sealladh math air gach taobh. Cha robh am fearann seo le taobh seach taobh agus bha e faisg air a’ chrìoch eadar fearann an dithis fhir.

Mar eisimpleir tha 'Beatha Chaluim Chille' a sgrìobh Mànas Ò Dòmhnaill ann an 1532 ag ràdh gun do chleachd Calum Cille an cruinneachadh gu bhith ag argumaid nach bu chòir dha bàird na h-Èireann a bhith air am fògradh a-mach às an dùthaich air sgàth ’s ‘an àireamh, an searbhadas, an gearainean agus an droch bhriathran’ agus an dòigh mhì-mhodhail san do dhèilig iad ris an Rìgh Áed mac Ainmirech. Thathar ag ràdh gun deach bruidhinn mu chùisean eile cuideachd.

Ach, b’ ann a bha an cruinneachadh mu dheidhinn an càirdeas phoilitigeach is armailteach a bha eadar rìgh Dhál Riata Áedán mac Gabráin aig an robh fearann ann an ceann a tuath na h-Èireann agus taobh siar na h-Alba agus an àrd-rìgh cumhachdach ann an ceann a tuath na h-Èireann, Áed mac Ainmirech à Dùn nan Gall.

Bha dlùth chàirdeas aig Calum Cille do Áed ach b’ e cuideachd am prìomh neach-cràbhach a bha aig muinntir Dhál Riata – is iongantach mun robh Eilean Ì na phàirt de dh’fhearann Dhál Riata.

Fhad ’s a bha e ann an Èirinn, tha Adamhnán ag ràdh gun robh daoine tinne air an toirt gu Calum Cille gus a bhith air an leigheas.

‘Chuir mòran do dhaoine tinne an earbsa ann agus chaidh an leigheas gu tur, cuid bho làimh fhèin, cuid air an deach uisge a chrathadh a bha air a choisrigeadh leis, agus cuid eile a bhuin ri ìochdar a chleòca no ri rudeigin mar salann no aran a chaidh a choisrigeadh leis an naomh agus a chaidh a thomadh ann an uisge.’

Tha Ò Dòmhnaill ag ràdh ann am Beatha Chaluim Chille gun do fhritheal Calum Cille cruinneachadh Dhoim Ceat gu ìre an dèidh a bhith air cuireadh fhaighinn bho fhir na h-Èireann.

‘gus am beannaicheadh e na clèirich is na neo-chlèirich, na fir is na mnathan mus fhàgadh e a’ bheatha seo; oir, aig an àm sin, bha e aig deireadh a bheatha agus a rèis san t-saoghal’.

Tha Adhamhnán cuideachd ag ràdh gun do rinn Calum Cille fàisneachd mu bhlàr Dún Ceithirn rè na cuairt seo.

 

A' faighinn ann

Tha Léim an Mhadaidh 30 mionaid sa char air taobh sear Dhoire air an A2. Tha a’ chiad làrach air an turas dìreach deas air a’ bhaile.


 
   
  • Drum Ceat, Limavady, Ireland.
     

    5.1 Droim Ceat, Léim an Mhadaidh

    A rèir sgeula nach eil buileach cho sean, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn thathar ag ràdh gun do bhòidich e nach cuireadh e cas air fearann na h-Èireann a chaoidh tuilleadh.

  • Giant's Sconce, Sperrins, Ireland.
     

    5.2 Dún Ceithirn (Giant's Sconce)

    Bho mhullach Dhún Ceithirn, tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire.

  • St Patrick’s CofI, Coleraine, Sperrins, Ireland.
     

    5.3 Eaglais Naomh Pádraig, Eaglais na hÉireann, Cúil Raithin

    Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adhamhnán. Bha Adhamhnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

  • Camus, Sperrins, Ireland.
     

    5.4 Camas

    Tha pìos beag den chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Banna gu deas air Cúil Raithin.

  • Ballintemple, Sperrins, Ireland.
     

    5.5 Baile an Teampaill

    Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adomnán (c.628-704), a bha na Aba air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar 'Beatha Chaluim Chille'.