5.2 Sgons an Fhamhair

Bho mhullach Dhún Ceithirn (Giant’s Sconce), tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire agus tha am muir an ìre mhath faisg cuideachd.

Thathar dhan bheachd gu bheil an carragh-cuimhne seo air làrach daigneach àrsaidh Dún Ceithirn. An-diugh chan fhaicear ach cnoc le mullach còmhnard ach aig aon àm bha dùn an seo le ballachan a bha 5-8 meatairean a leud.

Tha Adhamhnán, a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille ag innse gun do rinn an naomh fàisneachd mu Bhlàr Dún Ceithirn an uair a bha e aig Co-chruinneachadh Drum Ceat agus thuirt e gum biodh Abhainn Bhann luma-làn fuil a luchd-dàimh.

Bha am blàr a thachair ann an 632 eadar Congal Cáech, rìgh bho taobh sear Ulaidh, agus Domnall mac Áedo, fear a bha càirdeach do Chalum Cille is a bhuineadh do Dhùn nan Gall agus a bha na rìgh air Teamhair (Tara) – ’s dòcha an rìoghachd a bu chumhachdaich ann an Èirinn.

Tha e a’ coimhead coltach gun robh Dún Ceithirn fo smachd Chongal agus is dòcha gun robh e a’ feuchainn ri làmh an uachdair fhaighinn air Domnall. Bhuannaich Domnall am blàr ach b’ fheudar dha ionnsaigh a thoirt air Congal a-rithist ann an 639 ann am Blàr Mag Roth, agus bhathar dhan bheachd gun do rinn Calum Cille fàisneachd mun bhlàr seo cuideachd.

Sperrins dun © Alan Sproull
 

A’ faighinn ann

Chan eil cas-cheum air a chomharrachadh ach gheibhear gu mullach a’ chnuic air frith-rathad a tha a’ dol tron choille. Feumaidh brògan iomchaidh a bhith ort. Bheir a’ chuairt seo 20 mionaid gach taobh.

Bho Léim an Mhadaidh gabh Rathad Windyhill (B201) (ris an canar "Rathad Murderhole" an dèidh fear ionnsaigh an rathaid mhòir aig an robh droch chliù - Cushy Glen) agus cùm ort gu sear air an rathad seo gu Cúil Raithin. Às dèidh mu 6 mìle, cùm do shùil a-mach airson Rathad Bratwell air do làimh chlì. Mu 200m seachad air seo tha geata beag air a’ choille air do làimh chlì, le làrach neo-fhoirmeil ri taobh an rathaid far an urrainn do aon no dà charbaid pàirceadh. Pàirc an seo, thèid tarsainn air a’ gheata agus lean ort tron choille gu mullach an Sgons/Sconce.


 
   
  • Drum Ceat, Limavady, Ireland.
     

    5.1 Droim Ceat, Léim an Mhadaidh

    A rèir sgeula nach eil buileach cho sean, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn thathar ag ràdh gun do bhòidich e nach cuireadh e cas air fearann na h-Èireann a chaoidh tuilleadh.

  • Giant's Sconce, Sperrins, Ireland.
     

    5.2 Dún Ceithirn (Giant's Sconce)

    Bho mhullach Dhún Ceithirn, tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire.

  • St Patrick’s CofI, Coleraine, Sperrins, Ireland.
     

    5.3 Eaglais Naomh Pádraig, Eaglais na hÉireann, Cúil Raithin

    Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adhamhnán. Bha Adhamhnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

  • Camus, Sperrins, Ireland.
     

    5.4 Camas

    Tha pìos beag den chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Banna gu deas air Cúil Raithin.

  • Ballintemple, Sperrins, Ireland.
     

    5.5 Baile an Teampaill

    Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adomnán (c.628-704), a bha na Aba air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar 'Beatha Chaluim Chille'.