5.3 Eaglais Naomh Pàdraig, Eaglais na h-Èireann, Cúil Raithin

Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adomnán. Bha Adomnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh ann an 597.

Dh’ainmich Adomnán gun do dh’fhuirich Calum Cille còmhla ri Easbaig Chúil Raithin air a shlighe dhachaigh bho Cho-chruinneachadh Drum Ceat. Fhad ’s a bha e ann, bhiodh muinntir an àite a’ toirt biadh thuige a bhiodh an naomh a’ beannachadh agus chronaich Calum Cille aon fhear airson cho sanntach ’s a bha e. Bhiodh iad ag ithe a’ bhìdh aig fèist a bhithte air a chumail an uair a bha an naomh san àite.

Leis gun robh easbaig an làthair, ’s iongantach mun robhar a’ meas Chúil Raithin mar àite cudromach aig an àm seo.

Dh’fhaodadh gun deach eaglais paraiste Eaglais na h-Èireann, Naomh Pàdraig, a chaidh a togail aig deireadh an 19mh linn a togail air làrach an tuineachaidh eaglaiseil a bha ann an Cúil Raithin o thùs.

st Patrick mosaic St Patricks Church mosaic
 

A’ faighinn ann

Bho Sgons an Fhamhair/Giant’s Sconce, lean ort gu sear gu Cúil Raithin air an B201 airson mu mhìle. Aig a’ chrois-rathaid, gabh gu do làimh cheart gu Rathad an Eilein and cùm ort sìos chun A37. Tionndaidh gu do làimh chlì air an A37 gu Cúil Raithin.

Dìreach mus ruig thu an drochaid a tha a’ dol tarsainn air an Abhainn Bann thèid gu do làimh chlì aig a’ chearcallan chun A29 agus lean ort gu tuath agus an abhainn air do làimh cheart. Fuirich air an A29 agus thèid tarsainn air Drochaid Bhann a’ tionndadh gu do làimh chlì chun A26. Fàg an A26 agus thèid gu clì gu Sràid Brook agus gabh an dàrna sràid gu do làimh cheart gu Sràid Kingsgate a tha a’ leantainn oirre gu Sràid na h-Eaglaise.

Faic làrach-lìn na h-eaglaise airson map agus tuilleadh fiosrachaidh.


 
   
  • Drum Ceat, Limavady, Ireland.
     

    5.1 Droim Ceat, Léim an Mhadaidh

    A rèir sgeula nach eil buileach cho sean, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn thathar ag ràdh gun do bhòidich e nach cuireadh e cas air fearann na h-Èireann a chaoidh tuilleadh.

  • Giant's Sconce, Sperrins, Ireland.
     

    5.2 Dún Ceithirn (Giant's Sconce)

    Bho mhullach Dhún Ceithirn, tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire.

  • St Patrick’s CofI, Coleraine, Sperrins, Ireland.
     

    5.3 Eaglais Naomh Pádraig, Eaglais na hÉireann, Cúil Raithin

    Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adhamhnán. Bha Adhamhnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

  • Camus, Sperrins, Ireland.
     

    5.4 Camas

    Tha pìos beag den chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Banna gu deas air Cúil Raithin.

  • Ballintemple, Sperrins, Ireland.
     

    5.5 Baile an Teampaill

    Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adomnán (c.628-704), a bha na Aba air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar 'Beatha Chaluim Chille'.