5.4 Camas

Tha pìos beag de chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Bann gu deas air Cúil Raithin. Tha seallaidhean cràbhach air an snaigheadh air gach taobh den chrois – An Àirc agus murt Abeil air an taobh an iar agus baisteadh Ìosa agus (is dòcha) a chur an grèim air an taobh sear.

Sperins cross © Alan Sproull

Tha Adhamhnán – a sgrìobh eachdraidh beatha Chaluim Chille – ag innse sgeula a tha a’ ceangal Chaluim Chille ris an àite seo. Tha Adhamhnán ag innse mar a bha an naomh a’ siubhal air ais chun chosta bho Cho-chruinneachadh Drum Ceat còmhla ris an Ab Comgall – a bha an dèidh làimh na Naomh. B’ e Camas aon de mhanachainnean Chomgall agus tha e glè choltach gur ann sa chladh a bha i. Tha i na seasamh làimh ri fadhal ainmeil air Abhainn Banna agus tha e glè choltach gur ann an seo a chaidh Calum Cille tarsainn air an abhainn air a shlighe gu Cúil Raithin. Shuidh an dithis fhir sìos gus an anail a leigeil,

Chaidh uisge a thoirt ann am mèis umha chun nan naomh airson an làmhan a nighe bho shruthan a bha faisg orra. Ghabh an Naomh Calum Cille a’ mhèis agus thuirt e ris an Ab Comgall a bha na shuidhe ri thaobh:

‘Thig an là, AaChomgaill, an uair nach bi e comasach do dhaoine a bhith a’ cleachdadh an t-sruthain às an tàinig an t-uisge seo.’ ‘Ciamar a bhios uisge an t-sruthain air a thruailleadh?’ arsa Comgall

‘Bidh e luma-làn fuil dhaoine. Bidh mo dhlùth dhàimhean-sa agus do dhàimhean-sa a rèir na feòla (na h-Uí Neíll agus an Cruithin) a’ cogadh an aghaidh a-chèile, ann am blàr aig an daigneach seo aig Dún Cethirn faisg air an làrach seo. Thèid aon de mo chàirdean a mharbhadh san t-sruthan seo, agus lìonaidh fhuil agus fùil chàich an sruthan’

                                                                             Leabhar 1: 49

Thathar dhan bheachd gur e Sgons an Fhamhair - Giant’s Sconce - an làrach air an robh Dún Cethirn.

Tha ‘Cam uisce’ no ‘Uisge cam’ a’ ciallachadh the place of the crooked water. Airson nam mìltean de bhliadhnaichean tha daoine air a bhith a’ dol tarsainn air a’ Bhann an seo aig an fhadhal faisg air Eilean Loughan – mar a thathar air a dhearbhadh leis na stuthan arceòlais a thathar air a lorg san abhainn. Air Beinn Sandel a tha faisg air làimh tha arceòlaichean air stuth fhaighinn bhon tuineachadh as sine a fhuaras ann an Èirinn a tha a’ dol air ais co-dhiù 9,000 bliadhna.

camus ford © Alan Sproull

Tha clach bullaun air taobh tuath a’ chlaidh. Thathar a’ creidsinn gu bheil buadhan naomha aig an uisge a tha na laighe san lag a tha sa chloich seo agus thathar ag ràdh nach tiormaich e a chaoidh.

 

A’ faighinn ann

Gabh an rathad gu deas bho Cúil Raithin chun rathad-cuairteachaidh A29. Air taobh siar na drochaid a tha a’ dol thar Abhainn Bann, thèid gu deas agus gabh an A54. Draibh tron Chaisleán Rua, a’ dol gu do làimh chlì gus fuireach air an A54.

Mar a tha thu a’ draibheadh gu deas tha coille air do làimh chlì. Dìreach mile deas air a’ Chaisleán Rua, tha thu a’ fàgail na coille air do chùl agus tha an abhainn ri faicinn a-nis air do làimh chlì. Tha an cladh air cùl balla-cloiche air do làimh cheart.

Tha àite-pàircidh air taobh clì an rathaid agus tha staran air cùl feansa-bacaidh eadar an rathad agus an abhainn.


 
   
  • Drum Ceat, Limavady, Ireland.
     

    5.1 Droim Ceat, Léim an Mhadaidh

    A rèir sgeula nach eil buileach cho sean, an uair a dh’fhàg Calum Cille Èirinn thathar ag ràdh gun do bhòidich e nach cuireadh e cas air fearann na h-Èireann a chaoidh tuilleadh.

  • Giant's Sconce, Sperrins, Ireland.
     

    5.2 Dún Ceithirn (Giant's Sconce)

    Bho mhullach Dhún Ceithirn, tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh e na dheagh làrach airson dùn a thogail. Chithear seallaidhean matha bhuaithe air gach taobh agus chan eil Abhainn Banna fada air falbh thar na tire.

  • St Patrick’s CofI, Coleraine, Sperrins, Ireland.
     

    5.3 Eaglais Naomh Pádraig, Eaglais na hÉireann, Cúil Raithin

    Tha an t-iomradh as tràithe a tha ann mu Cúil Raithin a’ nochdadh ann am Beatha Chaluim Chille a sgrìobh Adhamhnán. Bha Adhamhnán na Ab an Eilean Ì agus sgrìobh e a chunntas air eachdraidh beatha Chaluim Chille ceud bliadhna an dèidh bàs an naoimh.

  • Camus, Sperrins, Ireland.
     

    5.4 Camas

    Tha pìos beag den chrois meadhan-aoiseil Camais a bha air a dèanamh de chloich-gainmhich dheirg a-nis ann an cladh a tha air taobh siar Abhainn Banna gu deas air Cúil Raithin.

  • Ballintemple, Sperrins, Ireland.
     

    5.5 Baile an Teampaill

    Thathar dhan bheachd gun deach a’ chiad eaglais air an làrach seo a stèidheachadh le Naomh Adomnán (c.628-704), a bha na Aba air manachainn Eilean Ì eadar 679 is 704 agus b’ e ùghdar 'Beatha Chaluim Chille'.