Seachdain an Dualchais air Slighe Chaluim Chille

August 22nd 2016

Bheir an Dr Brian Lacey, eòlaiche air an Naomh Calum Cille, òraid seachad ann an Ionad Dualchais Chaluim Chille, Gartán aig 7f air 22 Lùnastal 2016. ’S e tiotal na h-òraid, “A Landscape of Pilgrimage: Gartan, Templedouglas and Kilmacrennan”. Tha e an-asgaidh a dhol ann. Tha an òraid na thachartas ann an Seachdain an Dualchais. Bidh an Dr Lochlann Magill, Ceann-suidhe Comann Eachdraidh Dhùn nan Gall sa chathair. Fad cheudan de bhliadhnaichean tha muinntir Dhùn nan Gall agus sgìrean eile air a bhith tadhal air na diofar làraich ann an Gartán agus san sgìre mun cuairt. Tha crèadh Ghartáin ri lorg aig tòrr dhiubh. Ann an 1532 chruinnich Mánas Ó Dónaill, prionnsa de Chlann Dònaill, àireamh mhòr de sgeulachdan mun naomh san leabhar aige Beatha Chaluim Chille, agus e a’ tarraing air làmh-sgrìobhainnean is eòlas ionadail. Tha an leabhar a’ toirt dealbh dhuinn air tìr nan taistealach, agus tha Brian Lacey a’ dol a thoirt dhuinn a bheachd fhèin air an tìr sin, agus e gu h-àraidh gu bhith bruidhinn air Gartán, Cill Mhic Réanáin agus Tulach Dhúghlaise. Tha Slighe Chaluim Chille a’ toirt cothrom dhuibh eòlas a chur air tìr Chaluim Chille, aon de na triùir naomh-taice aig Èirinn, agus tha e a’ tarraing luchd-tadhail gu coimhearsnachdan eadar Dùn nan Gall is Doire ann an Èirinn agus Eilean Ì is na h-Eileanan Siar air taobh siar na h-Alba. Am measg nan tachartasan eile ann an Seachdain an Dualchais le ceangal ri Calum Cille tha cuairtean, òraidean agus taisbeanaidhean san Ionad Bluestack air Dìseart Chaluim Chille; aifreann ann an Gaeilge a thèid a chumail aig 3f Didòmhnaich 26 Lùnastal aig Seann Eaglais Thulacha Beigile, An Fál Carrach agus aig 6f air an 26mh, bidh cuairt agus òraid ann aig Manachainn Chaluim Chille Dhroim Thuama a’ dol bho Chidhe Mullinasole, An Lathaigh

 
Churchtown, Gartán