Rubha an Tairbeirt

Tha Rubha an Tairbeirt gu math fada air falbh bho mhanachainn Chaluim Chille air Eilean Ì far taobh siar na h-Alba.  

Ach thadhail Calum Cille air an sgìre seo mu 565 – dìreach dà bhliadhna an dèidh dha a thighinn a dh’Alba – gus ceanglaichean na bu làidir a stèidheachadh eadar na Cruithnich a bha a’ riaghladh agus gus dearbhadh fhaighinn bhuapa gum biodh diòn air na manaich aige an uair a bhiodh iad a’ siubhal.   Thathar ag ràdh gun do thadhail e air an Rìgh Brud, ’s dòcha aig an daingneach bho Linn an Iarainn aig Creag Phàdraig a tha air oir baile Inbhir Nis san là an-diugh. 

Tadhail air sgìre bhrèagha Rubha an Tairbeirt gus faighinn a-mach mu ealain is creideimh nan Cruithneach a bha beò aig àm Chaluim Chille agus aig an robh manachainn aig Port MoChalmaig a bhathar a’ sloinneadh mar ‘Ì an taobh sear’. 

Calum Cille agus na Cruithnich

Tha Adomnan, a sgrìobh eachdraidh-beatha Chaluim Chille, a’ clàradh gun tàinig Calum Cille dhan sgìre seo gus tadhal air Rìgh Brud, ceannard nan Cruithneach.  Tha leabhar Adomnan a’ toirt cunntas air grunnan turas a choinnich Calum Cille ri Cruithnich a bha a’ fuireach san sgìre.   Tha e a’ toirt cunntas air mar a dh’iompaich e na Cruithnich sin chun chreideimh Chrìosdail.   Ach dh’fhaodadh e bhith gun robh cuid aca nan Crìosdaidhean mus tàinig Calum Cille.

Bha ainm aig Calum Cille airson a bhith na neach aig an robh creideamh làidir ach cuideachd mar fhear aig an robh dlùth cheanglaichean phoilitigeach. Bhuineadh e do chinneadh a bha a’ riaghladh ann an Èirinn agus stèidhich e ceanglaichean ri cinnidhean ionadail eile a’ gabhail a-steach an Dàl Riata agus na Cruithnich an seo faisg air Inbhir Nis.

Bha na càirdeasan sin a’ cheart cho mòr co-cheangailte ri dioplòmasaidh agus poilitigs agus a bha iad mu chreideamh.   Bha Calum Cille airson dèanamh cinnteach gum biodh na manaich aige sàbhailte an uair a bhiodh iad a’ siubhal.   Ach bha e cuideachd a’ stèidheachadh deagh chàirdeas ri - agus eadar - na Cruithnich agus an Dàl Riata a bha eatorra a’ riaghladh a’ mhòr chuid dhan dùthaich ris an can sinn Alba an-diugh.   

Rè beatha Chaluim Chille, dh’atharraich an cumhachd eadar na Cruithnich agus an Dàl Riata. Bha uachdranas aig na Cruithnich is iad air làmh an uachdair fhaighinn air an Rìgh Connail ann am blàr beagan bhliadhnaichean mus tàinig Calum Cille a dh’Alba. 

Obair craobh-sgaoilidh an t-soisgeil 

Bhiodh Calum Cille air a thighinn air an astar fada suas an Gleann Mòr ann am bàta, a bhithte a’ giùlain thar an fhearann eadar na lochan.

Bha na manaich aige a’ siubhal astaran mòra air muir is tìr tro na h-Eileanan an Iar, taobh siar na h-Alba agus Arcaibh. 

Bha obair craobh-sgaoilidh an t-soisgeil na chlach-stèidh chudromach ann am beatha is creideamh nam manach dìreach mar a bha ùrnaighean poballach is prìobhaideach agus obair meòrachaidh.

Cò iad na Cruithnich?

B’ iad na Cruithnich na daoine a b’ fhaide a bha air a bhith a’ fuireach ann am Breatainn a Tuath air an robh fios aig daoine, agus a bha beò, bhon 3mh chun 9mh linn anns na ceàrnaidhean air taobh tuath agus sear na dùthcha ris an can sinn Alba an-diugh.  

Chanadh na Romanaich, Picti riutha - is dòcha bhon fhacal Laideann  ‘pingere’ airson peantadh oir dh’fhaodadh gun robh iad a’ cur tatùs air an cuirp no gam peantadh. ’S e na Cruithnich a chanar riutha sa Ghàidhlig - tha am facal Cuimreach air an son a’ toirt dhuinn na h-ainmean ‘Briton’ agus Breatainn.   

Bha ceanglaichean poilitigeach aig teaghlach rìoghail nan Cruithneach ris an Dàl Riata (ris an canar cuideachd an Scotti) a bha stèidhichte ann an Earra-Ghàidheal agus ceann a Tuath na h-Eireann, agus ri na h-Anglo Sagsons ann an Northumbria. 

Dè is aithne dhuinn mu na Cruithnich?

Chan eil fiosrachadh sam bith againn gun robh siostam sgrìobhaidh aig na Cruithnich. Is e an t-aon sgrìobhainn a tha maireann a bhuineas do na Cruithnich, liosta de na rìghrean aca, sgrìobhte ann an Laideann. 

Bho na beagan sgrìobhaidhean a chaidh an snaigheadh ann an cloich, tha luchd-foghlaim dhan bheachd gur dòcha gun robh cànan nan Cruithneach càirdeach do sheann Chuimris agus don Ghàidhlig.  

Ach bha feum aig Calum Cille air eadar-theangair an uair a thadhail e air tìr nan Cruithneach. Tha e duilich a ràdh an robh eòlas sam bith aig Calum Cille air cànan nan Cruithneach no an e nach robh na sgilean cànain aige math gu leòr gu bhith a’ dèanamh obair dhioplòmasach às aonais eadar-theangair.  

Tha an clàr as fhèarr a tha againn de chultar nan Cruithneach a’ tighinn bhon obair-ealain aca. B’ e clachairean sgileil a bha anns an Cruithnich a bha a’ dèanamh obair-snaighte iom-fhillte agus bha air a ghearradh dhan chloich agus cuid a bha a’ seasamh a-mach bhon chloich. 

Tha cuid de shamhlan a’ nochdadh air mòran dha na clachan - eòin, eich, nathraichean, èisg, sgàthain, cìrean agus pàtrain eas-chruthach.  Aon uair ’s gun deach na Cruithnich iompachadh chun chreideamh Chrìosdail sgeadaich iad iomadh clach le croisean agus samhlan Crìosdail. Dh’fhaodadh gun robh na ceudan de chlachan nan seasamh air feadh na tìr. 

Is dòcha gun robh brìgh shònraichte aig na samhlan ro-Chrìosdail ach chan eil fhios aig duine dè a tha iad a’ ciallachadh. Tha cuid air am mìneachadh mar a bhith a’ comharrachadh chinnidhean sònraichte no teaghlaichean no is dòcha sgrìobhadh ann an dealbhan.  

A' faighinn ann

Tha Rubha an Tairbeirt mu 40 mìle tuath air Inbhir Nis, air taobh sear Baile Dhubhthaich, dìreach far an A9.

 
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.1 Ionad an Tairbeirt Port MoChalmaig

    Eadar 1994 agus 2007, rinn arceòlaichean sgrùdadh air pìos dhan talamh timcheall air eaglais Naomh Calman ann am Port MoChalmaig faisg air ceann Rubha an Tairbeirt. Lorg iad fianais air manachainn mhòr a bha a’ dol air ais gu deireadh an t-6mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.2 Bhaile a’ Chnuic

    Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.3 Seannduaig

    Tha an leac-croise ann an Seannduaig còmhdaichte le samhlan Crìosdail. Tha seo mar chomharra air Crìosdaicheachd nan Cruithneach seach a bhith na cloich air a bheil dealbhaidhean pàganach is cràbhach.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.4 Clach an Neig

    Is e Clach an Neig aon de na clachan Cruithneach snaighte as fhèarr a tha ann. Chaidh a snaigheadh mu 800AD – no is dòcha nas tràithe na sin – agus tha i air a còmhdach le samhlan Crìosdail.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.5 Creag Phàdraig

    Is e cnoc air a bheil craobhan a’ fàs a tha ann an Ceag Phàdraig. Lean am frith-rathad suas an cnoc gus lorg na tha air fhàgail, is dòcha, de dhaingneach an Rìgh Brud.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.6 Làraich Chlachan Cruithneach Eile Tuath air Inbhir Nis

    Dèan sgrùdadh air eachdraidh nan Cruithneach air a’ chosta sear tuath air Inbhir Nis.