8.2 Bhaile a’ Chnuic

Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad. Is dòcha gun robh na tursachan sin a’ comharrachadh crìochan an fhearainn a bha leis a’ mhanachainn ann am Port Mo Chalmaig.

Cadboll full stone © Lucy Harland

Tha an leac-croise ann am Baile a’ Chnuic na mac-samhail air tursa a bha seo aig aon àm. Chaidh a shnaigheadh ann an 2000. Tha cùl an tursa a tha a’ coimhead taobh na tìr na lethbhreac den chloich a bha ann bho thùs agus a tha a-nis ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba. Ach, chaidh an taobh a tha a’ coimhead taobh na mara a mhilleadh san 17mh linn agus mar sin tha an snaigheadh a tha air stèidhichte gu mòr air dealbhadaireachd Cruithneach.

Chaidh bonn na cloiche a lorg às ur ann an 2001 agus tha e a-nis air a ghleidheadh ann an Talla Cuimhneachaidh Seaboard ann am Baile an Todhair nach eil fada air falbh.

Tha trì tursachan air costa sear Rubha an Tairbeirt – ann an seo aig Baile a’ Chnuic, san ath bhaile Seannduaig agus nas fhaide gu deas ann an Neig.

Rinn an neach-ealain Barry Grove an dealbhadh airson an taobh seo den chloich stèidhichte air a’ phìos bheag a bha air fhàgail agus air dealbhachadh is samhailean Cruithneach eile.

Bha an tursa a bha ann o thùs uaireigin na seasamh taobh a-muigh Teampall Mhoire, astar goirid on mhuir. Chan eil ri fhaicinn de thobhta an teampaill an-diugh ach tuim còmhdaichte le feur. Chaidh a’ chlach a bhriseadh grunnan thurais. Ann an 1676 chaidh mullach na cloiche air an taobh aghaidh a mhilleadh agus a chleachdadh an dèidh sin mar chlach-uighe. Bha an obair-snaighidh air dhubhadh às agus sgrìobhadh a chuir oirre a’ cuimhneachadh Alasdair Duff agus a thriùir mhnathan.

Cadboll stone © Lucy Harland

Tha dealbh mu shealg sa phanal a tha ann am meadhan na cloiche. Tha boireannach le bràiste mhòr-mhaisichte oirre air muin eich. Tha dithis mharcaichean còmhla rithe agus dithis choisichean a tha a’ cluiche trombaid. Tha trì coin a’ ruith rin taobh.

hunting scene © Lucy Harland

Air taobh chlì a’ bhoireannaich chithear samhla cìr agus sgàthan. Tha samlan cruithneach àbhaisteach eile os a cionn – corran agus slat-V, agus os cionn sin diosc dùbailt agus slat-z.

The lower part of the Hilton of Cadboll stone was lost and only rediscovered in 2001. Having been buried underground for so long, the details of the stone carving have not weathered or worn away.

Chaidh am pàirt as isle de chloich Bhaile a’ Chnuic air chall agus cha deach a lorg gu 2001. Seach gun robh i fon talamh cho fada, chan eil an obair-snaighidh air crìonadh fo bhuaidh na h-aimsir.

Tha am pàirt seo a-nis ann an Talla Cuimhneachaidh Seaboard. Thoir sùil air an làrach-lìn airson na h-uairean-fosglaidh.

 

A’ faighinn ann

Tha Baile a’ Chnuic 6 mìle deas air Port Mo Chalmaig. Lean an B9165 gus am faic thu soidhne air an làimh chlì airson Baile a’ Chnuic. Lean an rathad seo a dh’ionnsaigh a’ bhaile. Pìos beag seachad air Taigh-òsta Gleann Mòr na Sìth tha làrach-pàircidh beag air do làimh chlì. Tha a’ chrois pìos beag shìos bhon rathad.


 
   
  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.1 Ionad an Tairbeirt Port MoChalmaig

    Eadar 1994 agus 2007, rinn arceòlaichean sgrùdadh air pìos dhan talamh timcheall air eaglais Naomh Calman ann am Port MoChalmaig faisg air ceann Rubha an Tairbeirt. Lorg iad fianais air manachainn mhòr a bha a’ dol air ais gu deireadh an t-6mh linn.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.2 Bhaile a’ Chnuic

    Tha grunnan thursachan ann an Rubha an Tairbeirt a tha a’ toirt fainear sgil ealanta agus creideamh Crìosdail nan Cruithneach a shnaigh iad.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.3 Seannduaig

    Tha an leac-croise ann an Seannduaig còmhdaichte le samhlan Crìosdail. Tha seo mar chomharra air Crìosdaicheachd nan Cruithneach seach a bhith na cloich air a bheil dealbhaidhean pàganach is cràbhach.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.4 Clach an Neig

    Is e Clach an Neig aon de na clachan Cruithneach snaighte as fhèarr a tha ann. Chaidh a snaigheadh mu 800AD – no is dòcha nas tràithe na sin – agus tha i air a còmhdach le samhlan Crìosdail.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.5 Creag Phàdraig

    Is e cnoc air a bheil craobhan a’ fàs a tha ann an Ceag Phàdraig. Lean am frith-rathad suas an cnoc gus lorg na tha air fhàgail, is dòcha, de dhaingneach an Rìgh Brud.

  • Dunadd Fort, Argyll.
     

    8.6 Làraich Chlachan Cruithneach Eile Tuath air Inbhir Nis

    Dèan sgrùdadh air eachdraidh nan Cruithneach air a’ chosta sear tuath air Inbhir Nis.