Toraigh

Tory view © Janek Kloss

Thèid gu iar-thuath Dhùn nan Gall gus am faigh thu a-mach mu eilean Thoraigh agus na ceanglaichean a bha aige ri Calum Cille a rèir eachdraidh.

Is e Toraigh as iomallaich de dh’eileanan na h-Èireann air a bheil daoine fhathast a’ fuireach is e naoi mile air falbh thar Chaolas Thoraigh. Chan eil e ach 2 1/2 mhìle a dh’fhaid agus 3/4 a mhìle a leud, agus tha timcheall 100 neach a’ fuireach air.

Tha daoine air a bhith a’ fuireach air an eilean fad iomadh linn agus tha làraich arceòlach air a’ dol air ais gu Linn an Iarainn. Tha làraich Chrìosdail air cuideachd a’ dol air ais gu àm tràth sna meadhan aoisean. Tha mòran sgeulachdan air an innse mun cheangal a bha aig Calum Cille ri Toraigh.

Is e Toraigh cuideachd an t-àite san robh an rìgh miotasach anns nach robh ach aon shùil a’ fuireach – Balor nam Buillean Mòra. Bha an t-sùil cho olc ’s gu feumadh i a bhith air a còmhdach. A rèir fàidheadaireachd a chaidh a dhèanamh, bha ogha dha a’ dol ga mharbhadh agus mar sin ghlas Balor an t-aon nighean a bha aige, Eithne, ann an tùr mòr cloiche - Tor Mór. Ach a dh’aindeoin sin, bha mac aig Eithne - Lúgh – a choilean an fhàidheadaireachd le bhith a’ cur às dha sheanair. Bithear a’ gabhail ri Lúgh mar shamhla air mathas agus solas a’ sabaid an aghaidh Balor olc. Bha e aithnichte anns na ceàrnaidhean Ceilteach den Roinn Eòrpa mar dhia cumhachdach. Tha e a’ coimhead coltach ris gun deach mòran dha na feartan a bha aig Lugh an toirt do phearsa Chaluim Cille sna h-amannan Crìosdail.

A' faighinn ann

Tha seirbheis aiseig Thoraigh a’ ruith bhon chidhe aig Machaire Rabhartaigh/Magheroarty. Bidh an clàr-ama ag atharrachadh a rèir an t-seusain agus faodaidh aiseagan a bhith air an cur dheth gun mòran rabhaidh mar thoradh air atharrachadh san aimsir. Mar sin dèan cinnteach gu bheil cùisean dòigheil mus tèid thu chun aiseig.

Biodh fios agad nach toir an aiseag leatha ach daoine a-mhàin - cha toir i leatha carbaidean idir.

Bho Leitir Ceanainn/Letterkenny, gabh an N56 gu Dún Fionnachaidh/ Dún Fionnachaidh. Lean ort tro An Fál Carrach/Falcarragh agus Gort an Choirce/Gortachork. Seachad air Gort an Choirce/ Gortachork lean an R257 ris a’ chosta gu Machaire Rabhartaigh/ Magheroarty. Gheibh thu air pàirceadh aig a’ chidhe.

A’ tighinn bho Gaoth Dobhair/Gweedore, gabh an R258 chun chosta aig An Bun Beag/Bunbeg agus tionndaidh gu do làimh cheart chun R257 agus lean an rathad gu Machaire Rabhartaigh/Magheroarty.

 
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.1 A’ Chrois Tau

    Nuair a ruigeas tu Toraigh is e a’ chiad làrach a chì thu Crois Tau. Tha i na seasamh gu h-àrd air stèidh, agus tha a’ chrois seo a tha ann an cumadh T, na samhla air dualchas Crìosdail an eilein.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.2 An Seann Chladh

    Thathar dhan bheachd gu bheil an cladh air làrach Teampaill Buidhe/Teampull Buí – prìomh eaglais manachainn a bha air eilean Thoraigh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.3 Tùr a’ Chluig

    Is e Tùr a’ Chluig an t-aon tùr cruinn a tha air fhàgail ann an Dùn nan Gall. Ged a tha e faisg air 13 meatair a dh’àirde is e aon den fheadhainn as lugha den t-seòrsa structair seo ann an Èirinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.4 Ulaidh Eòin Baiste

    Tha an altair seo a tha air a choisrigeadh don Naomh Eòin Baiste dìreach ri taobh Tùr a’ Chluig. Tha grunnan chlachan an seo – amar cloiche, clachan agus leacan sgeadaichte, clach-bhràth agus na tha air fhàgail de stèidh croise.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.5 Ulaidh Bhrìghde

    Tha an altair cloiche aig an Naomh Brìghde na laighe eadar dà thaigh air an eilean. Air mullach na h-altarach tha trì clachan bràthan (a bhithte a’ cleachdadh airson gràn a bhleith agus dà leac chlach-ghràin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.6 Mòr Sheisear

    Is e seo na tha air fhàgail de sheapail a bha air Toraigh. Tha Mòr Sheisear a’ ciallachadh ‘big six’ agus san t-seann chànan na Gaeilge bha seo a’ seasamh airson an àireamh seachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.7 Creag a’ Choin

    A rèir beul-aithris, a chiad turas a thàinig Calum Cille gu eilean Thoraigh, choinnich e ris an rìgh ionadail, Oilill agus dhiùlt an rìgh dha a thighinn air tìr.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.8 Cnoc na Naomh

    A rèir beul-aithris sheas Calum Cille air a’ chnoc seo - Cnoc na Naomh – còmhla ri chompanaich, na naoimh Fionán, Dubthach agus Beaglaoch.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.9 Eaglais na Ráithe

    Tha a’ chrois iongantach seo a tha 5 ½ meatair a dh’àirde na seasamh am broinn tobhta Eaglais na Ráithe.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.10 Tulacha Beigile

    Tha tobhta Eaglais Tulach Beaglaoich agus an cladh a bha na cois, a tha a’ dol air ais gu deireadh an linn meadhan aoiseil, air tullach beag deas air An Fál Carrach/ Falcarragh.