2.5 Ulaidh Bhrìghde

St Brigid's Oratory, Tory © Alan Sproull

Tha an altair cloiche aig an Naomh Brìghde na laighe eadar dà thaigh air an eilean. Air mullach na h-altarach tha trì clachan bràthan (a bhithte a’ cleachdadh airson gràn a bhleith agus dà leac chlach-ghràin.

Cho math ri Ulaidh Bhrìghde/ Ulaí Bhríde tha tobhta dà sheapal - no theampall eile - air an eilean. Dh’fhaodadh aig aon àm gun robh seachd dhiubh ann.

Bhithte a’ cur chlachan-bràthan dha na seapail a bha air an eilean mar dhòigh air dèanamh cinnteach gum biodh am pailteas bidhe ri fhaotainn air eilean Thoraigh.

Tha cailis cloiche a thathar ag ràdh a bha air a cleachdadh le Calum Cille agus a chaidh a lorg air an eilean a-nis san Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann am Baile Atha Cliath.

 

A' faighinn ann

Bho Tùr a’ Chluig agus Ulaidh Eòin Baiste, thèid air ais chun rathad a’ dol gu siar.

Thèid gu do laimh chlì aig na taighean agus lorgaidh tu Ulaidh Bhrìghde air do làimh cheart air cùl fear dha na taighean.

Tha an altair direach ri taobh Tùr a’ Chluig.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.1 A’ Chrois Tau

    Nuair a ruigeas tu Toraigh is e a’ chiad làrach a chì thu Crois Tau. Tha i na seasamh gu h-àrd air stèidh, agus tha a’ chrois seo a tha ann an cumadh T, na samhla air dualchas Crìosdail an eilein.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.2 An Seann Chladh

    Thathar dhan bheachd gu bheil an cladh air làrach Teampaill Buidhe/Teampull Buí – prìomh eaglais manachainn a bha air eilean Thoraigh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.3 Tùr a’ Chluig

    Is e Tùr a’ Chluig an t-aon tùr cruinn a tha air fhàgail ann an Dùn nan Gall. Ged a tha e faisg air 13 meatair a dh’àirde is e aon den fheadhainn as lugha den t-seòrsa structair seo ann an Èirinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.4 Ulaidh Eòin Baiste

    Tha an altair seo a tha air a choisrigeadh don Naomh Eòin Baiste dìreach ri taobh Tùr a’ Chluig. Tha grunnan chlachan an seo – amar cloiche, clachan agus leacan sgeadaichte, clach-bhràth agus na tha air fhàgail de stèidh croise.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.5 Ulaidh Bhrìghde

    Tha an altair cloiche aig an Naomh Brìghde na laighe eadar dà thaigh air an eilean. Air mullach na h-altarach tha trì clachan bràthan (a bhithte a’ cleachdadh airson gràn a bhleith agus dà leac chlach-ghràin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.6 Mòr Sheisear

    Is e seo na tha air fhàgail de sheapail a bha air Toraigh. Tha Mòr Sheisear a’ ciallachadh ‘big six’ agus san t-seann chànan na Gaeilge bha seo a’ seasamh airson an àireamh seachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.7 Creag a’ Choin

    A rèir beul-aithris, a chiad turas a thàinig Calum Cille gu eilean Thoraigh, choinnich e ris an rìgh ionadail, Oilill agus dhiùlt an rìgh dha a thighinn air tìr.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.8 Cnoc na Naomh

    A rèir beul-aithris sheas Calum Cille air a’ chnoc seo - Cnoc na Naomh – còmhla ri chompanaich, na naoimh Fionán, Dubthach agus Beaglaoch.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.9 Eaglais na Ráithe

    Tha a’ chrois iongantach seo a tha 5 ½ meatair a dh’àirde na seasamh am broinn tobhta Eaglais na Ráithe.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.10 Tulacha Beigile

    Tha tobhta Eaglais Tulach Beaglaoich agus an cladh a bha na cois, a tha a’ dol air ais gu deireadh an linn meadhan aoiseil, air tullach beag deas air An Fál Carrach/ Falcarragh.