2.9 Eaglais An Ráith

’S e a th’ ann an Ráith àite far a bheil làrach seann eaglais ri fhaicinn, a tha cliùiteach airson a ceanglaichean ri Abaid Eilean Ì, agus airson na croise fìor àrd a th’ ann (5.56m), aon de na croisean as àirde ann an Èirinn no ’s dòcha an tè as àirde. Tha an eaglais suidhichte air bruach an ear Abhainn Ráithe faisg air beul na h-aibhne. Eadar an 6mh is an 8mh linn bha an abhainn mar chrìch eadar dà rìoghachd bheag, Cineál Duach air taobh an ear na h-aibhne agus Cineál Lughdach air an taobh an iar.

Ray cross © Alan Sproull

San 7mh linn bha ceathrar abachan cudromach de dh’Abaid Eilean Ì ann a bhuineadh do Chineál Duach. Thathar cha mhòr cinnteach gur i seo an eaglais a bh’ aca mus deach iad a dh’Eilean Ì. Tha a’ chrois mhòr àrd a-nis na seasamh am broinn an tobhta agus buinidh a’ mhòr-chuid den eaglais a tha air fhàgail don 17mh linn. Seach nach eil sgath sgeadachaidh ri fhaicinn air a’ chrois, tha e doirbh tomhas dè cho sean ’s a tha i, ach tha i gu math coltach a thaobh cruth is meud ri Crois an Naoimh Eòin ann an Eilean Ì (a chaidh a thogail mu 775AD) – a’ chrois as sine, thathar ag ràdh, bho am measg nan croisean cloiche le cearcall (na croisean ‘Ceilteach’ mar a chanas cuid riutha) a gheibhear sna h-eileanan seo – agus dh’fhaodadh gun deach a togail mun aon àm. Tha uirsgeul toinnte bho bheul-aithris ag innse gun deach Crois Ráithe a dhèanamh air a’ bheinn, an Mhucais, do Chalum Cille a bha an dùil a toirt a Thoraigh, ach an àite sin thug e mar thiodhlac i don naomh ionadail, Fionán, às dèidh don naomh sin leabhar an t-soisgeil aig Calum Cille a thilleadh thuige gu mìorbhaileach às dèidh dha a bhith air chall. Gu o chionn ghoirid bha a’ chrois – a bha briste agus air tuiteam – na laighe sa chladh ri taobh na h-eaglaise faisg, tha e coltach, air an àite far an deach a cur suas an toiseach.

 

A’ faighinn ann

Bho Machaire Rabhartaigh gabh an N56 air ais gu An Fál Carrach/Falcarragh. Thèid tron bhaile agus lean ort airson mu ½ mìle. An dèidh a dhol tarsainn air Drochaid An Ráith gabh a’ chiad lùb gu do làimh chlì. Tha an eaglais aig ceann an rathaid.

tuilleadh fiosrachaidh...


 
   
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.1 A’ Chrois Tau

    Nuair a ruigeas tu Toraigh is e a’ chiad làrach a chì thu Crois Tau. Tha i na seasamh gu h-àrd air stèidh, agus tha a’ chrois seo a tha ann an cumadh T, na samhla air dualchas Crìosdail an eilein.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.2 An Seann Chladh

    Thathar dhan bheachd gu bheil an cladh air làrach Teampaill Buidhe/Teampull Buí – prìomh eaglais manachainn a bha air eilean Thoraigh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.3 Tùr a’ Chluig

    Is e Tùr a’ Chluig an t-aon tùr cruinn a tha air fhàgail ann an Dùn nan Gall. Ged a tha e faisg air 13 meatair a dh’àirde is e aon den fheadhainn as lugha den t-seòrsa structair seo ann an Èirinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.4 Ulaidh Eòin Baiste

    Tha an altair seo a tha air a choisrigeadh don Naomh Eòin Baiste dìreach ri taobh Tùr a’ Chluig. Tha grunnan chlachan an seo – amar cloiche, clachan agus leacan sgeadaichte, clach-bhràth agus na tha air fhàgail de stèidh croise.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.5 Ulaidh Bhrìghde

    Tha an altair cloiche aig an Naomh Brìghde na laighe eadar dà thaigh air an eilean. Air mullach na h-altarach tha trì clachan bràthan (a bhithte a’ cleachdadh airson gràn a bhleith agus dà leac chlach-ghràin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.6 Mòr Sheisear

    Is e seo na tha air fhàgail de sheapail a bha air Toraigh. Tha Mòr Sheisear a’ ciallachadh ‘big six’ agus san t-seann chànan na Gaeilge bha seo a’ seasamh airson an àireamh seachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.7 Creag a’ Choin

    A rèir beul-aithris, a chiad turas a thàinig Calum Cille gu eilean Thoraigh, choinnich e ris an rìgh ionadail, Oilill agus dhiùlt an rìgh dha a thighinn air tìr.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.8 Cnoc na Naomh

    A rèir beul-aithris sheas Calum Cille air a’ chnoc seo - Cnoc na Naomh – còmhla ri chompanaich, na naoimh Fionán, Dubthach agus Beaglaoch.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.9 Eaglais na Ráithe

    Tha a’ chrois iongantach seo a tha 5 ½ meatair a dh’àirde na seasamh am broinn tobhta Eaglais na Ráithe.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.10 Tulacha Beigile

    Tha tobhta Eaglais Tulach Beaglaoich agus an cladh a bha na cois, a tha a’ dol air ais gu deireadh an linn meadhan aoiseil, air tullach beag deas air An Fál Carrach/ Falcarragh.