2.10 Tulach Beaglaoich

Tha tobhta Eaglais Thulacha Beigile agus an cladh a bha na cois, a tha a’ dol air ais gu deireadh an linn meadhan aoiseil, air tullach beag deas air An Fál Carrach/ Falcarragh. ’S iongantach mun robhar a’ cleachdadh an tulaich seo- no an ‘tom’ no cnoc beag – air tùs mar àite san robhar a’ cumail sheirbheisean coisrigidh no cruinneachaidhean eile.

Lorgar làraich eile de charraighean-cuimhne faisg air làimh mar àiteachan-adhlacaidh, tobair choisrigte agus Tuama Cùirt na Clocha Corra/Cloghacorr Court Tomb. Tha seo a’ toirt dhuinn beachd gur e àite comharraichte a bha seo a bha cudromach airson deas-ghnàthan cho fada air ais ri mu 3000BC.

Tha paraiste Tulacha Beigile a’ gabhail a-steach sgìre mhòr sa cheàrnaidh seo de iar thuath Dhùn nan Gall. Tha an sgìre a’ faighinn a h-ainm bho agus co-cheangailte ri naomh ionadail - Bigill, Tulcha no Bigill à Tulach. Dh’fhaodadh e bhith gun robh an naomh seo agus an cleachdadh a bhith a’ comharrachadh an là fèill aige air 1 Samhain, a’ dol air ais chun chreideamh phàganach ro-Chrìosdail an uair a bhithte a’ comharrachadh fèill na Samhna air an là seo.

Dh’fhaodadh cuideachd gu bheil Lug, am bith miotasach, mar fhuasgladh eile air eachdraidh thràth Tulacha Beigile/Tullaghabegley. B’ e ainm tràth airson an tulaich seo agus an eaglais a bha air - Talgalug ann an Laideann no Tulach Logha ann an Gaeilge a tha a’ ciallachadh ‘tom no àite-cruinneachaidh Lug’.

Gu h-ionadail canar Beigbhile no Beaglaoch ris an laoch agus thathar ag ràdh (is dòcha gu mearachdach) gun robh e càirdeach do Chalum Chille. Tha Beaglaoch a’ nochdadh san sgeula mun dòigh san do dh’iompaichear Eilean Thoraigh le Calum Cille an uair a bhuannaich e farpais tilgeil bachaill. – thathar ag ràdh nach do ràinig bachall Bheaglaoich ach cho fada ri Tulacha Beigile/Tullaghabegley agus gur e sin an t- adhbhar a thog e eaglais air an làrach seo.

Tha sgeula eile a chaidh a togail sa cheàrnaidh seo a’ toirt mìneachaidh air an adhbhar a bha an eaglais ann an seo:-

Bha Beaglaoch a’ dol tro Bhealach A’ Mhucais, air an allaban, ‘gun cheann-uidhe cinnteach……ach gun robh fhios aige gun robh Dia ag iarraidh air cumail a’ dol.’ Cha robh càil sam bith aige na sheilbh, ach asal air an tàinig e tarsainn is e air chall is a’ falbh bho àite gu àite. Cha ghabhadh smachd a chumail air an asal. An uair thàinig am feasgar, shuidh an naomh sìos, a’ leigeil anail agus bha an t-asal a’ dol mun cuairt ag ithe an fheòir. Fhad ’s a bha e na shuidhe ann an sin, bha ‘sealladh de sheòrsa air choreigin’ aig an naomh agus thuig e gun robh e air a cheann-uidhe a ruighinn.

Ge bith càite an laigheadh an t-asal airson fois na h-oidhche, sin an dearbh làrach air an suidhicheadh e an togalach ùr. Chaidh e air tòir an asail, agus lorg e e furasta gu leòr, na shìneadh airson na h-oidhche air tulach gorm – agus thurchair gur e seo an dearbh àite sam biodh na pàganaich ionadail a’ cumail an deas-ghnàthan pàganach gus a bhith a’ comharrachadh agus a’ cuimhneachadh air an diathan. Ghabh Beaglaoch [St Begley] seilbh air an làrach. Bheannaich e e ann an ainm an Tighearna. Chuir e air falbh na pàganaich shaobh-chràbhach. Sin mar a thug Dia Beaglaoch chun tulach.

(air a thoirt bho: Tulach Beaglaoich inné agus inniu. Glór na nGael, An Fál Carrach, agus Cumann Staire is Seanchais Chloich Cheann Fhaola).

 

A’ faighinn ann

Bho An Ráith till air ais gu siar gu An Fál Carrach/Falcarragh. Ann am meadhan An Fál Carrach/Falcarragh tionndaidh gu do làimh cheart gu Leitir Ceanainn/Letterkenny air an R256. Air oir a’ bhaile gabh gu do làimh cheart. Mar a tha an rathad a’ lùbadh chun taobh cheart, chì thu soighne airson Tulach Beaglaoich/Tullaghabegley air do làimh chlì. Pàirc an càr ann an seo agus coisich suas chun chladh.

tuilleadh fiosrachaidh…


 
   
  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.1 A’ Chrois Tau

    Nuair a ruigeas tu Toraigh is e a’ chiad làrach a chì thu Crois Tau. Tha i na seasamh gu h-àrd air stèidh, agus tha a’ chrois seo a tha ann an cumadh T, na samhla air dualchas Crìosdail an eilein.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.2 An Seann Chladh

    Thathar dhan bheachd gu bheil an cladh air làrach Teampaill Buidhe/Teampull Buí – prìomh eaglais manachainn a bha air eilean Thoraigh.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.3 Tùr a’ Chluig

    Is e Tùr a’ Chluig an t-aon tùr cruinn a tha air fhàgail ann an Dùn nan Gall. Ged a tha e faisg air 13 meatair a dh’àirde is e aon den fheadhainn as lugha den t-seòrsa structair seo ann an Èirinn.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.4 Ulaidh Eòin Baiste

    Tha an altair seo a tha air a choisrigeadh don Naomh Eòin Baiste dìreach ri taobh Tùr a’ Chluig. Tha grunnan chlachan an seo – amar cloiche, clachan agus leacan sgeadaichte, clach-bhràth agus na tha air fhàgail de stèidh croise.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.5 Ulaidh Bhrìghde

    Tha an altair cloiche aig an Naomh Brìghde na laighe eadar dà thaigh air an eilean. Air mullach na h-altarach tha trì clachan bràthan (a bhithte a’ cleachdadh airson gràn a bhleith agus dà leac chlach-ghràin.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.6 Mòr Sheisear

    Is e seo na tha air fhàgail de sheapail a bha air Toraigh. Tha Mòr Sheisear a’ ciallachadh ‘big six’ agus san t-seann chànan na Gaeilge bha seo a’ seasamh airson an àireamh seachd.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.7 Creag a’ Choin

    A rèir beul-aithris, a chiad turas a thàinig Calum Cille gu eilean Thoraigh, choinnich e ris an rìgh ionadail, Oilill agus dhiùlt an rìgh dha a thighinn air tìr.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.8 Cnoc na Naomh

    A rèir beul-aithris sheas Calum Cille air a’ chnoc seo - Cnoc na Naomh – còmhla ri chompanaich, na naoimh Fionán, Dubthach agus Beaglaoch.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.9 Eaglais na Ráithe

    Tha a’ chrois iongantach seo a tha 5 ½ meatair a dh’àirde na seasamh am broinn tobhta Eaglais na Ráithe.

  • Kilmory Knap Chapel carved graveslabs
     

    2.10 Tulacha Beigile

    Tha tobhta Eaglais Tulach Beaglaoich agus an cladh a bha na cois, a tha a’ dol air ais gu deireadh an linn meadhan aoiseil, air tullach beag deas air An Fál Carrach/ Falcarragh.